bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 16
2 Kings 16
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 17 →
1
Anns an t‑seachdamh‐bliadhna‑deug de Phecah mac Remaliah, thòisich Ahas mac Iotaim rìgh Iùdah air rìoghachadh.
2
Fichead bliadhna a dh’aois bha Ahas nuair a thòisich e air rìoghachadh, agus rìghich e sia‑bliadhna‑deug ann an Ierusalem; agus cha do rinn e an nì a bha ceart ann an sùilean an Tighearna a Dhia, mar a rinn Daibhidh a athair.
3
Ach dh’imich e ann an slighe rìghrean Israel, agus mar an ceudna thug e air a mhac dol tron teine, a rèir gràinealachd nan cinneach, a thilg an Tighearna a‑mach ro chloinn Israeil.
4
Agus dh’ìobair e agus loisg e tùis anns na h‑àitean àrda, agus air na cnuic, agus fo gach craoibh uaine.
5
An sin thàinig Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, a‑nìos gu Ierusalem, a chogadh: agus theannaich iad Ahas, ach cha b’urrainn iad buaidh a thoirt air.
6
Anns an àm sin choisinn Resin rìgh Shiria Elat air ais do Shiria, agus dh’fhògair e na h‑Iùdhaich à Elat; agus thàinig na Sirianaich do Elat, agus ghabh iad còmhnaidh ann gus an là‑an‑diugh.
7
Agus chuir Ahas teachdairean gu Tiglat‐pileser rìgh Asiria, ag ràdh, Is mise d’òglach agus do mhac: thig a‑nìos agus saor mi à làimh rìgh Shiria, agus à làimh rìgh Israeil, a dh’èirich am aghaidh.
8
Agus ghabh Ahas an t‑airgead agus an t‑òr a fhuaireadh ann an taigh an Tighearna, agus ann an ionmhasan taigh an rìgh, agus chuir e e mar thìodhlac gu rìgh Asiria.
9
Agus dh’èisd rìgh Asiria ris; oir chaidh rìgh Asiria suas an aghaidh Dhamascais, agus ghlac e e, agus thug e a shluagh leis ann am braighdeanas gu Cir, agus mharbh e Resin.
10
Agus chaidh rìgh Ahas an coinneamh Thiglat‐pileseir rìgh Asiria gu Damascas, agus chunnaic e altair a bha ann an Damascas; agus chuir rìgh Ahas gu Uriah, an sagart, samhladh na h‑altarach, agus a cumadh a rèir a h‑uile obrach.
11
Agus thog Uriah an sagart altair a rèir gach nì a chuir Ahas an rìgh o Dhamascas: mar sin rinn Uriah an sagart i air cheann do rìgh Ahas teachd o Dhamascas.
12
Agus nuair a thàinig an rìgh o Dhamascas, chunnaic an rìgh an altair: agus thàinig an rìgh am fagas agus dh’ìobair e oirre.
13
Agus loisg e a thabhartas‐loisgte, agus a thabhartas‐bìdh, agus thaom e a thabhartas‐dibhe, agus chrath e fuil a thabhartasan‐sìthe air an altair.
14
Agus thug e mar an ceudna an altair umha, a bha ann am fianais an Tighearna, o bheulaibh an taighe, o eadar an altair agus taigh an Tighearna, agus chuir e i air taobh tuath na h‑altarach.
15
Agus dh’àithn rìgh Ahas do Uriah an sagart, ag ràdh, Air an altair mhòir loisg tabhartas‐loisgte na maidne, agus tabhartas‐bìdh an fheasgair, agus tabhartas‐loisgte an rìgh, agus a thabhartas‐bìdh, agus tabhartas‐loisgte uile shluagh na tìre, agus an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartas‐dibhe; agus crath oirre uile fhuil na h‑ìobairte: agus bidh an altair umha agamsa gu fiosrachadh leatha.
16
Mar seo rinn Uriah an sagart a rèir gach nì a dh’àithn rìgh Ahas.
17
Agus gheàrr rìgh Ahas iomaill nam bonn dhiubh, agus dh’atharraich e dhiubh an soitheach‐ionnlaid, agus thug e a‑nuas an fhairge bhàrr nan damh umha a bha foidhpe, agus chuir e i air ùrlar chlach.
18
Agus an còmhdachadh sàbaid a thog iad anns an taigh, agus slighe an rìgh a‑steach on leth a‑muigh, thionndaidh e o thaigh an Tighearna airson rìgh Asiria.
19
A‑nis a’ chuid eile de ghnìomharan Ahais a rinn e, nach eil iad sgrìobhte ann an leabhar eachdraidh rìghrean Iùdah?
20
Agus chaidil Ahas maille ra athraichean, agus dh’adhlaiceadh e maille ra athraichean ann am baile Dhaibhidh; agus rìghich Heseciah a mhac na àite.
← Chapter 15
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 17 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25