bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 15
2 Kings 15
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 16 →
1
Anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑fichead de Ierobòam rìgh Israeil thòisich Asariah mac Amasiah rìgh Iùdah air rìoghachadh.
2
Sia‑bliadhna‑deug a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà‑bhliadhna‑dheug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Iecholiah o Ierusalem.
3
Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna, a rèir gach nì a rinn Amasiah a athair.
4
Gidheadh cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: fhathast bha an sluagh ag ìobradh agus a’ losgadh tùis anns na h‑àitean àrda.
5
Agus bhuail an Tighearna an rìgh, agus bha e na lobhar gu là a bhàis, agus ghabh e còmhnaidh ann an taigh air leth: agus bha Iotam mac an rìgh os cionn an taighe, a’ toirt breith air sluagh na tìre.
6
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Asariah, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
7
Agus chaidil Asariah maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Iotam a mhac na àite.
8
Anns an ochdamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de Asariah rìgh Iùdah, rìghich Sachariah mac Ierobòaim os cionn Israeil ann an Samaria sia mìosan.
9
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn a athraichean: cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh.
10
Agus rinn Salum mac Iabeis ceannairc na aghaidh, agus bhuail e e am fianais an t‑sluaigh, agus mharbh e e, agus rìghich e na àite.
11
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Shachariah, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil.
12
B’e seo facal an Tighearna, a labhair e ri Iehu, ag ràdh, Suidhidh do mhic air rìgh‐chathair Israeil, gu ruig an ceathramh ginealach. Agus bha e mar sin.
13
Thòisich Salum mac Iabeis air rìoghachadh anns an naoidheamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de Udsiah rìgh Iùdah, agus rìghich e mìos iomlan ann an Samaria:
14
Oir chaidh Menahem mac Ghadi suas o Thirsah, agus thàinig e gu Samaria, agus bhuail e Salum mac Iabeis ann an Samaria, agus mharbh e e, agus rìghich e na àite.
15
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Shaluim, agus a cheannairc a rinn e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil.
16
An sin bhuail Menahem Tiphsah, agus iadsan uile a bha ann, agus a chrìochan o Thirsah; a chionn nach d’fhosgail iad dha, uime sin bhuail e e: a mhnathan torrach uile reub e suas.
17
Anns an naoidheamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de Asariah rìgh Iùdah thòisich Menahem mac Ghadi air rìoghachadh os cionn Israeil; agus rìghich e deich bliadhna ann an Samaria.
18
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna: cha do dhealaich e rè a uile làithean ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacadhadh.
19
Agus thàinig Pul rìgh Asiria an aghaidh na tìre: agus thug Menahem do Phul mìle tàlann airgid, a‑chum is gum biodh a làmh leis, a dhaingneachadh na rìoghachd na làimh.
20
Agus thog Menahem an t‑airgead o Israel, eadhon uapasan uile a bha comasach ann an saoibhreas, leth‐cheud secel airgid o gach duine, a‑chum a thabhairt do rìgh Asiria: agus thill rìgh Asiria air ais, agus cha d’fhan e an sin anns an tìr.
21
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhenaheim, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
22
Agus chaidil Menahem maille ra athraichean; agus rìghich Pecahiah a mhac na àite.
23
Anns an deicheamh bliadhna agus dà‑fhichead de Asariah rìgh Iùdah thòisich Pecahiah mac Mhenaheim air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìghich e dà bhliadhna.
24
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna: cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh.
25
Ach rinn Pecah mac Remaliah, ceannard leis fhèin, ceannairc na aghaidh, agus bhuail e e ann an Samaria, ann an lùchairt taigh an rìgh, maille ri Argob, agus ri Arieh, agus maille ris leth‐cheud fear de na Gileadaich: agus mharbh e e, agus rìghich e na àite.
26
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Phecahiah, agus gach nì a rinn e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil.
27
Anns an dara‑bliadhna‑deug agus dà‑fhichead de Asariah rìgh Iùdah, thòisich Pecah mac Remaliah air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìghich e fichead bliadhna.
28
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna; cha do dhealaich e ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israeil peacachadh.
29
Ann an làithean Phecah rìgh Israeil thàinig Tiglat‐pileser rìgh Asiria, agus ghlac e Iion, agus Abel‐bet‐maachah, agus Ianòah, agus Cedes, agus Hasor, agus Gilead, agus Galile, uile thìr Naphtali, agus thug e nam braighdean iad gu Asiria.
30
Agus rinn Hosèah mac Elah ceannairc an aghaidh Phecah mhic Remaliah, agus bhuail e e, agus mharbh e e, agus rìghich e na àite, anns an fhicheadamh bliadhna de Iotam mac Udsiah.
31
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Phecah, agus gach nì a rinn e, feuch, tha iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil.
32
Ann an dara bliadhna Phecah mac Remaliah rìgh Israeil, thòisich Iotam mac Udsiah rìgh Iùdah air rìoghachadh.
33
Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha e nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e sia‑bliadhna‑deug ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Ierusa, nighean Shadoic.
34
Agus rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna: a rèir nan uile nithean a rinn Udsiah a athair, rinn esan.
35
Gidheadh cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: fhathast bha an sluagh ag ìobradh agus a’ losgadh tùis anns na h‑àitean àrda. Chuir e suas an geata a b’àirde an taigh an Tighearna.
36
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iotaim, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
37
(Anns na làithean sin thòisich an Tighearna air Resin, rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah a chur an aghaidh Iùdah.)
38
Agus chaidil Iotam maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh a athair: agus rìghich Ahas a mhac na àite.
← Chapter 14
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 16 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25