bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 25
2 Kings 25
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 24
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
1
Agus anns an naoidheamh bliadhna de a rìoghachadh, anns an deicheamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, thàinig Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, e fhèin agus a armailt uile, an aghaidh Ierusaleim, agus champaich e na aghaidh; agus thog iad daingnichean na aghaidh mun cuairt.
2
Agus bha am baile air a theannachadh gus an aon‐bhliadhna‑deug de rìgh Sedeciah.
3
Agus air an naoidheamh là den cheathramh mìos, bhuadhaich a’ ghorta anns a’ bhaile, agus cha robh aran ann do shluagh na tìre.
4
Agus bhriseadh sìos am baile, agus theich na fir‐chogaidh uile anns an oidhche, air slighe a’ gheata, eadar an dà bhalla, a tha làimh ri lios an rìgh; (a‑nis bha na Caldèanaich an aghaidh a’ bhaile mun cuairt;) agus dh’imich iad air an t‑slighe a dh’ionnsaigh a’ chòmhnaird.
5
Agus lean armailt nan Caldèanach an rìgh, agus rug iad air ann an còmhnardan Iericho; agus sgapadh a armailt uile uaithe.
6
Mar sin ghlac iad an rìgh, agus thug iad suas e a dh’ionnsaigh rìgh Bhàbiloin gu Riblah; agus thug esan breith air.
7
Agus mharbh e mic Shedeciah fa chomhair a shùl, agus chuir e a shùilean à Sedeciah, agus cheangail e e le geimhlean umha, agus thug e leis e do Bhàbilon.
8
Agus anns a’ chòigeamh mìos, air an t‑seachdamh là den mhìos (b’i sin an naoidheamh‐bliadhna‑deug de rìgh Nebuchadnesar, rìgh Bhàbiloin) thàinig Nebusar‐adan ceannard an fhreiceadain, seirbhiseach rìgh Bhàbiloin, gu Ierusalem:
9
Agus loisg e taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh, agus taighean Ierusaleim uile; agus gach uile thaigh mòr loisg e le teine.
10
Agus leag uile armailt nan Caldèanach, a bha maille ri ceannard an fhreiceadain, sìos ballachan Ierusaleim mun cuairt.
11
Agus a’ chuid eile den t‑sluagh a dh’fhàgadh anns a’ bhaile, agus an luchd‐teichidh a chaidh thairis gu rìgh Bhàbiloin, maille ri fuidheall an t‑sluaigh, thug Nebusar‐adan ceannard an fhreiceadain air falbh leis.
12
Ach dh’fhàg ceannard an fhreiceadain cuid de bhochdan na tìre, gu bhith nan luchd‐deasachaidh fhìonainean agus nan treabhaichean.
13
Agus na puist umha a bha ann an taigh an Tighearna, agus na buinn, agus an fhairge umha a bha ann an taigh an Tighearna, bhris na Caldèanaich nam bloighdean, agus thug iad leo an umha do Bhàbilon.
14
Agus na poitean, agus na sluasaidean, agus na smàladairean, agus na spàinean, agus na soithichean umha uile leis an do rinn iad frithealadh, thug iad leo.
15
Agus na h‑aighnean teine, agus na cuachan, na nithean a bha de òr na òr, agus a bha de airgead na airgead, thug ceannard an fhreiceadain air falbh.
16
Dà phost, aon fhairge, agus na buinn a rinn Solamh airson taigh an Tighearna; bha umha nan soithichean sin uile gun tomhas:
17
Ochd làmhan‐coille deug àirde aon phuist, agus an ceann‐mullaich a bha air de umha; agus àirde a’ chinn‐mhullaich trì làmhan‐coille: agus an lìon‐obair, agus na pomgranatan air a’ cheann‐mhullaich mun cuairt, iad sin uile de umha: agus an leithidean sin bha aig an dara post, maille ri lìon obair.
18
Agus ghlac ceannard an fhreiceadain Seraiah an t‑àrd‐shagart, agus Sephaniah an dara sagart, agus na trì dorsairean:
19
Agus as a’ bhaile thug e aon chaillteanach, a bha os cionn nam fear‐cogaidh, agus còignear fhear dhiubhsan a bha an làthair an rìgh, a fhuaireadh anns a’ bhaile, agus àrd‐sgrìobhaiche na h‑armailt, a bha ag ionnsachadh cogaidh do shluagh na tìre, agus trì‐fichead fear de shluagh na tìre a fhuaireadh anns a’ bhaile:
20
Agus ghlac Nebusar‐adan ceannard an fhreiceadain iad sin, agus thug e iad gu rìgh Bhàbiloin do Riblah:
21
Agus bhuail rìgh Bhàbiloin iad, agus mharbh e iad aig Riblah, ann an tìr Hamait. Agus thugadh Iùdah air falbh as an tìr fhèin.
22
Agus os cionn an t‑sluaigh a dh’fhàgadh ann an tìr Iùdah, a dh’fhàg Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, eadhon os an cionn‐san, chuir e Gedaliah mac Ahicaim mhic Shaphain.
23
Agus nuair a chuala uile cheannardan nan armailt, iad fhèin agus an daoine, gun do rinn rìgh Bhàbiloin Gedaliah na uachdaran, thàinig gu Gedaliah do Mhispah eadhon Ismael mac Netaniah, agus Iohanan mac Charea, agus Seraiah mac Thanhumeit an Hetophatach, agus Iaasaniah mac Maachataich, iad fhèin agus an daoine.
24
Agus mhionnaich Gedaliah dhaibh, agus dan daoine, agus thubhairt e riu, Na biodh eagal oirbh a bhith nur seirbhisich do na Caldèanaich: gabhaibh còmhnaidh anns an tìr, agus dèanaibh seirbhis do rìgh Bhàbiloin, agus èiridh gu math dhuibh.
25
Ach anns an t‑seachdamh mìos, thàinig Ismael mac Netaniah, mac Elisama, den t‑sliochd rìoghail, agus deichnear fhear maille ris, agus bhuail iad Gedaliah air chor is gun d’eug e, agus na h‑Iùdhaich agus na Caldèanaich a bha maille ris aig Mispah.
26
Agus dh’èirich an sluagh uile eadar bheag agus mhòr, agus ceannardan nan armailt, agus thàinig iad don Eiphit: oir bha eagal nan Caldèanach orra.
27
Ach anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑deug ar fhichead de bhraighdeanas Iehoiachim rìgh Iùdah, anns an dara‑mìos‐deug, air an t‑seachdamh‐là‑fichead den mhìos, thog Ebhil‐merodach rìgh Bhàbiloin, air a’ bhliadhna anns an do thòisich e air rìoghachadh, suas ceann Iehoiachin rìgh Iùdah à prìosan.
28
Agus labhair e gu coibhneil ris, agus chuir e suas a rìgh‐chathair os cionn rìgh‐chathair nan rìghrean, a bha maille ris ann am Bàbilon:
29
Agus mhùth e a aodach‐prìosain; agus dh’ith e aran a‑ghnàth na làthair rè uile làithean a bheatha.
30
Agus bu chuibhreann ghnàthaichte a chuibhreann a thugadh dha on rìgh, cuid làitheil fa chomhair gach là, rè uile làithean a bheatha.
← Chapter 24
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25