bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 20
2 Kings 20
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 21 →
1
Anns na làithean sin bha Heseciah tinn gu bàs: agus thàinig am fàidh Isaiah mac Amois da ionnsaigh, agus thubhairt e ris, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Cuir do thaigh an òrdagh, oir gheibh thu bàs, agus cha bhi thu beò.
2
An sin thionndaidh e a aghaidh ris a’ bhalla, agus rinn e ùrnaigh ris an Tighearna, ag ràdh,
3
Guidheam ort, O Thighearna, cuimhnich a‑nis cionnas a ghluais mi ad làthair ann am fìrinn, agus le cridhe iomlan, agus a rinn mi an nì a tha math ad shùilean. Agus ghuil Heseciah gu goirt.
4
Agus mun deachaidh Isaiah a‑mach don chùirt mheadhonaich, thàinig facal an Tighearna da ionnsaigh, ag ràdh,
5
Till, agus abair ri Heseciah, ceannard mo shluaigh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir: feuch, slànaichidh mi thu; air an treas là thèid thu suas do thaigh an Tighearna.
6
Agus cuiridh mi rid làithean còig‐bliadhna‑deug; agus saoraidh mi thusa, agus am baile seo, à làimh rìgh Asiria; agus dìonaidh mi am baile seo air mo shon fhèin, agus airson Dhaibhidh m’òglach.
7
Agus thubhairt Isaiah, Gabhaibh meall fhìge. Agus ghabh agus chuir iad e air an neasgaid, agus shlànaicheadh e.
8
Agus thubhairt Heseciah ri Isaiah, Ciod an comharradh gun leighis an Tighearna mi, agus gun tèid mi suas air an treas là do thaigh an Tighearna?
9
Agus thubhairt Isaiah, Bidh seo na chomharradh dhut on Tighearna gun dèan an Tighearna an nì a labhair e: An tèid an dubhar air aghaidh deich ceumannan, no an tèid e air ais deich ceumannan?
10
Agus fhreagair Heseciah, Is suarach an nì don dubhar dol sìos deich ceumannan; chan eadh, ach tilleadh an dubhar air ais deich ceumannan.
11
Agus ghlaodh Isaiah am fàidh ris an Tighearna; agus thug e air ais an dubhar deich ceumannan a chaidh e sìos air uaireadair‐grèine Ahais.
12
Anns an àm sin chuir Merodach‐baladan mac Bhaladain, rìgh Bhàbiloin, teachdairean le litrichean agus tìodhlac gu Heseciah: oir chuala e gu robh Heseciah tinn.
13
Agus rinn Heseciah gàirdeachas os an cionn, agus dh’fheuch e dhaibh uile thaigh‐tasgaidh a nithean luachmhor, an t‑airgead, agus an t‑òr, agus na spìosraidh, agus an ola luachmhor, agus a thaigh‐armachd, agus na nithean uile a fhuaireadh na ionmhasan: cha robh nì na thaigh, no na rìoghachd uile, nach d’fheuch Heseciah dhaibh.
14
An sin thàinig Isaiah am fàidh gu rìgh Heseciah, agus thubhairt e ris, Ciod a thubhairt na daoine seo? Agus cia as a thàinig iad ad ionnsaigh? Agus thubhairt Heseciah, Thàinig iad o thìr chèin, o Bhàbilon.
15
Agus thubhairt e, Ciod a chunnaic iad ann ad thaigh? Agus fhreagair Heseciah, Na h‑uile nithean a tha am thaigh chunnaic iad: chan eil nì ann am ionmhasan nach d’fheuch mi dhaibh.
16
Agus thubhairt Isaiah ri Heseciah, Eisd ri facal an Tighearna:
17
Feuch, tha na làithean a’ teachd, anns am bi na h‑uile nithean a tha ann ad thaigh, agus na h‑ionmhasan a thaisg d’athraichean suas gus an là‑an‑diugh, air an giùlan gu Bàbilon: chan fhàgar nì air bith, arsa an Tighearna.
18
Agus cuid ded mhic a thig uat, a ghineas tu, bheir iad leo, agus bidh iad nan caillteanaich ann an lùchairt rìgh Bhàbiloin.
19
An sin thubhairt Heseciah ri Isaiah, Is math facal an Tighearna a labhair thu: thubhairt e mar an ceudna, Nach math ma bhios sìth agus fìrinn ann am làithean‐sa?
20
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Heseciah, agus a thrèine uile, agus mar a rinn e lochan, agus sruth‐chlais, agus a thug e uisge a‑steach don bhaile, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
21
Agus chaidil Heseciah maille ra athraichean: agus rìghich Manaseh a mhac na àite.
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 21 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25