bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 7
2 Kings 7
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 8 →
1
An sin thubhairt Elisa, Eisdibh ri facal an Tighearna: Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mun tràth seo a‑màireach reicear tomhas eòrna air secel ann an geata Shamaria.
2
Agus fhreagair ceannard, air làimh an do leig an rìgh a thaic, an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch, ged dhèanadh an Tighearna tuil‐dhorsan anns na nèamhan, am faodadh an nì seo a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thusa led shùilean e, ach chan ith thu dheth.
3
Agus bha ceathrar dhaoine air an robh an luibhre aig dol a‑steach a’ gheata; agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Carson a dh’fhanas sinn an seo gus am bàsaich sinn?
4
Ma their sinn, Rachamaid a‑steach don bhaile, tha a’ ghorta anns a’ bhaile, agus bàsaichidh sinn an sin; agus ma dh’fhanas sinn an seo, bàsaichidh sinn mar an ceudna. A‑nis, matà, thigibh, agus teicheamaid gu camp nan Sirianach: ma chaomhnas iad beò sinn, bidh sinn beò; ach ma mharbhas iad sinn, chan fhaigh sinn ach am bàs.
5
Agus dh’èirich iad anns an dùbhradh gu dol a dh’ionnsaigh camp nan Sirianach: agus nuair a thàinig iad gus a’ chuid a b’fhaide a‑mach de champ nan Sirianach, feuch, cha robh duine air bith an sin:
6
Oir thug an Tighearna air feachd nan Sirianach fuaim charbad a chluinntinn, agus fuaim each, eadhon fuaim slòigh mhòir: agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Feuch, thuarasdalaich rìgh Israeil nar n‑aghaidh rìghrean nan Hiteach, agus rìghrean nan Eiphiteach, gu teachd oirnn.
7
Uime sin dh’èirich iad, agus theich iad anns an dùbhradh, agus dh’fhàg iad am bùthan, agus an eich, agus an asail, eadhon an camp mar a bha e, agus theich iad airson am beatha.
8
Agus nuair a thàinig na lobhair sin gus a’ chuid a b’fhaide a‑muigh den champ, chaidh iad a‑steach do aon bhùth, agus dh’ith iad, agus dh’òl iad, agus thug iad leo as a sin airgead, agus òr, agus aodach, agus chaidh iad agus dh’fhalaich iad iad; agus thàinig iad air an ais, agus chaidh iad a‑steach do bhùth eile, agus thug iad leo as a sin mar an ceudna, agus chaidh iad agus dh’fhalaich iad iad.
9
Agus thubhairt iad gach fear ri chèile, Chan eil sinn a’ dèanamh gu ceart: is là deagh sgeòil an là seo, agus tha sinne nar tosd: ma dh’fhanas sinn gu solas na maidne thig olc‐eigin oirnn: a‑nis, matà, thigibh, agus rachamaid agus innseamaid do theaghlach an rìgh.
10
Agus thàinig iad agus ghlaodh iad ri dorsairean a’ bhaile, agus dh’innis iad dhaibh, ag ràdh, Chaidh sinne gu camp nan Sirianach, agus, feuch, cha robh duine air bith an sin, no guth duine, ach eich ceangailte, agus asail ceangailte, agus na bùthan mar a bha iad.
11
Agus ghlaodh na dorsairean, agus dh’innis iadsan do theaghlach an rìgh a‑staigh.
12
Agus dh’èirich an rìgh anns an oidhche, agus thubhairt e ra sheirbhisich, Innsidh mi dhuibh a‑nis ciod a rinn na Sirianaich oirnn: tha fhios aca gu bheil sinne acrach, agus chaidh iad a‑mach as a’ champ gu am falach fhèin anns a’ mhachair, ag ràdh, Nuair a thig iad a‑mach as a’ bhaile, glacaidh sinn beò iad, agus thèid sinn a‑steach don bhaile.
13
Agus fhreagair aon de a sheirbhisich, agus thubhairt e. Gabhar a‑nis còig de na h‑eich a tha air am fàgail, a dh’fhan anns a’ bhaile (feuch, tha iad mar uile shluagh Israeil don do chuireadh as) agus cuireamaid teachdairean uainn agus faiceamaid.
14
Ghabhadh uime sin dà each‐carbaid; agus chuir an rìgh teachdairean an dèidh feachd nan Sirianach, ag ràdh, Rachaibh agus faicibh.
15
Agus chaidh iad nan dèidh gu ruig Iòrdan, agus, feuch, bha an t‑slighe uile làn de aodach, agus de shoithichean, a thilg na Sirianaich uapa nan cabhaig: agus thill na teachdairean, agus dh’innis iad don rìgh.
16
Agus chaidh an sluagh a‑mach, agus chreach iad camp nan Sirianach: agus reiceadh tomhas de mhin mhìn air secel, agus dà thomhas eòrna air secel, a rèir facal an Tighearna.
17
Agus chuir an rìgh cùram a’ gheata air a’ cheannard, air làimh an do leig e a thaic: agus shaltair an sluagh air anns a’ gheata, agus dh’eug e, mar a thubhairt an duine le Dia, a labhair nuair a thàinig an rìgh a‑nuas da ionnsaigh.
18
Agus thachair e mar a labhair an duine le Dia ris an rìgh, ag ràdh, Bidh dà thomhas eòrna air secel, agus tomhas de mhin mhìn air secel, mun tràth seo a‑màireach ann an geata Shamaria:
19
Agus fhreagair an ceannard sin an duine le Dia, agus thubhairt e, Feuch a‑nis, ged dhèanadh an Tighearna tuil‐dhorsan anns na nèamhan, am faodadh a leithid seo de nì a bhith? Agus thubhairt esan, Feuch, chì thu led shùilean e, ach chan ith thu dheth.
20
Eadhon mar sin thachair e dha: oir shaltair an sluagh air anns a’ gheata, agus dh’eug e.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25