bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 22
2 Kings 22
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 23 →
1
Ochd bliadhna a dh’aois bha Iosiah nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon‐bhliadhna‑deug ar fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iedidah, nighean Adaiah o Bhoscat.
2
Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, agus dh’imich e ann an uile shlighe Dhaibhidh a athair, agus cha do chlaon e a dh’ionnsaigh na làimhe deise no na làimhe clìthe.
3
Agus anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de rìgh Iosiah, chuir an rìgh Saphan mac Asaliah, mhic Mhesulaim, an sgrìobhaiche, do thaigh an Tighearna, ag ràdh,
4
Falbh suas gu Hilciah an t‑àrd‐shagart, a‑chum gun àireamh e an t‑airgead a thugadh do thaigh an Tighearna, a chruinnich luchd‐gleidhidh an dorais on t‑sluagh:
5
Agus thugadh iad e do làimh luchd‐dèanamh na h‑obrach, dhaibhsan a tha os cionn taigh an Tighearna: agus thugadh iadsan e do luchd‐dèanamh na h‑obrach, a tha ann an taigh an Tighearna, a chàradh briseadh an taighe;
6
Do shaoir, agus do luchd‐togail, agus do chlachairean, agus a cheannach fiodha, agus chlach snaidhte, a chàradh an taighe.
7
Gidheadh cha do rinneadh cunntas riu a‑thaobh an airgid a thugadh dan làimh, a chionn gun do rinn iad gu h‑ionraic.
8
Agus thubhairt Hilciah an t‑àrd‐shagart ri Saphan an sgrìobhaiche, Fhuair mi leabhar an lagha ann an taigh an Tighearna: agus thug Hilciah an leabhar do Shaphan, agus leugh e e.
9
Agus thàinig Saphan an sgrìobhaiche a dh’ionnsaigh an rìgh, agus dh’aithris e an gnothach don rìgh, agus thubhairt e, Chruinnich do sheirbhisich an t‑airgead a fhuaireadh anns an taigh, agus thug iad e do làimh luchd‐dèanamh na h‑obrach, a bha os cionn taigh an Tighearna.
10
Agus dh’innis Saphan an sgrìobhaiche don rìgh, ag ràdh, Thug Hilciah an sagart leabhar dhomh: agus leugh Saphan e an làthair an rìgh.
11
Agus nuair a chuala an rìgh briathran leabhar an lagha, reub e a aodach.
12
Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah an sagart, agus do Ahicam mac Shaphsain, agus do Achor mac Mhicaiah, agus do Shaphan an sgrìobhaiche, agus do Asahiah seirbhiseach an rìgh, ag ràdh,
13
Rachaibh, fiosraichibh den Tighearna air mo shon‐sa, agus airson an t‑sluaigh, agus airson Iùdah uile, a‑thaobh briathran an leabhair seo a fhuaireadh: oir is mòr fearg an Tighearna a tha air lasadh nar n‑aghaidh, a chionn nach d’èisd ar n‑athraichean ri briathran an leabhair seo, a dhèanamh a rèir gach nì a tha sgrìobhte dar taobh.
14
Uime sin chaidh Hilciah an sagart, agus Ahicam, agus Achbor, agus Saphan, agus Asahiah, a dh’ionnsaigh Huldah a’ bhan‐fhàidh, bean Shaluim mhic Thicbhah, mhic Harhais, fear‐gleidhidh an aodaich (a‑nis bha i a chòmhnaidh ann an Ierusalem anns an oilthaigh), agus labhair iad rithe.
15
Agus thubhairt i riu, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Innsibh don duine a chuir am ionnsaigh‐sa sibh,
16
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, bheir mise olc air an àite seo, agus air a luchd‐àiteachaidh, eadhon uile bhriathran an leabhair a leugh rìgh Iùdah:
17
A chionn gun do thrèig iad mise, agus gun do loisg iad tùis do dhiathan eile, a‑chum mo bhrosnachadh gu corraich le uile obraichean an làmh: uime sin lasaidh m’fhearg an aghaidh an àite seo, agus cha mhùchar i.
18
Ach ri rìgh Iùdah a chuir sibh a dh’fhiosrachadh den Tighearna, mar seo their sibh ris, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, A‑thaobh nam briathran a chuala tu,
19
A chionn gu robh do chridhe tiom, agus gun d’irislich thu thu fhèin an làthair an Tighearna, nuair a chuala tu ciod a labhair mise an aghaidh an àite seo, agus an aghaidh a luchd‐àiteachaidh, gum biodh iad nam fàsach, agus nam mallachadh, agus gun do reub thu d’aodach, agus gun do ghuil thu am fhianais; chuala mise mar an ceudna thusa, arsa an Tighearna.
20
Feuch uime sin, cruinnichidh mise thu a‑chum d’athraichean, agus cruinnichear thu dod uaigh ann an sìth, agus chan fhaic do shùilean an t‑olc sin uile a bheir mise air an àite seo. Agus thug iad fios a‑rìs a dh’ionnsaigh an rìgh.
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 23 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25