bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 4
2 Kings 4
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 5 →
1
A‑nis ghlaodh bean àraidh de mhnathan mic nam fàidh ri Elisa, ag ràdh, Fhuair d’òglach m’fhear bàs; agus tha fhios agad gu robh eagal an Tighearna air d’òglach: agus tha fear nam fiach air teachd a thoirt mo dhithis mhac leis gu bhith nan tràillean aige.
2
Agus thubhairt Elisa rithe, Ciod a nì mise air do shon? Innis dhomh ciod a tha agad anns an taigh? Agus thubhairt ise, Chan eil aig do bhanoglaich nì air bith anns an taigh, ach soitheach ola.
3
An sin thubhairt esan, Falbh, is iarr dhut fhèin soithichean an coingheall a‑muigh od choimhearsnaich uile, eadhon soithichean falamh: na dèan le beagan.
4
Agus nuair a thèid thu a‑steach, druididh tu an doras ort fhèin, agus air do mhic, agus taomaidh tu anns na soithichean sin uile, agus cuiridh tu an soitheach làn a lethtaobh.
5
Agus dh’fhalbh i uaithe, agus dhruid i an doras oirre fhèin, agus air a mic, agus thug iadsan na soithichean da h‑ionnsaigh, agus thaom ise a‑mach.
6
Agus nuair a bha na soithichean làn, thubhairt i ra mac, Thoir am ionnsaigh fhathast soitheach. Agus thubhairt esan rithe, Chan eil soitheach ann tuilleadh. Agus stad an ola.
7
An sin thàinig i agus dh’innis i sin don duine le Dia: agus thubhairt esan, Falbh, reic an ola, agus dìol d’fhiachan; agus thig fhèin agus do mhic beò air a’ chuid eile.
8
Agus thachair air là àraidh gun deachaidh Elisa thairis gu Sunam, far an robh bean mhòr; agus chuir i impidh air aran ithe. Agus ge bè uair a rachadh e seachad, thionndaidheadh e a‑steach an sin a dh’ithe arain.
9
Agus thubhairt ise ra fear, Feuch a‑nis, tha fhios agam gur duine naomh le Dia e seo, a tha a’ gabhail seachad oirnn cho tric.
10
Dèanamaid, guidheam ort, seòmar beag balla, agus cuireamaid dha an sin leabaidh, agus bòrd, agus cathair, agus coinnleir: agus nuair a thig e dar n‑ionnsaigh, tionndaidhidh e a‑steach an sin.
11
Agus thàrladh air là àraidh gun tàinig e an sin, agus thionndaidh e a‑steach don t‑seòmar, agus laigh e an sin.
12
Agus thubhairt e ri Gehasi a òglach, Gairm air a’ bhan‐Sunamaich seo. Agus ghairm esan oirre, agus sheas i na fhianais.
13
Agus thubhairt e ris, Abair a‑nis rithe, Feuch, ghabh thu cùram dar taobh‐ne leis a’ chùram seo uile; ciod a tha ri dhèanamh air do shon? An àill leat labhairt air do shon ris an rìgh, no ri ceannard an t‑slòigh? Agus fhreagair ise, Am measg mo shluaigh fhèin tha mi am chòmhnaidh.
14
Agus thubhairt esan, Ciod matà a tha ri dhèanamh air do shon? Agus thubhairt Gehasi, Gu deimhinn chan eil mac aice, agus tha a fear sean.
15
Agus thubhairt esan, Gairm oirre. Agus nuair a ghairm e oirre, sheas i anns an doras.
16
Agus thubhairt e, Aig an àm shuidhichte seo, a rèir àm na beatha, bidh mac agad ad ghlacan. Agus thubhairt ise, Na dèan, mo thighearna, a dhuine le Dia, na dèan breug dod bhanoglaich.
17
Agus dh’fhàs a’ bhean torrach, agus rug i mac aig an àm shuidhichte sin mun do labhair Elisa rithe, a rèir àm na beatha.
18
Agus dh’fhàs an leanabh suas: agus thachair air là àraidh gun deachaidh e a‑mach a‑chum a athar, a dh’ionnsaigh nam buanaichean.
19
Agus thubhairt e ra athair, Mo cheann, mo cheann! Agus thubhairt esan ri òglach, Tog leat e a dh’ionnsaigh a mhàthar.
20
Agus thog esan leis e, agus thug e a dh’ionnsaigh a mhàthar e; agus shuidh e air a glùinean gu meadhon‐là, agus an sin dh’eug e.
21
Agus chaidh i suas, agus chuir i na laighe e air leabaidh an duine le Dia, agus dhruid i an doras air, agus chaidh i a‑mach.
22
Agus ghairm i air a fear, agus thubhairt i, Cuir am ionnsaigh, guidheam ort, aon de na h‑òglaich, agus aon de na h‑asail, a‑chum is gun ruith mi a dh’ionnsaigh an duine le Dia, agus gun tig mi a‑rìs.
23
Agus thubhairt esan, Carson a thèid thu da ionnsaigh? An‑diugh chan eil gealach nodha, no sàbaid, ann. Agus thubhairt ise, Bidh gach nì gu math.
24
An sin chuir i dìollaid air asail, agus thubhairt i ra h‑òglach, Tarraing, agus bi ag imeachd: na cuir moille orm a’ marcachd, mura iarr mi ort.
25
Agus dh’imich i, agus thàinig i a dh’ionnsaigh an duine le Dia gu sliabh Charmeil: agus nuair a chunnaic an duine le Dia i fa chomhair, thubhairt e ri Gehasi a òglach, Feuch, is i siud a’ bhan‐Sunamach.
26
Ruith a‑nis, guidheam ort, na coinneamh, agus abair rithe, A bheil thu fhèin gu math? A bheil d’fhear gu math? A bheil an leanabh gu math? Agus fhreagair ise, Tha gu math.
27
Agus nuair a thàinig i a dh’ionnsaigh an duine le Dia a‑chum an t‑slèibh, rug i air a chasan; ach thàinig Gehasi am fagas gus a cur air falbh. Agus thubhairt an duine le Dia, Leig dhi, oir tha a h‑anam air a chràdh innte; agus cheil an Tighearna ormsa e, agus cha d’innis e dhomh.
28
Agus thubhairt ise, An d’iarr mise mac om thighearna? Nach dubhairt mi, Na meall mi?
29
An sin thubhairt e ri Gehasi, Crioslaich do leasraidh, agus glac mo bhata‑sa ann ad làimh, agus bi ag imeachd: ma thachras tu air duine sam bith, na beannaich dha: agus ma bheannaicheas duine sam bith dhut, na freagair e a‑rìs: agus cuir mo bhata air aghaidh an leinibh.
30
Agus thubhairt màthair an leinibh, Mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam‐sa chan fhàg mi thu. Agus dh’èirich e, agus lean e i.
31
Agus chaidh Gehasi air aghaidh romhpa, agus chuir e am bata air aghaidh an leinibh; ach cha robh cainnt no claisteachd aige: uime sin thill e na choinneamh, agus dh’innis e dha, ag ràdh, Chan eil an leanabh air dùsgadh.
32
Agus nuair a thàinig Elisa a‑steach don taigh, feuch, bha an leanabh marbh, agus na laighe air a leabaidh‐san.
33
Uime sin chaidh e a‑steach, agus dhùin e an doras orra nan dithis, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna.
34
Agus chaidh e suas agus laigh e air an leanabh, agus chuir e a bheul air a bheul, agus a shùilean air a shùilean, agus a làmhan air a làmhan, agus shìn e e fhèin sìos air, agus dh’fhàs feòil an leinibh blàth.
35
Agus a‑rìs, dh’imich e anns an taigh a‑null agus a‑nall, agus chaidh e suas, agus shìn e e fhèin sìos air; agus rinn an leanabh sreothartaich seachd uairean, agus dh’fhosgail an leanabh a shùilean.
36
Agus ghairm e air Gehasi, agus thubhairt e, Gairm air a’ bhan‐Sunamaich seo. Agus ghairm esan oirre; agus nuair a thàinig i a‑steach da ionnsaigh, thubhairt esan, Tog leat do mhac.
37
Agus thàinig i agus thuit i aig a chasan, agus chrom i i fhèin sìos gu làr, agus thog i leatha a mac, agus chaidh i a‑mach.
38
Agus thill Elisa gu Gilgal; agus bha gorta anns an tìr, agus bha mic nam fàidh nan suidhe fa chomhair: agus thubhairt e ra òglach, Cuir air a’ phoit mhòr, agus bruith brochan do mhic nam fàidh.
39
Agus chaidh aon a‑mach don achadh a thional luibhean, agus fhuair e fìonain fhiadhaich, agus thionail e dhith dearcan fiadhaich, làn a fhallainge, agus thàinig e agus gheàrr e sìos iad anns a’ phoit bhrochain; oir cha b’aithne dhaibh iad.
40
Agus thaom iad a‑mach do na daoine gu ithe; agus nuair a bha iad ag ithe den bhrochan, ghlaodh iad, agus thubhairt iad, Bàs anns a’ phoit, a dhuine le Dia. Agus cha b’urrainn iad ithe dheth.
41
Agus thubhairt esan, Thugaibh, matà, min am ionnsaigh. Agus thilg e anns a’ phoit i; agus thubhairt e, Taom a‑mach airson an t‑sluaigh, a‑chum gun ith iad: agus cha robh nì air bith olc anns a’ phoit.
42
Agus thàinig duine o Bhàal‐salisa, agus thug e a dh’ionnsaigh an duine le Dia aran den chiad toradh, fichead buileann eòrna, agus làn dhiasan arbhair na mhàla; agus thubhairt e, Thoir don t‑sluagh, a‑chum is gun ith iad.
43
Agus thubhairt a fhear‐frithealaidh ris, Carson a chuirinn seo an làthair ceud fear? Agus thubhairt esan a‑rìs, Thoir don t‑sluagh, a‑chum is gun ith iad: oir mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Ithidh iad, agus bidh fuidheall ann.
44
Uime sin chuir e na làthair e, agus dh’ith iad, agus bha fuidheall aca, a rèir facal an Tighearna.
← Chapter 3
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 5 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25