bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 12
2 Kings 12
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 13 →
1
Anns an t‑seachdamh bliadhna de Iehu thòisich Iehoas air rìoghachadh, agus rìghich e dà‑fhichead bliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Sibiah o Bheer‐sèba.
2
Agus rinn Iehoas an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna rè a làithean uile, anns an do theagaisg Iehoiada an sagart e.
3
Ach cha tugadh air falbh na h‑àitean àrda: bha an sluagh fhathast ag ìobradh agus a’ losgadh tùis anns na h‑àitean àrda.
4
Agus thubhairt Iehoas ris na sagartan, Uile airgead nan nithean coisrigte a bheirear a‑steach do thaigh an Tighearna, airgead gach duine a thèid seachad anns an àireamh, airgead‐meas gach duine, an t‑airgead uile a thig e ann an cridhe duine sam bith a thoirt a‑steach do thaigh an Tighearna,
5
Gabhadh na sagartan dan ionnsaigh e, gach duine o a fhear‐eòlais; agus càradh iad briseadh a gheibhear ann.
6
Gidheadh, ann an treas‐bliadhna‑fichead rìgh Iehoais, cha do chàraich na sagartan briseadh an taighe.
7
An sin ghairm rìgh Iehoas air Iehoiada an sagart, agus air na sagartan eile, agus thubhairt e riu, Carson nach eil sibh a’ càradh briseadh an taighe? A‑nis, matà, na gabhaibh airgead tuilleadh o luchd ur n‑eòlais, ach thugaibh airson briseadh an taighe e.
8
Agus dh’aontaich na sagartan gun airgead a ghabhail tuilleadh on t‑sluagh, agus gun briseadh an taighe a chàradh.
9
Ach ghabh Iehoiada an sagart ciste, agus rinn e toll na h‑uachdar, agus chuir e i ri taobh na h‑altarach air an làimh dheis, mar a thig duine a‑steach do thaigh an Tighearna: agus ann an sin chuir na sagartan a bha a’ gleidheadh an dorais an t‑airgead uile a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna.
10
Agus nuair a chunnaic iad gu robh mòran airgid anns a’ chiste, chaidh sgrìobhaiche an rìgh suas, agus an t‑àrd shagart, agus cheangail iad suas, agus ghabh iad suim an airgid a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna.
11
Agus thug iad an t‑airgead, nuair a chaidh a shuim a ghabhail, ann an làimh nan daoine a rinn an obair, a chuireadh os cionn taigh an Tighearna; agus thug iadsan a‑mach e do na saoir, agus don luchd‐togail, a rinn obair air taigh an Tighearna.
12
Agus do chlachairean, agus do luchd‐snaidhidh chlachan snaidhte a chàradh briseadh taigh an Tighearna, agus airson gach nì a chuireadh a‑mach air an taigh ga chàradh.
13
Gidheadh cha do rinneadh do thaigh an Tighearna cupain airgid, smàladairean, cuachan, trompaidean, soithichean òir air bith, no soithichean airgid air bith, den airgead a thugadh a‑steach do thaigh an Tighearna:
14
Ach thug iad e don luchd‐obrach, agus chàraich iad leis taigh an Tighearna.
15
Os bàrr, cha tug iad air na daoine, an làimh an tug iad an t‑airgead a‑chum a thoirt don luchd‐obrach, cunntas a thoirt seachad: oir rinn iadsan gu fìrinneach.
16
Cha tugadh an t‑airgead‐easaontais agus an t‑airgead‐peacaidh a‑steach do thaigh an Tighearna: bu leis na sagartan e.
17
An sin chaidh Hasael rìgh Shiria suas, agus chog e an aghaidh Ghat, agus ghlac e e: agus chuir Hasael a aghaidh ri dol suas gu Ierusalem.
18
Agus ghabh Iehoas rìgh Iùdah na nithean coisrigte uile a choisrig Iehosaphat, agus Iehoram, agus Ahasiah a athraichean, rìghrean Iùdah, agus a nithean coisrigte fhèin, agus an t‑òr uile a fhuaireadh ann an ionmhasan taigh an Tighearna, agus taigh an rìgh, agus chuir e a dh’ionnsaigh Hasaeil rìgh Shiria e; agus dh’imich e o Ierusalem.
19
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Iehoais, agus gach nì a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
20
Agus dh’èirich a sheirbhisich, agus rinn iad ceannairc, agus bhuail iad Iehoas ann an taigh Mhilo, a tha anns an dol sìos gu Sila:
21
Oir bhuail Iosachar mac Shimeat, agus Iehosabad mac Shomair a sheirbhisich, e, agus fhuair e bàs; agus dh’adhlaic iad e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh: agus rìghich Amasiah a mhac na àite.
← Chapter 11
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 13 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25