bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 21
2 Kings 21
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 22 →
1
Dà‑bhliadhna‑dheug a dh’aois bha Manaseh nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e còig‐bliadhna‑deug agus dà‑fhichead ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Hephsibah.
2
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.
3
Oir thog e suas a‑rìs na h‑àitean àrda a sgrios Heseciah a athair; agus chuir e suas altairean do Bhàal, agus rinn e doire, mar a rinn Ahab rìgh Israeil; agus shleuchd e do uile armailt nèimh, agus rinn e seirbhis dhaibh.
4
Agus thog e altairean ann an taigh an Tighearna, mun dubhairt an Tighearna, Ann an Ierusalem cuiridh mi m’ainm.
5
Agus thog e altairean do uile armailt nèimh, ann an dà chùirt taigh an Tighearna.
6
Agus thug e air a mhac dol tron teine, agus rinn e fiosachd, agus ghnàthaich e draoidheachd, agus chuir e air chois leannain‐shìth, agus luchd‐fiosachd: dh’obraich e mòr aingidheachd ann an sùilean an Tighearna, ga bhrosnachadh gu feirg.
7
Agus chuir e dealbh snaidhte an doire a rinn e anns an taigh mun dubhairt an Tighearna ri Daibhidh, agus ri Solamh a mhac, Anns an taigh seo, agus ann an Ierusalem, a thagh mi à uile threubhan Israeil, cuiridh mi m’ainm gu bràth.
8
Cha mhò a bheir mi air casan Israeil carachadh tuilleadh a‑mach as an fhearann a thug mi dan athraichean; a‑mhàin ma bheir iad an aire gun dèan iad a rèir nan uile nithean a dh’àithn mise dhaibh, agus a rèir an lagha uile a dh’àithn m’òglach Maois dhaibh.
9
Ach cha d’èisd iad: agus tharraing Manaseh iad gu tuilleadh uilc a dhèanamh na rinn na cinnich, a sgrios an Tighearna ro chloinn Israeil.
10
Agus labhair an Tighearna le a sheirbhisich na fàidhean, ag ràdh,
11
A chionn gun do rinn Manaseh rìgh Iùdah na gràinealachdan seo, agus gun do rinn e nas miosa na na h‑uile nithean a rinn na h‑Amoraich a bha roimhe, agus gun tug e air Iùdah mar an ceudna peacachadh le iodhalan:
12
Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Feuch, tha mi a’ tabhairt uilc air Ierusalem agus Iùdah, a bheir air gach neach a chluinneas e gum bi gaoir na dhà chluais.
13
Agus sìnidh mi a‑mach os cionn Ierusaleim sreang‐thomhais Shamaria, agus sreang‐riaghailt taigh Ahaib: agus glanaidh mi as Ierusalem mar a ghlanas neach soitheach, ga ghlanadh, agus a’ tionndadh a bheòil foidhe.
14
Agus trèigidh mi fuidheall m’oighreachd, agus bheir mi iad do làimh an naimhdean; agus bidh iad nan creich agus nan cobhartach dan naimhdean uile:
15
A chionn gun do rinn iad olc am shùilean, agus gun do bhrosnaich iad mi gu feirg on là anns an tàinig an athraichean a‑mach as an Eiphit, eadhon gus an là‑an‑diugh.
16
Os bàrr, dhòirt Manaseh fuil neochiontach gu ro‑mhòr, gus an do lìon e Ierusalem o cheann gu ceann, a thuilleadh air a pheacadh fhèin leis an tug e air Iùdah peacachadh, le olc a dhèanamh ann an sùilean an Tighearna.
17
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Mhanaseh, agus na h‑uile nithean a rinn e, agus a pheacadh a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
18
Agus chaidil Manaseh maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e ann an lios a thaighe fhèin, ann an lios Udsa: agus rìghich Amon a mhac na àite.
19
Dà bhliadhna ar fhichead a dh’aois bha Amon nuair a thòisich e air rìoghachadh; agus rìghich e dà bhliadhna ann an Ierusalem: agus b’e ainm a mhàthar Mesulemet, nighean Harais o Iotbah.
20
Agus rinn e olc ann an sùilean an Tighearna, mar a rinn Manaseh a athair,
21
Agus dh’imich e anns an uile shlighe anns an d’imich a athair, agus rinn e seirbhis do na h‑iodhalan don do rinn a athair seirbhis, agus rinn e adhradh dhaibh:
22
Agus thrèig e an Tighearna Dia a athraichean, agus cha do ghluais e ann an slighe an Tighearna.
23
Agus rinn seirbhisich Amoin ceannairc na aghaidh, agus mharbh iad an rìgh na thaigh fhèin.
24
Agus mharbh sluagh na tìre iadsan uile a rinn ceannairc an aghaidh rìgh Amoin; agus rinn sluagh na tìre Iosiah a mhac na rìgh na àite.
25
Agus a’ chuid eile de ghnìomharan Amoin a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
26
Agus dh’adhlaic iad e na uaigh fhèin ann an lios Udsa; agus rìghich Iosiah a mhac na àite.
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 22 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25