bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 23
2 Kings 23
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 24 →
1
Agus chuir an rìgh teachdairean uaithe, agus chruinnich da ionnsaigh uile sheanairean Iùdah, agus Ierusaleim.
2
Agus chaidh an rìgh suas do thaigh an Tighearna, agus daoine Iùdah uile, agus uile luchd‐àiteachaidh Ierusaleim maille ris, agus na sagartan, agus na fàidhean, agus an sluagh uile eadar bheag agus mhòr: agus leugh e nan èisdeachd uile bhriathran leabhar a’ choicheangail, a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna.
3
Agus sheas an rìgh làimh ri post; agus rinn e coicheangal am fianais an Tighearna gun gluaiseadh iad an dèidh an Tighearna, agus gun gleidheadh iad a àitheantan, agus a theisteis, agus a reachdan len uile chridhe, agus len uile anam, a choileanadh briathran a’ choicheangail seo, a tha sgrìobhte anns an leabhar seo: agus sheas an sluagh uile ris a’ choicheangal.
4
Agus dh’àithn an rìgh do Hilciah an t‑àrd‐shagart, agus do shagartan an dara òrdaigh, agus do luchd‐gleidhidh an dorais, na soithichean uile a rinneadh do Bhàal, agus don doire, agus do uile armailt nèimh, a thoirt a‑mach à teampall an Tighearna: agus loisg e iad an taobh a‑muigh de Ierusalem ann am machraichean Chidroin, agus ghiùlain e an luath gu Betel.
5
Agus chuir e as do shagartan an iodhal‐adhraidh, a dh’òrdaich rìghrean Iùdah a losgadh tùis anns na h‑àitean àrda, ann am mòr‐bhailtean Iùdah, agus anns na h‑àitean mu thimcheall Ierusaleim; iadsan mar an ceudna a loisg tùis do Bhàal, don ghrèin, agus don ghealaich, agus do na reultan seachranach, agus do uile armailt nèimh.
6
Agus thug e an doire o thaigh an Tighearna, an taobh a‑muigh de Ierusalem, gu sruth Chidroin, agus mhìn‐phronn e gu luaithre e, agus thilg e a luaithre air uaighean clann an t‑sluaigh.
7
Agus bhris e sìos taighean nan Sòdomach a bha làimh ri taigh an Tighearna, far an robh na mnathan a’ fighe chùirteanan don doire.
8
Agus thug e a‑mach na sagartan uile à bailtean Iùdah, agus thruaill e na h‑àitean àrda far an do loisg na sagartan tùis, o Gheba gu Beer‐sèba, agus bhris e sìos àitean àrda nan geatachan, a bha ann an dol a‑steach geata Iosua, uachdaran a’ bhaile, a bha air làimh chlì duine ann an geata a’ bhaile.
9
Gidheadh, cha deachaidh sagartan nan àitean àrda suas gu altair an Tighearna ann an Ierusalem, ach dh’ith iad aran neo‐ghortaichte am measg am bràithrean.
10
Agus thruaill e Tophet a tha ann an gleann mac Hinnoim, a‑chum is nach faodadh duine air bith toirt air a mhac no air a nighinn dol tron teine do Mholech.
11
Agus thug e air falbh na h‑eich a thug rìghrean Iùdah don ghrèin, o dhol a‑steach taigh an Tighearna, làimh ri seòmar Nàtan‐meleich an caillteanach, a bha anns a’ mhach‐bhaile, agus loisg e carbadan na grèine le teine.
12
Agus na h‑altairean a bha air mullach seòmar uachdarach Ahais, a rinn rìghrean Iùdah, agus na h‑altairean a rinn Manaseh ann an dà chùirt taigh an Tighearna, thilg an rìgh sìos, agus bhris e o sin iad, agus thilg e an luaithre ann an sruth Chidroin.
13
Agus na h‑àitean àrda a bha fa chomhair Ierusaleim, a bha air an làimh dheis de shliabh na truaillidheachd, a thog Solamh rìgh Israeil do Astarot, gràinealachd nam Mòabach, agus do Mhilcom, gràinealachd chloinn Amoin, thruaill an rìgh.
14
Agus bhris e nam bloighdean na dealbhan, agus gheàrr e sìos na doireachan, agus lìon e an àitean le cnàmhan dhaoine.
15
Os bàrr, an altair a bha aig Betel, agus an t‑àit àrd a rinn Ierobòam mac Nebait, a thug air Israel peacachadh, araon an altair agus an t‑àit àrd; agus mhìn‐phronn e gu luaithre e, agus loisg e an doire.
16
Agus nuair a thionndaidh Iosiah mun cuairt, chunnaic e na h‑uaighean a bha an sin anns an t‑sliabh, agus chuir e daoine uaithe, agus thug e na cnàmhan as na h‑uaighean, agus loisg e iad air an altair, agus thruaill e i, a rèir facal an Tighearna, a labhair òglach Dhè a chuir an cèill na briathran seo.
17
An sin thubhairt e, Ciod e an carragh seo a tha mi a’ faicinn? Agus thubhairt daoine a’ bhaile ris, Is i uaigh òglach Dhè a tha ann a thàinig o Iùdah, agus a chuir an cèill na nithean sin a rinn thusa an aghaidh altair Bheteil.
18
Agus thubhairt e, Leigibh leis; na gluaiseadh duine sam bith a chnàmhan‐san: agus leig iad tàmh da chnàmhan maille ri cnàmhan an fhàidh a thàinig à Samaria.
19
Agus mar an ceudna, uile thaighean nan àitean àrda a bha ann am bailtean Shamaria, a rinn rìghrean Israeil a bhrosnachadh an Tighearna gu feirg, thug Iosiah air falbh, agus rinn e a rèir nan uile ghnìomh a rinn e ann am Betel.
20
Agus mharbh e uile shagartan nan àitean àrda a bha an sin air na h‑altairean, agus loisg e cnàmhan dhaoine orra, agus thill e gu Ierusalem.
21
Agus dh’àithn an rìgh don t‑sluagh uile, ag ràdh, Cumaibh a’ chàisg don Tighearna ur Dia, mar a tha e sgrìobhte ann an leabhar a’ choicheangail seo.
22
Gu cinnteach cha do chumadh a leithid seo de chàisg o làithean nam britheamhan a thug breith air Israel, no ann an uile làithean rìghrean Israeil, no rìghrean Iùdah:
23
Ach anns an ochdamh‐bliadhna‑deug de rìgh Iosiah chumadh a’ chàisg seo don Tighearna ann an Ierusalem.
24
Os bàrr, luchd nan leannan‐sìth, agus an luchd‐fiosachd, agus na dealbhan, agus na h‑iodhalan, agus gach uile ghràinealachd a chunnacas ann an tìr Iùdah, agus ann an Ierusalem, chuir Iosiah air falbh, a‑chum gun coileanadh e briathran an lagha a bha sgrìobhte anns an leabhar a fhuair Hilciah an sagart ann an taigh an Tighearna.
25
Agus cosmhail ris‐san cha robh rìgh air bith roimhe, a thill a dh’ionnsaigh an Tighearna le a uile chridhe, agus le a uile anam, agus le a uile neart, a rèir lagh Mhaois uile; agus na dhèidh cha d’èirich a shamhail.
26
Gidheadh, cha do thill an Tighearna o theas a fheirge mòire, leis an do las a fhearg an aghaidh Iùdah, airson nan uile bhrosnachadh leis an do bhrosnaich Manaseh e.
27
Agus thubhairt an Tighearna, Atharraichidh mi Iùdah mar an ceudna as mo shealladh, mar a dh’atharraich mi Israel, agus cuiridh mi cùl gu tur ris a’ mhòr‐bhaile seo Ierusalem, a thagh mi, agus ris an taigh mun dubhairt mi, Bidh m’ainm an sin.
28
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iosiah, agus na h‑uile nithean a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
29
Na làithean‐san chaidh Phàraoh‐necho rìgh na h‑Eiphit suas an aghaidh rìgh Asiria gu abhainn Euphràtes: agus chaidh rìgh Iosiah na aghaidh, agus mharbh esan e aig Megido nuair a chunnaic e e.
30
Agus ghiùlain a sheirbhisich e marbh ann an carbad o Mhegido, agus thug iad e gu Ierusalem, agus dh’adhlaic iad e na uaigh fhèin: agus ghabh sluagh na tìre Iehoahas mac Iosiah, agus dh’ung iad e, agus rinn iad na rìgh e ann an àit a athar.
31
Trì‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha Iehoahas nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e trì mìosan ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Hamutal, nighean Ieremiah o Libnah.
32
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn a athraichean.
33
Agus chuir Phàraoh‐necho e ann an cuibhrichean aig Riblah ann an tìr Hamait, a‑chum nach rìoghaicheadh e ann an Ierusalem: agus chuir e ceud tàlann airgid agus tàlann òir mar chìs air an tìr.
34
Agus rinn Phàraoh‐necho Eliacim mac Iosiah na rìgh an àite Iosiah a athair agus thionndaidh e a ainm gu Iehoiacim, agus thug e air falbh Iehoahas; agus thàinig e don Eiphit, agus dh’eug e an sin.
35
Agus thug Iehoiacim an t‑airgead agus an t‑òr do Phàraoh: ach thug e fa‑near an tìr a mheas a‑chum gun ìocadh iad an t‑airgead a rèir àithne Phàraoh; dh’iarr e an t‑airgead agus an t‑òr o shluagh na tìre, o gach neach a rèir a mheas, gus a thabhairt do Phàraoh‐necho.
36
Còig‐bliadhna‑fichead a dh’aois bha Iehoiacim nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e aon‐bhliadhna‑deug ann an Ierusalem; agus b’e ainm a mhàthar Sebudah, nighean Phedaiah o Rumah.
37
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir nan uile nithean a rinn a athraichean.
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 24 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25