bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 24
2 Kings 24
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 25 →
1
Na làithean‐san thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin a‑nìos, agus bha Iehoiacim na sheirbhiseach aige trì bliadhna: an sin thill e agus rinn e ceannairc na aghaidh.
2
Agus chuir an Tighearna na aghaidh buidhnean de na Caldèanaich, agus buidhnean de na Sirianaich, agus buidhnean de na Mòabaich, agus buidhnean de chloinn Amoin, agus chuir e iad an aghaidh Iùdah ga sgrios, a rèir facal an Tighearna, a labhair e le a sheirbhisich, na fàidhean.
3
Gu cinnteach air àithne an Tighearna thàinig seo air Iùdah, a‑chum an atharrachadh as a shealladh airson peacaidhean Mhanaseh, a rèir nan uile nithean a rinn e:
4
Agus mar an ceudna, airson na fala neochiontaich a dhòirt e; oir lìon e Ierusalem le fuil neochiontaich, nach maitheadh an Tighearna.
5
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoiacim, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
6
Agus chaidil Iehoiacim maille ra athraichean: agus rìghich Iehoiachin a mhac na àite.
7
Ach cha tàinig rìgh na h‑Eiphit nas mò as a thìr fhèin: oir ghlac rìgh Bhàbiloin o abhainn na h‑Eiphit gus an abhainn Euphràtes, gach nì a bu le rìgh na h‑Eiphit.
8
Ochd‐bliadhna‑deug a dh’aois bha Iehoiachin nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e ann an Ierusalem trì mìosan: agus b’e ainm a mhàthar Nehusta, nighean Elnatain o Ierusalem.
9
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn a athair.
10
Anns an àm sin thàinig seirbhisich Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin a‑nìos an aghaidh Ierusaleim, agus theannaicheadh am baile.
11
Agus thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin an aghaidh a’ bhaile, agus theannaich a sheirbhisich e.
12
Agus chaidh Iehoiachin rìgh Iùdah a‑mach a dh’ionnsaigh rìgh Bhàbiloin, e fhèin agus a mhàthair, agus a sheirbhisich, agus a cheannardan, agus a chaillteanaich: agus ghlac rìgh Bhàbiloin e anns an ochdamh bliadhna de a rìoghachadh.
13
Agus thug e a‑mach as a sin uile ionmhasan taigh an Tighearna, agus ionmhasan taigh an rìgh, agus gheàrr e nam bloighdean na soithichean òir uile a rinn Solamh rìgh Israeil ann an teampall an Tighearna, mar a labhair an Tighearna.
14
Agus thug e leis Ierusalem uile, agus na ceannardan uile, agus na daoine treuna uile, deich mìle de bhraighdean, agus an luchd‐ceàirde uile, agus na goibhnean: cha d’fhan a h‑aon ach bochdan sluagh na tìre.
15
Agus thug e leis Iehoiachin do Bhàbilon, agus màthair an rìgh, agus mnathan an rìgh, agus a chaillteanaich, agus daoine cumhachdach na tìre; iad sin thug e leis am braighdeanas, o Ierusalem do Bhàbilon.
16
Agus na daoine gaisgeil uile, seachd mìle, agus an luchd‐ceàirde, agus na goibhnean, mìle, iadsan uile a bha comasach agus a dhèanadh cogadh, eadhon iadsan thug rìgh Bhàbiloin am braighdeanas leis do Bhàbilon.
17
Agus rinn rìgh Bhàbiloin Mataniah bràthair a athar na rìgh na àite, agus thionndaidh e a ainm gu Sedeciah.
18
Bliadhna‑ar‑fhichead a dh’aois bha Sedeciah nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e aon‐bhliadhna‑deug ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Hamutal, nighean Ieremiah o Libnah.
19
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn Iehoiacim.
20
Oir tro chorraich an Tighearna bha e mar sin ann an Ierusalem agus ann an Iùdah, gus an do thilg e as a làthair iad: agus rinn Sedeciah ceannairc an aghaidh rìgh Bhàbiloin.
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 25 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25