bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
2 Kings 5
2 Kings 5
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 6 →
1
A‑nis bha Nàaman ceannard sluagh rìgh Shiria na dhuine mòr aig a thighearna, agus urramach, a chionn leis‐san gun tug an Tighearna saorsa do Shiria: bha e mar an ceudna treun ann an neart, ach bu lobhar e.
2
Agus chaidh na Sirianaich a‑mach nam buidhnean, agus thug iad leo ann am braighdeanas à tìr Israeil caileag bheag; agus bha i a’ feitheamh air mnaoi Nàamain.
3
Agus thubhairt i ra bana‑mhaighistir, B’fheàrr leam gu robh mo thighearna maille ris an fhàidh a tha ann an Samaria; an sin lèighseadh e o a luibhre e.
4
Agus chaidh esan a‑steach, agus dh’innis e da thighearna, ag ràdh, Mar seo agus mar seo thubhairt a’ chaileag a tha o thìr Israeil.
5
Agus thubhairt rìgh Shiria, Imich romhad, agus cuiridh mise litir a dh’ionnsaigh rìgh Israeil. Agus dh’imich e, agus thug e leis deich tàlannan airgid, agus sia mìle bonn òir, agus deich culaidhean aodaich.
6
Agus thug e an litir a dh’ionnsaigh rìgh Israeil, ag ràdh, A‑nis nuair a thig an litir seo ad ionnsaigh, feuch, chuir mi ad ionnsaigh leatha Nàaman mo sheirbhiseach, a‑chum is gun leighis thu e o a luibhre.
7
Agus nuair a leugh rìgh Israeil an litir, reub e a aodach, agus thubhairt e, An Dia mise, a mharbhadh agus a dhèanamh beò, gun cuireadh am fear seo fios am ionnsaigh duine a leigheas o a luibhre? Uime sin thugaibh fa‑near, guidheam oirbh, agus faicibh cionnas a tha e ag iarraidh adhbhair am aghaidh.
8
Agus nuair a chuala Elisa, an duine le Dia, gun do reub rìgh Israeil a aodach, chuir e fios a dh’ionnsaigh an rìgh, ag ràdh, Carson a reub thu d’aodach? Thigeadh e a‑nis am ionnsaigh‐sa, agus bidh fhios aige gu bheil fàidh ann an Israel.
9
Agus thàinig Nàaman le a eich agus le a charbad, agus sheas e aig doras taigh Elisa.
10
Agus chuir Elisa teachdaire da ionnsaigh, ag ràdh, Imich, agus nigh thu fhèin seachd uairean ann an Iòrdan, agus thig d’fheòil a‑rìs ad ionnsaigh, agus bidh tu glan.
11
Ach bha fearg air Nàaman, agus dh’fhalbh e roimhe, agus thubhairt e, Feuch, shaoil mi gu cinnteach gun tigeadh e a‑mach am ionnsaigh, agus gun seasadh e, agus gun gairmeadh e air ainm an Tighearna a Dhia, agus gun cuireadh e a làmh air an àite, agus gun lèighseadh e an lobhar.
12
Nach eil Abana agus Pharpar, aibhnichean Dhamascais, nas fheàrr na uile uisgeachan Israeil? Nach faod mi mi fhèin a nighe anntasan, agus a bhith glan? Agus thionndaidh e, agus dh’fhalbh e roimhe ann an corraich.
13
Agus thàinig a sheirbhisich am fagas, agus labhair iad ris, agus thubhairt iad, O athair, nam biodh am fàidh air iarraidh ort nì mòr a dhèanamh, nach dèanadh tu e? Nach ro‑mhò na sin, matà, nuair a tha e ag ràdh riut, Nigh agus bi glan?
14
An sin chaidh e sìos, agus thum e e fhèin ann an Iòrdan seachd uairean, a rèir facal an duine le Dia; agus thàinig a fheòil a‑rìs mar fheòil leinibh bhig, agus ghlanadh e.
15
Agus thill e a dh’ionnsaigh an duine le Dia, e fhèin agus a chuideachd uile, agus thàinig e, agus sheas e na làthair; agus thubhairt e, Feuch, a‑nis tha fhios agam nach eil Dia anns an talamh uile ach ann an Israel: a‑nis, matà, guidheam ort, gabh tìodhlac od sheirbhiseach.
16
Ach thubhairt esan, Mar as beò an Tighearna, an làthair a bheil mi am sheasamh, cha ghabh mi e. Agus chuir e impidh air a ghabhail, ach dhiùlt esan e.
17
Agus thubhairt Nàaman, Nach toirear, matà, guidheam ort, dod sheirbhiseach èire dhà mhuileid de thalamh? Oir cha toir do sheirbhiseach suas à seo a‑mach tabhartas‐loisgte no ìobairt do dhiathan air bith eile, ach don Tighearna.
18
Anns an nì seo gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach, nuair a thèid mo thighearna a‑steach do thaigh Rimoin a dhèanamh adhraidh an sin, agus a leigeas e a thaic air mo làimh‐sa, agus a chromas mise mi fhèin sìos ann an taigh Rimoin, gun tugadh an Tighearna maitheanas dod sheirbhiseach anns an nì seo.
19
Agus thubhairt esan ris, Imich ann an sìth. Agus dh’imich e uaithe beagan astair.
20
Agus thubhairt Gehasi, òglach Elisa, an duine le Dia, Feuch, chaomhain mo mhaighistir Nàaman an Sirianach seo, a‑thaobh nach do ghabh e as a làimh an nì sin a thug e leis: ach mar as beò an Tighearna, ruithidh mise na dhèidh, agus gabhaidh mi nì‑eigin uaithe.
21
Agus lean Gehasi Nàaman: agus nuair a chunnaic Nàaman e a’ ruith na dhèidh, leum e a‑nuas as a charbad na choinneamh, agus thubhairt e, A bheil gach nì gu math?
22
Agus thubhairt esan, Tha gach nì gu math: chuir mo mhaighistir uaithe mi, ag ràdh, Feuch, a‑nis thàinig am ionnsaigh dà òganach o shliabh Ephraim de mhic nam fàidh: thoir dhaibh, guidheam ort, tàlann airgid, agus dà chulaidh aodaich.
23
Agus thubhairt Nàaman, Mas toil leat, gabh dà thàlann. Agus cho‐èignich e e agus cheangail e dà thàlann airgid ann an dà mhàla agus dà chulaidh aodaich, agus chuir e iad air dithis de a òglaich; agus ghiùlain iadsan roimhe iad.
24
Agus nuair a thàinig e don dùn, ghabh e as an làimh iad, agus thaisg e ann an taigh iad; agus leig e na daoine air falbh, agus dh’fhalbh iad.
25
Agus chaidh esan a‑steach, agus sheas e an làthair a mhaighistir, agus thubhairt Elisa ris, Cia as a thàinig thusa, a Ghehasi? Agus thubhairt esan, Cha deachaidh do sheirbhiseach taobh air bith.
26
Agus thubhairt esan ris, Nach deachaidh mo chridhe‐sa maille riut, nuair a thill an duine o a charbad ad choinneamh? An àm seo a ghabhail airgid, agus a ghabhail aodaich, agus liosan‐ola, agus fhìonliosan, agus chaorach, agus buair, agus òglach, agus bhanoglach?
27
Uime sin dlùth‐leanaidh luibhre Nàamain riutsa, agus rid shliochd gu bràth. Agus chaidh e a‑mach as a fhianais, na lobhar, geal mar shneachd.
← Chapter 4
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 6 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25