bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 14
2 Kings 14
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 15 →
1
Anns an dara bliadhna de Iehoas mac Iehoahais rìgh Israeil, rìghich Amasiah mac Iòais, rìgh Iùdah.
2
Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e naoi‐bliadhna‑fichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iehoadan o Ierusalem.
3
Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna; ach cha b’ann cosmhail ri Daibhidh a athair: a rèir gach nì a rinn Iòas a athair, rinn esan.
4
Ach cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: fhathast bha an sluagh ag ìobradh agus a’ losgadh tùis air na h‑àitean àrda.
5
A‑nis nuair a dhaingnicheadh an rìoghachd na làimh, mharbh e a sheirbhisich a mharbh an rìgh, a athair.
6
Ach mic nam mortairean cha do mharbh e; mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar‐lagha Mhaois, anns an d’àithn an Tighearna, ag ràdh, Cha chuirear na h‑athraichean gu bàs airson nam mac, agus cha chuirear na mic gu bàs airson nan athraichean: ach cuirear gach duine gu bàs airson a pheacaidh fhèin.
7
Bhuail e de Edom ann an gleann an t‑salainn deich mìle, agus ghlac e Selah anns a’ chogadh, agus thug e Iocteel mar ainm air gus an là‑an‑diugh.
8
An sin chuir Amasiah teachdairean a dh’ionnsaigh Iehoais mhic Iehoahais mhic Iehu, rìgh Israeil, ag ràdh, Thig, seallamaid air a chèile anns an aghaidh.
9
Agus chuir Iehoas rìgh Israeil teachdairean a dh’ionnsaigh Amasiah rìgh Iùdah, ag ràdh, Chuir am fòghnan a bha ann an Lebanon fios a dh’ionnsaigh an t‑seudair a bha ann an Lebanon, ag ràdh, Thoir do nighean dom mhac‐sa na mnaoi: agus chaidh fiadh‐bheathach seachad a bha ann an Lebanon, agus shaltair e sìos am fòghnan.
10
Bhuail thu gun amharas Edom, agus thog do chridhe suas thu: dèan uaill à seo, agus fan aig do thaigh: oir carson a bhiodh làmh agad ann an nì a‑chum d’aimhleis, air chor is gun tuiteadh tu fhèin agus Iùdah maille riut?
11
Ach cha d’èisd Amasiah ris: uime sin chaidh Iehoas rìgh Israeil suas, agus dh’amhairc e fhèin agus Amasiah rìgh Iùdah air aghaidh a chèile aig Bet‐semes, a bhuineas do Iùdah.
12
Agus bhuaileadh Iùdah ro Israel, agus theich iad gach fear a dh’ionnsaigh am bùthan.
13
Agus ghlac Iehoas rìgh Israeil Amasiah rìgh Iùdah, mac Iehoais mhic Ahasiah, aig Bet‐semes, agus thàinig e gu Ierusalem, agus bhris e sìos balla Ierusaleim o gheata Ephraim gu geata na h‑oisne, ceithir cheud làmh‐choille.
14
Agus ghabh e an t‑òr agus an t‑airgead uile, agus na soithichean uile a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh, agus braighdean‐gill, agus thill e gu Samaria.
15
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoais a rinn e, agus a thrèine, agus mar a chog e ri Amasiah rìgh Iùdah, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
16
Agus chaidil Iehoas maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann an Samaria maille ri rìghrean Israeil, agus rìghich Ierobòam a mhac na àite.
17
Agus bha Amasiah mac Iòais rìgh Iùdah beò an dèidh bàs Iehoais mhic Iehoahais, rìgh Israeil, còig‐bliadhna‑deug.
18
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Amasiah, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
19
Agus rinn iad ceannairc na aghaidh ann an Ierusalem; agus theich e gu Lachis: ach chuir iad daoine na dhèidh gu Lachis, agus mharbh iad e an sin.
20
Agus thug iad leo air eich e; agus dh’adhlaiceadh e ann an Ierusalem maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh.
21
Agus ghabh sluagh Iùdah uile Asariah, agus e sia‑bliadhna‑deug a dh’aois, agus rinn iad na rìgh e an àit a athar Amasiah.
22
Thog esan Elat, agus dh’aisig e e do Iùdah, an dèidh don rìgh cadal maille ra athraichean.
23
Ann an còigeamh‐bliadhna‑deug Amasiah mac Iòais, rìgh Iùdah, thòisich Ierobòam mac Iòais, rìgh Israeil, air rìoghachadh ann an Samaria; agus rìghich e bliadhna agus dà‑fhichead.
24
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna: cha do dhealaich e ri uile pheacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh.
25
Dh’aisig e crìoch Israeil o dhol a‑steach Hamait gu ruig muir a’ chòmhnaird, a rèir facal an Tighearna Dia Israeil, a labhair e le làimh a sheirbhisich Ionah mhic Amitai, am fàidh, a bha o Ghat‐hepher.
26
Oir chunnaic an Tighearna àmhghar Israeil, gu robh e ro‑shearbh; oir cha robh neach air bith air a dhruideadh suas, agus cha d’fhàgadh neach air bith, agus cha robh fear‐còmhnaidh ann aig Israel.
27
Agus cha dubhairt an Tighearna gun dubhadh e a‑mach ainm Israeil o bhith fo nèamh: ach shaor e iad le làimh Ierobòaim mhic Iòais.
28
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ierobòaim, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine, mar a chog e, agus mar a dh’aisig e Damascas, agus Hamat, a bu le Iùdah, do Israel, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
29
Agus chaidil Ierobòam maille ra athraichean, maille ri rìghrean Israeil; agus rìghich Sachariah a mhac na àite.
← Chapter 13
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 15 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25