bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 3
2 Kings 3
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 4 →
1
A‑nis thòisich Iehoram mac Ahaib air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria, anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de Iehosaphat rìgh Iùdah, agus rìghich e dà‑bhliadhna‑dheug.
2
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, ach cha b’ann cosmhail ra athair, agus cosmhail ra mhàthair: oir chuir e air falbh dealbh Bhàail, a rinn a athair.
3
Gidheadh, ri peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait a thug air Israel peacachadh, dhlùth‐lean e: cha do dhealaich e riu sin.
4
Agus bha Mesa rìgh Mhòaib na shealbhadair chaorach, agus dh’ìoc e do rìgh Israeil ceud mìle uan, agus ceud mìle reithe len olainn.
5
Agus nuair a dh’eug Ahab, rinn rìgh Mhòaib ceannairc an aghaidh rìgh Israeil.
6
Agus chaidh rìgh Iehoram a‑mach air an là sin à Samaria, agus dh’àireamh e Israel uile.
7
Agus chaidh e, agus chuir e teachdairean gu Iehosaphat rìgh Iùdah, ag ràdh, Rinn rìgh Mhòaib ceannairc am aghaidh: an tèid thu maille rium an aghaidh Mhòaib gu cath? Agus thubhairt esan, Thèid mi suas: tha mise mar a tha thusa, mo shluagh‐sa mar do shluagh‐sa, m’eich‐sa mar d’eich‐sa.
8
Agus thubhairt e, Cia an rathad air an tèid sinn suas? Agus fhreagair esan, Rathad fàsach Edoim.
9
Agus dh’imich rìgh Israeil, agus rìgh Iùdah, agus rìgh Edoim, agus chaidh iad mun cuairt astar seachd là; agus cha robh uisge aca don t‑sluagh, agus don sprèidh a lean iad.
10
Agus thubhairt rìgh Israeil, Mo thruaighe, gun do ghairm an Tighearna na trì rìghrean seo cuideachd, a‑chum an toirt thairis do làimh Mhòaib!
11
Agus thubhairt Iehosaphat, Nach eil an seo fàidh leis an Tighearna, a‑chum gum fiosraich sinn den Tighearna leis? Agus fhreagair aon de sheirbhisich rìgh Israeil, agus thubhairt e, Tha an seo Elisa mac Shaphait, a thaom uisge air làmhan Eliah.
12
Agus thubhairt Iehosaphat, Tha facal an Tighearna maille ris. Agus chaidh rìgh Israeil, agus Iehosaphat, agus rìgh Edoim, sìos da ionnsaigh.
13
Agus thubhairt Elisa ri rìgh Israeil, Ciod e mo ghnothach‐sa riutsa? Imich a dh’ionnsaigh fàidhean d’athar, agus a dh’ionnsaigh fàidhean do mhàthar. Agus thubhairt rìgh Israeil ris, Chan eadh; oir ghairm an Tighearna na trì rìghrean seo cuideachd a‑chum an toirt thairis do làimh Mhòaib.
14
Agus thubhairt Elisa, Mar as beò Tighearna nan slògh, an làthair a bheil mi am sheasamh, gu cinnteach mura biodh meas agamsa air làthaireachd Iehosaphait, rìgh Iùdah, cha seallainn ortsa, cha mhò a chìthinn thu.
15
Ach a‑nis thugaibh am ionnsaigh fear‐ciùil. Agus nuair a bha am fear‐ciùil a’ cluich, bha làmh an Tighearna air.
16
Agus thubhairt e, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Dèan an gleann seo làn de chlaisean:
17
Oir mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Chan fhaic sibh gaoth, cha mhò a chì sibh uisge; gidheadh lìonar an gleann seo le uisge, agus òlaidh sibh, sibh fhèin agus ur sprèidh, agus ur n‑ainmhidhean.
18
Agus is beag seo ann an sùilean an Tighearna: bheir e mar an ceudna na Mòabaich thairis dur làimh.
19
Agus buailidh sibh gach baile daingnichte, agus gach baile taghte, agus leagaidh sibh sìos gach craobh mhath, agus dùinidh sibh suas na tobraichean uisge uile, agus millidh sibh gach mìr math fearainn le clachan.
20
Agus anns a’ mhadainn, mu àm toirt suas an tabhartas‐bhìdh, feuch, thàinig uisge rathad Edoim, agus lìonadh an tìr le uisge.
21
Agus nuair a chuala na Mòabaich uile gun tàinig na rìghrean a‑nìos a chogadh nan aghaidh, ghairmeadh cuideachd iadsan uile a thàinig gu aois airm iomchar, agus os a chionn sin, agus sheas iad aig a’ chrìch.
22
Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus dhealraich a’ ghrian air na h‑uisgeachan, agus chunnaic na Mòabaich thall fan comhair na h‑uisgeachan dearg mar fhuil:
23
Agus thubhairt iad, Is fuil seo: sgriosadh gun teagamh na rìghrean, agus bhuail iad a chèile: a‑nis matà, a dh’ionnsaigh na creiche, a Mhòaib.
24
Agus nuair a thàinig iad gu camp Israeil, dh’èirich na h‑Israelich, agus bhuail iad na Mòabaich, agus theich iad romhpa: ach chaidh iadsan air an aghaidh a’ bualadh nam Mòabach, eadhon nan tìr fhèin.
25
Agus leag iad sìos na bailtean, agus air gach mìr math fearainn thilg gach fear a chlach, agus lìon iad e; agus dhùin iad suas gach tobar uisge, agus leag iad sìos gach craobh mhath: a‑mhàin ann an Cir‐haraset dh’fhàg iad a chlachan: ach chuartaich luchd nan crann‐tabhaill e, agus bhuail iad e.
26
Agus nuair a chunnaic rìgh Mhòaib gun do bhuadhaich an cath air, thug e leis seachd ceud fear a tharraing claidheamh, a‑chum briseadh a‑steach gu rìgh Edoim; ach cha b’urrainn iad.
27
An sin ghabh e a chiad‐ghin mic, a bha gu rìoghachadh na àite, agus dh’ìobair e e mar ìobairt‐loisgte air a’ bhalla: agus bha corraich mhòr an aghaidh Israeil: agus dh’imich iad uaithe, agus thill iad dan tìr fhèin.
← Chapter 2
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 4 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25