bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 11
Ezekiel 11
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 12 →
1
Agus thog an spiorad suas mi, agus thug e mi gu geata an ear taigh an Tighearna, a tha ag amharc ris an àird an ear; agus, feuch, aig doras a’ gheata, còig fir ar fhichead: agus chunnaic mi nam measg Iaasaniah mac Asuir, agus Pelatiah mac Bhenaiah, uachdarain an t‑sluaigh.
2
An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, seo na daoine a tha a’ dealbh uilc, agus a’ toirt droch chomhairle anns a’ bhaile seo;
3
A tha ag ràdh, Chan eil e dlùth; togamaid taighean: is e am baile seo an coire, agus sinne an fheòil.
4
Air an adhbhar sin, dèan fàistneachd nan aghaidh, dèan fàistneachd, a mhic an duine.
5
Agus thuit orm Spiorad an Tighearna, agus thubhairt e rium, Abair, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Mar seo thubhairt sibh, O thaigh Israeil: oir is aithne dhòmhsa na nithean a tha a’ teachd nur n‑inntinn, gach uile nì dhiubh.
6
Mheudaich sibh ur mairbh anns a’ chathair seo, agus lìon sibh a sràidean leòsan a mharbhadh.
7
Air an adhbhar sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ur mairbh a chuir sibh na meadhon, is iadsan an fheòil, agus is i a’ chathair seo an coire; ach bheir mise sibh a‑mach as a meadhon.
8
Bha eagal oirbh ron chlaidheamh; agus bheir mise claidheamh oirbh, deir an Tighearna Dia.
9
Agus bheir mi sibh a‑mach as a meadhon, agus bheir mi thairis sibh do làmhan choimheach, agus nì mi breitheanais nur measg.
10
Tuitidh sibh leis a’ chlaidheamh: bheir mise breitheanas oirbh ann an iomall Israeil, agus bidh fhios agaibh gur mi an Tighearna.
11
Chan i a’ chathair seo a bhios na coire dhuibh, cha mhò a bhios sibhse na meadhon mar fheòil: ann an iomall Israeil bheir mise breith oirbh.
12
Agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna; oir cha do ghluais sibh ann am reachdan, cha mhò a rinn sibh mo bhreitheanais, ach rinn sibh a rèir nòs nan cinneach a tha air gach taobh mun cuairt dhuibh.
13
Agus thàrladh an tràth a rinn mise fàistneachd gun d’eug Pelatiah mac Bhenaiah: an sin thuit mi sìos air m’aghaidh, agus ghlaodh mi le guth àrd, agus thubhairt mi, Ah! Thighearna Dhia, an dèan thu làn‐chrìoch air iarmad Israeil?
14
A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
15
A mhic an duine, is iad do bhràithrean, eadhon do bhràithrean, fir do dhìlseachd, agus uile thaigh Israeil gu h‑iomlan, ris an dubhairt luchd‐àiteachaidh Ierusaleim, Imichibh am fad on Tighearna: dhuinne thugadh am fearann seo mar sheilbh.
16
Air an adhbhar sin abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ged a thilg mi fada uam iad am measg nan cinneach, agus ged a sgap mi iad am measg nan dùthchannan, gidheadh bidh mi dhaibh ann am naomh‐ionad beag anns na dùthchannan gus an tig iad.
17
Uime sin abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nì mi eadhon ur tional o na cinnich, agus ur cruinneachadh as na dùthchannan anns an robh sibh air ur sgapadh, agus bheir mi dhuibh fearann Israeil.
18
Agus thig iad da ionnsaigh, agus bheir iad uile nithean fuathach agus uile ghràinealachdan air falbh as.
19
Agus bheir mi dhaibh aon chridhe, agus cuiridh mi spiorad nuadh an taobh a‑staigh dhiubh; agus bheir mi an cridhe cloiche as am feòil, agus bheir mi dhaibh cridhe feòla;
20
A‑chum gun gluais iad ann am reachdan, agus gun coimhead iad m’òrdaighean, agus gun dèan iad iad: agus bidh iad nam poball dhòmhsa, agus bidh mise am Dhia dhaibhsan.
21
Ach don taobh‐san a thionndaidheas an cridhe a rèir cridhe an nithean fuathach, agus an gràinealachdan, dìolaidh mise an slighe air an ceann fhèin, deir an Tighearna Dia.
22
An sin thog na ceruban suas an sgiathan, agus na rothan làimh riu; agus bha glòir Dia Israeil tharta os an cionn.
23
Agus chaidh glòir an Tighearna suas o mheadhon a’ bhaile, agus sheas i air an t‑sliabh a tha air an taobh an ear den bhaile.
24
Na dhèidh sin ghlac an spiorad suas mi, agus thug e mi ann an taisbeanadh le Spiorad Dhè gu Caldèa, a‑chum nam braighdean. Mar sin chaidh an sealladh a chunnaic mi suas uam.
25
An sin labhair mi riùsan a bha anns an daorsa na h‑uile nithean a thaisbein an Tighearna dhomh.
← Chapter 10
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 12 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48