bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 13
2 Kings 13
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 14 →
1
Anns an treas‐bliadhna‑fichead de Iòas mac Ahasiah rìgh Iùdah, thòisich Iehoahas mac Iehu air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìghich e seachd‐bliadhna‑deug.
2
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, agus lean e peacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh: cha do dhealaich e riu.
3
Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh Hasaeil rìgh Shiria, agus do làimh Bhen‐hadaid mhic Hasaeil, rè a làithean uile.
4
Agus ghuidh Iehoahas air an Tighearna, agus dh’èisd an Tighearna ris; oir chunnaic e fòirneart Israeil, oir rinn rìgh Shiria fòirneart orra.
5
(Agus thug an Tighearna fear‐saoraidh do Israel, agus chaidh iad a‑mach o bhith fo làimh nan Sirianach: agus ghabh clann Israeil còmhnaidh nam bùthan, mar a rinn iad roimhe.
6
Gidheadh, cha do dhealaich iad ri peacaidhean taigh Ierobòaim, a thug air Israel peacachadh, ach ghluais iad annta: agus dh’fhan an doire cuideachd ann an Samaria.)
7
Agus cha d’fhàgadh aig Iehoahas den t‑sluagh ach leth‐cheud marcach, agus deich carbadan, agus deich mìle coisiche; oir sgrios rìgh Shiria iad, agus rinn e iad mar an duslach le bualadh.
8
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoahais, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
9
Agus chaidil Iehoahas maille ra athraichean, agus dh’adhlaic iad e ann an Samaria, agus rìghich Iòas a mhac na àite.
10
Anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de Iehoas rìgh Iùdah, thòisich Iòas mac Iehoahais air rìoghachadh os cionn Israeil ann an Samaria; agus rìghich e sia‑bliadhna‑deug.
11
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna: cha do dhealaich e ri uile pheacaidhean Ierobòaim mhic Nebait, a thug air Israel peacachadh, ach ghluais e annta.
12
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iòais, agus gach nì a rinn e, agus a thrèine leis an do chog e an aghaidh Amasiah rìgh Iùdah, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Israeil?
13
Agus chaidil Iòas maille ra athraichean, agus shuidh Ierobòam air a rìgh‐chathair: agus dh’adhlaiceadh Iòas ann an Samaria maille ri rìghrean Israeil.
14
A‑nis bha Elisa tinn de a thinneas de an d’fhuair e bàs, agus thàinig Iòas rìgh Israeil a‑nuas da ionnsaigh, agus ghuil e os a chionn, agus thubhairt e, O athair, athair, carbad Israeil agus a mharc‐shluagh!
15
Agus thubhairt Elisa ris, Gabh bogha agus saighdean: agus ghabh e da ionnsaigh bogha agus saighdean.
16
Agus thubhairt e ri rìgh Israeil, Cuir do làmh air a’ bhogha. Agus chuir e a làmh air; agus chuir Elisa a làmhan air làmhan an rìgh.
17
Agus thubhairt e, Fosgail an uinneag a làimh na h‑àird an ear: agus dh’fhosgail e i. An sin thubhairt Elisa, Tilg: agus thilg esan. Agus thubhairt e, Saighead‐shaoraidh an Tighearna, agus saighead‐shaoraidh o Shiria: oir buailidh tu na Sirianaich ann an Aphec, gus an cuir thu as dhaibh.
18
Agus thubhairt e, Gabh na saighdean: agus ghabh esan iad. Agus thubhairt e ri rìgh Israeil, Buail air an talamh: agus bhuail e trì uairean, agus stad e.
19
Agus bha fearg air an duine le Dia ris, agus thubhairt e, Bu chòir dhut bualadh còig no sia uairean, an sin bhuaileadh tu Siria gus an cuireadh tu as dhith: ach a‑nis buailidh tu Siria a‑mhàin trì uairean.
20
Agus fhuair Elisa bàs, agus dh’adhlaic iad e: agus thàinig buidhnean nam Mòabach a‑steach don tìr aig teachd a‑steach na bliadhna.
21
Agus nuair a bha iad ag adhlacadh duine, feuch, chunnaic iad buidheann dhaoine, agus thilg iad sìos an duine do àit‐adhlaicaidh Elisa: agus nuair a leigeadh an duine sìos, agus a bhean e ri cnàmhan Elisa, dh’ath‐bheothaicheadh e, agus dh’èirich e air a chasan.
22
A‑nis rinn Hasael rìgh Shiria fòirneart air Israel rè uile làithean Iehoahais.
23
Ach bha an Tighearna bàidheil riu, agus ghabh e truas riu, agus dh’amhairc e orra air sgàth a choicheangail ri Abrahàm, Isaac, agus Iàcob, agus cha b’àill leis an sgrios, cha mhò a thilg e as a làthair iad gus a‑nis.
24
Agus fhuair Hasael rìgh Shiria bàs, agus rìghich Ben‐hadad a mhac na àite.
25
Agus thug Iòas mac Iehoahais air an ais à làimh Ben‐hadaid mhic Hasaeil na bailtean a thug esan a làimh Iehoahais a athair anns a’ chogadh: trì uairean bhuail Iòas e, agus thug e air an ais bailtean Israeil.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25