bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 8
2 Kings 8
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 9 →
1
An sin labhair Elisa ris a’ mhnaoi, don d’ath‐bheothaich e a mac, ag ràdh, Eirich, agus imich thusa agus do theaghlach, agus falbh air chuairt ge bè àit am faod thu a bhith air chuairt: oir ghairm an Tighearna air gorta, agus mar an ceudna thig i air an tìr rè seachd bliadhna.
2
Agus dh’èirich a’ bhean, agus rinn i a rèir facal an duine le Dia: agus dh’fhalbh i fhèin agus a teaghlach, agus bha i air chuairt ann an tìr nam Philisteach rè seachd bliadhna.
3
Agus aig ceann nan seachd bliadhna thill a’ bhean à tìr nam Philisteach: agus chaidh i a‑mach a ghairm air an rìgh airson a taighe, agus airson a fearainn.
4
Agus labhair an rìgh ri Gehasi, òglach an duine le Dia, ag ràdh, Innis dhomh, guidheam ort, na nithean mòra uile a rinn Elisa.
5
Agus nuair a bha e ag innse don rìgh mar a dh’ath‐bheothaich e neach a bha marbh, feuch, ghlaodh a’ bhean, don d’ath‐bheothaich e a mac, ris an rìgh airson a taighe, agus airson a fearainn. Agus thubhairt Gehasi, Mo thighearna, a rìgh, seo a’ bhean, agus seo a mac, a dh’ath‐bheothaich Elisa.
6
Agus nuair a dh’fheòraich an rìgh den mhnaoi, dh’innis i dha. Agus dh’òrdaich an rìgh dhi maor àraidh, ag ràdh, Thoir air ais gach nì a bu leatha, agus uile thoradh an fhearainn, on là a dh’fhàg i an tìr, eadhon gus a‑nis.
7
Agus thàinig Elisa gu Damascas; agus bha Ben‐hadad rìgh Shiria tinn: agus dh’innseadh dha, ag ràdh, Thàinig an duine le Dia an seo.
8
Agus thubhairt an rìgh ri Hasael, Gabh ann ad làimh tìodhlac, agus falbh an coinneamh an duine le Dia, agus fiosraich den Tighearna leis ag ràdh, An tig mi on tinneas seo?
9
Agus dh’fhalbh Hasael na choinneamh, agus ghabh e tìodhlac na làimh, eadhon de gach nì math a bha ann an Damascas, èire dà‑fhichead càmhal: agus thàinig e, agus sheas e na làthair, agus thubhairt e, Chuir do mhac Ben‐hadad, rìgh Shiria, mise ad ionnsaigh, ag ràdh, An tig mi on tinneas seo?
10
Agus thubhairt Elisa ris, Falbh, abair ris, Faodaidh tu gun teagamh teachd uaithe: gidheadh, nochd an Tighearna dhòmhsa gum faigh e gu cinnteach bàs.
11
Agus shocraich e a ghnùis gu seasmhach, gus an robh nàire air: agus ghuil an duine le Dia.
12
Agus thubhairt Hasael, Carson a tha mo thighearna a’ gul? Agus fhreagair esan, A chionn gu bheil fhios agam air an olc a nì thusa do chloinn Israeil: an daingnichean làidir cuiridh tu ri theine, agus an daoine òga marbhaidh tu leis a’ chlaidheamh, agus an clann bheag bruthaidh tu, agus am mnathan torrach reubaidh tu suas.
13
Agus thubhairt Hasael, Ach ciod, an cù do sheirbhiseach, gun dèanadh e an nì mòr seo? Agus fhreagair Elisa, Nochd an Tighearna dhòmhsa gum bi thu ad rìgh air Siria.
14
Agus dh’fhalbh e o Elisa, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a thighearna, a thubhairt ris, Ciod a thubhairt Elisa riut? Agus fhreagair esan, Dh’innis e dhomh gun tig thu gu cinnteach on tinneas seo.
15
Agus air an là màireach ghabh e aodach tiugh, agus thum e ann an uisge e, agus sgaoil e air a aghaidh e, air chor is gun d’fhuair e bàs: agus rìghich Hasael na àite.
16
Agus anns a’ chòigeamh bliadhna de Ioram mac Ahaib, rìgh Israeil, thòisich Iehoram, mac Iehosaphait, rìgh Iùdah, air rìoghachadh.
17
Dà‑bhliadhna‑dheug ar fhichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e ochd bliadhna ann an Ierusalem.
18
Agus ghluais e ann an slighe rìghrean Israeil, mar a rinn taigh Ahaib; oir bha nighean Ahaib na mnaoi aige: agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna.
19
Gidheadh cha b’àill leis an Tighearna Iùdah a sgrios, air sgàth Dhaibhidh a òglach, mar a gheall e dha solas a thabhairt dha fhèin agus da mhic an còmhnaidh.
20
Na làithean‐san dh’èirich Edom o bhith fo làimh Iùdah, agus rinn iad rìgh os an cionn fhèin.
21
Agus chaidh Ioram thairis gu Sair, agus na carbadan uile maille ris; agus dh’èirich e anns an oidhche, agus bhuail e na h‑Edomaich a bha mun cuairt air, agus ceannardan nan carbad: agus theich an sluagh dam bùthan.
22
Gidheadh dh’èirich Edom o bhith fo làimh Iùdah gus an là‑an‑diugh: agus dh’èirich Libnah anns an àm cheudna.
23
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Ioraim, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
24
Agus chaidil Ioram maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Ahasiah a mhac na àite.
25
Anns an dara‑bliadhna‑deug de Ioram mac Ahaib, rìgh Israeil, thòisich Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, air rìoghachadh.
26
Dà bhliadhna ar fhichead a dh’aois bha Ahasiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ataliah, nighean Omri rìgh Israeil.
27
Agus ghluais e ann an slighe taigh Ahaib, agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn taigh Ahaib: oir bu chliamhain do thaigh Ahaib e.
28
Agus chaidh e maille ri Ioram mac Ahaib gu cogadh an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria ann an Ramot‐gilead; agus lot na Sirianaich Ioram.
29
Agus chaidh rìgh Ioram air ais gu bhith air a leigheas ann an Iesreel o na lotan a thug na Sirianaich dha ann an Ramot, nuair a chog e an aghaidh Hasaeil rìgh Shiria: agus chaidh Ahasiah mac Iehoraim, rìgh Iùdah, sìos a dh’fhaicinn Ioraim mhic Ahaib ann an Iesreel, a chionn gu robh e tinn.
← Chapter 7
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 9 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25