bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 19
2 Kings 19
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 20 →
1
Agus nuair a chuala Heseciah an rìgh e, reub e a aodach, agus chòmhdaich e e fhèin le sac‐aodach, agus chaidh e do thaigh an Tighearna.
2
Agus chuir e Eliacim, a bha os cionn an taighe, agus Sebna an sgrìobhaiche, agus seanairean nan sagart, còmhdaichte le sac‐aodach gu Isaiah am fàidh, mac Amois.
3
Agus thubhairt iad ris, Mar seo tha Heseciah ag ràdh, Is là teinn e, agus achmhasain, agus maslaidh an là seo: oir tha clann air teachd gu inbhe breith, agus neart gu am breith chan eil ann.
4
Theagamh gun cluinn an Tighearna do Dhia uile bhriathran Rab‐saceh, a chuir a thighearna rìgh Asiria a mhaslachadh an Dè bheò; agus gun cronaich e na briathran a chuala an Tighearna do Dhia: tog suas d’ùrnaigh, matà, airson an fhuidhill a dh’fhàgadh.
5
Uime sin nuair a thàinig seirbhisich rìgh Heseciah gu Isaiah,
6
Thubhairt Isaiah riu, Mar seo their sibh ri ur tighearna, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Na biodh eagal ort ro na briathran a chuala tu, leis an tug seirbhisich rìgh Asiria masladh dhòmhsa.
7
Feuch, cuiridh mise spiorad ann, agus cluinnidh e tuairisgeul, agus tillidh e da thìr fhèin; agus bheir mise air tuiteam leis a’ chlaidheamh na thìr fhèin.
8
Agus thill Rab‐saceh, agus fhuair e rìgh Asiria a’ cogadh an aghaidh Libnah: oir chuala e gun d’fhalbh e o Lachis.
9
Agus nuair a chuala e ga ràdh mu Thirhacah rìgh Etiopia, Feuch, thàinig e a‑mach a chogadh riut; chuir e teachdairean a‑rìs gu Heseciah, ag ràdh,
10
Mar seo labhraidh sibh ri Heseciah rìgh Iùdah, ag ràdh, Na mealladh do Dhia thu, as a bheil thu ag earbsa, ag ràdh, Cha toirear Ierusalem thairis do làimh rìgh Asiria.
11
Feuch, chuala tu ciod a rinn rìghrean Asiria ris gach uile thìr, gan sgrios gu tur; agus an saorar thusa?
12
An do shaor diathan nan cinneach iadsan a sgrios m’athraichean‐sa, eadhon Gosan, agus Hàran, agus Reseph, agus clann Edein a bha ann an Telasar?
13
Càit a bheil rìgh Hamait, agus rìgh Arpaid, agus rìgh mòr‐bhaile Shepharbhaim, Hena, agus Ibhah?
14
Agus ghabh Heseciah an litir à làimh nan teachdairean, agus leugh e i: agus chaidh Heseciah suas do thaigh an Tighearna, agus sgaoil e i ann am fianais an Tighearna.
15
Agus rinn Heseciah ùrnaigh an làthair an Tighearna, agus thubhairt e, O Thighearna Dhè Israeil, a tha ad chòmhnaidh eadar na ceruban, is tu fhèin Dia, thusa ad aonar, Dia uile rìoghachdan na talmhainn: is tu a rinn na nèamhan agus an talamh.
16
Crom, a Thighearna, a‑nuas do chluas, agus èisd; fosgail, a Thighearna, do shùilean, agus faic: seadh, cluinn briathran Shenacherib, a chuir e a mhaslachadh an Dè bheò.
17
Gu deimhinn, a Thighearna, sgrios rìghrean Asiria na cinnich agus an tìrean;
18
Agus thilg iad an diathan anns an teine; oir cha bu diathan iad, ach obraichean làmhan dhaoine, fiodh agus clach: uime sin sgrios iad iad.
19
A‑nis, matà, O Thighearna ar Dia, saor sinn, guidheam ort, as a làimh, a‑chum gum bi fhios aig uile rìoghachdan na talmhainn gur tusa an Tighearna Dia, thu fhèin ad aonar.
20
An sin chuir Isaiah mac Amois teachdaire gu Heseciah, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, An ùrnaigh a rinn thu riumsa mu thimcheall Shenacherib rìgh Asiria, chuala mi.
21
Seo am facal a labhair an Tighearna ma thimcheall: Rinn òigh‐nighean Shioin tàir ort; rinn i gàire fanaid riut; chrath nighean Ierusaleim a ceann air do chùlaibh.
22
Cò don tug thu masladh agus toibheum? Agus cò an aghaidh an d’àrdaich thu do ghuth, agus an do thog thu do shùilean gu h‑àrd? An aghaidh Tì naomh Israeil.
23
Le làimh do theachdairean mhaslaich thu an Tighearna, agus thubhairt thu, Le lìonmhorachd mo charbad dhìrich mi àirde nam beann, sliosan Lebanoin; agus gearraidh mi sìos a chraobhan seudair as àirde, agus rogha a chraobhan giuthais, agus thèid mi a‑steach do àitean‐tàimh a chrìche, frìth a Charmeil.
24
Chladhaich mi agus dh’òl mi uisgeachan coimheach, agus le bonn mo chas thiormaich mi suas uile aibhnichean nan daingneach.
25
Nach cuala tu o chionn fada cionnas a rinn mi e, agus on aimsir chèin gun do dhealbh mi e? A‑nis thug mi gu crìch e, gum biodh tusa a‑chum bailtean daingnichte fhàsachadh nan cùirn sgrios.
26
Uime sin bha an luchd‐àiteachaidh air bheag neirt: bha crith‐eagail orra agus amhluadh; bha iad mar fheur na machrach, agus mar an luibh ghlais, mar fheur‐mullaich nan taighean, agus mar arbhar seargte mum fàs e suas.
27
Ach is aithne dhomh d’àite‐còmhnaidh, agus do dhol a‑mach, agus do theachd a‑steach, agus fraoch d’fheirge am aghaidh.
28
A chionn gu bheil fraoch d’fheirge am aghaidh, agus d’onfhadh air teachd a‑nìos gum chluasan, uime sin cuiridh mi mo dhubhan ad shròin, agus mo shrian ad bheul, agus tillidh mi air d’ais thu anns an t‑slighe air an tàinig thu.
29
Agus bidh seo na chomharradh dhut: Ithidh tu air a’ bhliadhna seo na nithean a dh’fhàsas leo fhèin, agus anns an dara bliadhna na nithean a chinneas asda sin; agus anns an treas bliadhna cuiridh agus buainidh sibh, agus suidhichidh sibh fìonliosan, agus ithidh sibh den toradh.
30
Agus gabhaidh am fuidheall a thèid as de thaigh Iùdah fhathast freumh sìos, agus cuiridh e toradh suas.
31
Oir à Ierusalem thèid fuidheall a‑mach, agus iadsan a thèid as o shliabh Shioin: nì eud Tighearna nan sluagh seo.
32
Uime sin mar seo tha an Tighearna ag ràdh mu thimcheall rìgh Asiria, Cha tig e don bhaile seo, agus cha tilg e saighead ann, agus cha tig e fa chomhair le sgèith agus cha chuir e suas tòrr na aghaidh.
33
Air an t‑slighe air an tàinig e, air an t‑slighe cheudna tillidh e, agus cha tig e a‑steach don bhaile seo, arsa an Tighearna:
34
Oir dìonaidh mise am baile seo a‑chum a shaoradh, air mo shon fhèin, agus airson Dhaibhidh m’òglach.
35
Agus air an oidhche sin fhèin chaidh aingeal an Tighearna a‑mach, agus bhuail e ann an camp nan Asirianach, ceud agus ceithir‐fichead agus còig mìle: agus nuair a dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, feuch, bha iad uile nan cuirp mharbha.
36
Agus dh’imich Senacherib rìgh Asiria, agus chaidh e agus thill e, agus ghabh e còmhnaidh ann an Ninebheh.
37
Agus nuair a bha e ri adhradh ann an taigh Nisroich a dhia, bhuail Adramalech agus Sareser a mhic e leis a’ chlaidheamh; agus theich iad do thìr Armenia: agus rìghich Esarhadon a mhac na àite.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25