bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 6
2 Kings 6
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 7 →
1
Agus thubhairt mic nam fàidh ri Elisa, Feuch a‑nis, tha an t‑àit anns a bheil sinn a chòmhnaidh maille riut ro‑chumhang air ar son.
2
Leig dhuinn dol, guidheamaid ort, gu Iòrdan, agus bheir gach fear againn sail as a sin, agus nì sinn dhuinn fhèin an sin àite gu còmhnaidh a ghabhail ann. Agus fhreagair esan, Rachaibh.
3
Agus thubhairt aon dhiubh, Mas i do thoil a‑nis, falbh fhèin maille rid sheirbhisich. Agus fhreagair esan, Thèid mi.
4
Agus chaidh e maille riu: agus nuair a thàinig iad gu Iòrdan, gheàrr iad sìos fiodh.
5
Ach nuair a bha aon dhiubh a’ leagadh saile, thuit iarann na tuaighe anns an uisge: agus dh’èigh e agus thubhairt e, Mo thruaighe, a mhaighistir, agus gur ann an coingheall a bha e!
6
Agus thubhairt an duine le Dia, Càit an do thuit e? Agus dh’fheuch esan dha an t‑àite. Agus gheàrr e sìos maide, agus thilg e an sin e, agus thug e air an iarann snàmh.
7
Agus thubhairt e, Tog leat e. Agus shìn esan a‑mach a làmh, agus ghabh e e.
8
Agus bha rìgh Shiria a’ cogadh ri Israel; agus chuir e a chomhairle ra sheirbhisich, ag ràdh, Ann an leithid seo de àite bidh mo champ.
9
Agus chuir an duine le Dia fios a dh’ionnsaigh rìgh Israeil, ag ràdh, Feuch nach tèid thu thairis air a leithid seo de àite; oir an sin tha na Sirianaich air teachd a‑nuas.
10
Agus chuir rìgh Israeil daoine a dh’ionnsaigh an àite mun d’innis an duine le Dia dha, agus mun tug e rabhadh dha, agus dhìon e e fhèin an sin, cha b’ann aon uair no dà uair.
11
Agus bha cridhe rìgh Shiria fo bhuaireas mòr airson an nì seo; agus ghairm e air a sheirbhisich, agus thubhairt e riu, Nach innis sibh dhomh cò nar measg‐ne a tha le rìgh Israeil?
12
Agus thubhairt aon de a sheirbhisich, Chan eil neach air bith, a thighearna, a rìgh: ach Elisa am fàidh, a tha ann an Israel, innsidh esan do rìgh Israeil na briathran a labhras tu ann ad sheòmar‐leapa.
13
Agus thubhairt esan, Rachaibh agus seallaibh càit a bheil e, a‑chum is gun cuir mi daoine uam, agus gun glac mi e. Agus dh’innseadh dha, ag ràdh, Feuch, tha e ann an Dòtan.
14
Uime sin chuir e eich an sin, agus carbadan, agus sluagh mòr: agus thàinig iad anns an oidhche, agus chuartaich iad am baile.
15
Agus dh’èirich seirbhiseach an duine le Dia gu moch anns a’ mhadainn, agus chaidh e a‑mach, agus, feuch, bha armailt a’ cuartachadh a’ bhaile, maille ri eich agus ri carbadan; agus thubhairt a òglach ris, Mo thruaighe, a mhaighistir, cionnas a nì sinn?
16
Agus fhreagair esan, Na biodh eagal ort; oir is lìonmhoire iad a tha leinne na iadsan a tha leòsan.
17
Agus rinn Elisa ùrnaigh, agus thubhairt e, A Thighearna, fosgail, guidheam ort, a shùilean, a‑chum is gum faic e. Agus dh’fhosgail an Tighearna sùilean an òganaich, agus chunnaic e; agus, feuch, bha an sliabh làn each, agus de charbadan teine mun cuairt air Elisa.
18
Agus nuair a thàinig iad a‑nuas da ionnsaigh, rinn Elisa ùrnaigh ris an Tighearna, agus thubhairt e, Buail, guidheam ort, an sluagh seo le doille. Agus bhuail e iad le doille, a rèir facal Elisa.
19
Agus thubhairt Elisa riu, Chan e seo an t‑slighe, agus chan e seo am baile; leanaibh mise, agus bheir mi sibh a dh’ionnsaigh an duine a tha sibh ag iarraidh. Ach thug e iad gu Samaria.
20
Agus nuair a thàinig iad a‑steach do Shamaria, thubhairt Elisa, A Thighearna, fosgail sùilean nan daoine seo, a‑chum gum faic iad. Agus dh’fhosgail an Tighearna an sùilean, agus chunnaic iad, agus, feuch, bha iad ann am meadhon Shamaria.
21
Agus thubhairt rìgh Israeil ri Elisa, nuair a chunnaic e iad, Am buail, am buail mi iad, athair?
22
Agus fhreagair esan, Cha bhuail thu iad: am buaileadh tu iadsan a ghlac thu nam braighdean led chlaidheamh, agus led bhogha? Cuir aran agus uisge fan comhair, a‑chum gun ith agus gun òl iad, agus gun tèid iad a dh’ionnsaigh an tighearna fhèin.
23
Agus rinn e deasachadh mòr air an son; agus nuair a dh’ith agus a dh’òl iad, leig e air falbh iad, agus chaidh iad a dh’ionnsaigh an tighearna. Agus cha tàinig buidhnean Shiria nas mò do thìr Israeil.
24
Agus na dhèidh seo chruinnich Ben‐hadad rìgh Shiria a armailt uile, agus chaidh e suas agus theannaich e Samaria.
25
Agus bha gorta mhòr ann an Samaria; agus, feuch, theannaich iad e, gus an robh ceann asail air a reic air ceithir‐fichead bonn airgid, agus an ceathramh cuid de chab de aolach chalman air còig buinn airgid.
26
Agus nuair a bha rìgh Israeil a’ gabhail seachad air a’ bhalla, ghlaodh bean ris, ag ràdh, Dèan cobhair orm, mo thighearna, a rìgh.
27
Agus thubhairt esan, Mura dèan an Tighearna cobhair ort, cionnas a nì mise cobhair ort? An ann à ùrlar an t‑sabhail, no as an fhìon‐amar?
28
Agus thubhairt an rìgh rithe, Ciod a tha a’ teachd riut? Agus fhreagair ise, Thubhairt a’ bhean seo rium, Thoir seachad do mhac‐sa, a‑chum is gun ith sinn an‑diugh e, agus mo mhac‐sa ithidh sinn a‑màireach.
29
Agus bhruith sinn mo mhac‐sa, agus dh’ith sinn e: agus thubhairt mise rithe‐se air an ath là, Thoir seachad do mhac‐sa, a‑chum is gun ith sinn e: ach dh’fhalaich ise a mac.
30
Agus nuair a chuala an rìgh briathran na mnà, reub e a aodach, agus ghabh e seachad air a’ bhalla, agus dh’amhairc an sluagh, agus, feuch, bha sac‐aodach air a fheòil air an taobh a‑staigh.
31
An sin thubhairt e, Gun dèanadh Dia mar sin riumsa, agus tuilleadh mar an ceudna, ma sheasas ceann Elisa mhic Shaphait air an‑diugh.
32
Ach bha Elisa na shuidhe na thaigh, agus na seanairean nan suidhe maille ris: agus chuir an rìgh duine uaithe as a làthaireachd fhèin: ach mun tàinig an teachdaire da ionnsaigh thubhairt e ris na seanairean, Am faic sibhse mar a chuir mac seo a’ mhortair duine a thoirt mo chinn dhìomsa? Thugaibh an aire nuair a thig an teachdaire, druidibh an doras, agus cumaibh gu daingeann e aig an doras: nach eil fuaim casan a thighearna na dhèidh?
33
Nuair a bha e fhathast a’ labhairt riu, feuch, thàinig an teachdaire a‑nuas da ionnsaigh: agus thubhairt e, Feuch, tha an t‑olc seo on Tighearna: carson a dh’fheithinn‐sa air an Tighearna nas fhaide?
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25