bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 27
Ezekiel 27
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 28 →
1
Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh,
2
A‑nis, a mhic an duine, tog suas tuireadh airson Thìruis;
3
Agus abair ri Tìrus, O thusa a tha air do shuidheachadh aig dol a‑steach na fairge, a tha nad cheannaiche don t‑sluagh airson mòran eileanan, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, O Thìorais, thubhairt thu, Tha mi ro‑sgiamhach.
4
Tha d’iomall ann am meadhon na fairge, rinn do luchd‐togail do mhaise foirfe.
5
Rinn iad d’uile chlàir de chruinn‐ghiuthais Shenir: thug iad seudair o Lebanon a dhèanamh chrann‐siùil dhut.
6
De dharagan Bhasain rinn iad do ràimh: rinn cuideachd nan Asurach do thobhtachan de dheud‐chnàimh o eileanan Chitim.
7
B’e anart grinn, le obair ghrèise on Eiphit, a sgaoil thu a‑mach gu bhith na sheòl dhut: b’e gorm agus purpar o eileanan Elisah an nì sin a sgeadaich thu.
8
B’iad luchd‐àiteachaidh Shìdoin agus Arbhaid do mharaichean: b’iad do dhaoine glice a bha annad, O Thìrus, luchd‐stiùraidh do loingeis.
9
B’iad seanairean Ghebail, agus a dhaoine glice, a bha agad nan luchd‐calcaidh: bha loingeis na fairge gu lèir lem maraichean annad, a‑chum do mhalairt a mheudachadh.
10
B’iad muinntir Phersia, agus Luid, agus Phuit, d’fhir‐chogaidh ann ad fheachd: chroch iad suas an sgiath agus a’ cheann‐bheairt annad; chuir iad an cèill do mhaise.
11
Bha fir Arbhaid led fheachd air do bhallachan mun cuairt, agus bha na Gamadaich ann ad thùran: chroch iad an sgiathan air do bhallachan mun cuairt: rinn iad do mhaise foirfe.
12
B’i Tarsis do cheannaiche, do bhrìgh pailteas an uile stòrais; le airgead, iarann, stàn, agus luaidhe, rinn iad malairt ann ad mhargaidhean.
13
Iabhan, Tubal, agus Mesech, b’iadsan do cheannaichean: reic iad pearsannan dhaoine, agus soithichean umha ann ad mhargadh.
14
Rinn muinntir Thogarmah malairt ann ad mhargaidhean, le eich, agus le marc‐shluagh, agus le muileidean.
15
B’iad fir Dhedain do cheannaichean, mòran eileanan malairt do làimhe: thug iad ad ionnsaigh mar thìodhlac adhaircean deud‐chnàmh, agus eboni.
16
B’i Siria do cheannaiche airson lìonmhorachd nan obraichean a rinn thu: rinn iad malairt ann ad mhargaidhean le emeraild, purpar, agus obair ghrèise, agus anart grinn, agus coireal, agus agat.
17
B’iad Iùdah agus tìr Israeil do cheannaichean: reic iad ann ad mhargadh cruithneachd Mhinnit, agus pannag, agus mil, agus ola, agus ìocshlaint.
18
B’e Damascas do cheannaiche ann an lìonmhorachd nan obraichean a rinn thu, airson pailteas an uile shaoibhreis: ann am fìon Helboin, agus ann an olainn ghil.
19
Rinn Dan fòs, agus Iabhan, a’ dol air an ais agus air an aghaidh, malairt ann ad mhargaidhean: bha iarann obraichte, casia agus calamas ann ad mhargadh.
20
B’e Dedan do cheannaiche ann an aodaichean luachmhor airson charbad.
21
Rinn Aràbia agus uile phrionnsachan Chedair malairt riut ann an uain, agus ann an reitheachan, agus ann an gobhair: anns na nithean seo b’iad do luchd‐malairt.
22
Ceannaichean Shèba agus Raamah, b’iadsan do cheannaichean: rinn iad malairt ann ad mhargadh le taghadh nan uile spìosraidh, agus leis na h‑uile chlachan luachmhor, agus le òr.
23
B’iad Haran agus Canneh, agus Eden, ceannaichean Shèba, Asuir, agus Chìlmaid, do cheannaichean‐sa.
24
B’iad seo do luchd‐malairt anns na h‑uile nithean, ann an aodaichean gorma, agus ann an obair ghrèise, agus ann an cisteachan de chulaidhean rìomhach, air an ceangal le cùird, agus dèante de sheudar, am measg do mhalairt.
25
Sheinn longan Tharsis mud thimcheall ann ad mhargadh; agus bha thu air do lìonadh, agus air do dhèanamh ro‑ghlòrmhor ann am meadhon nan cuantan.
26
Thug do ràmhaichean thu gu uisgeachan mòra: bhris a’ ghaoth an ear thu ann am meadhon na fairge.
27
Do shaoibhreas, agus do mhargadh, do mhalairt, do mharaichean, agus d’fhir‐stiùraidh, do luchd‐calcaidh, agus do luchd‐malairt, agus d’uile luchd‐cogaidh a tha annad, agus ann ad uile chuideachd a tha ann ad mheadhon, tuitidh ann am buillsgean na fairge, ann an là do sgrios.
28
Ri fuaim gaoir luchd‐stiùraidh do loingeis, criothnaichidh na bailtean mun cuairt dhut.
29
Agus thig na h‑uile a ghlacas an ràmh, na maraichean, uile stiùradairean na fairge, a‑nuas on longan, seasaidh iad air a tìr.
30
Agus bheir iad air an guth gun cluinnear e os do chionn, agus glaodhaidh iad gu goirt, agus tilgidh iad suas duslach air an cinn, aornaganaidh iad iad fhèin anns an luaithre.
31
Agus nì iad iad fhèin uile maol air do shon, agus crioslaichidh iad iad fhèin ann an aodach‐saic, agus guilidh iad air do shon le goirteas cridhe, le tuireadh geur.
32
Agus nan caoidh togaidh iad cumha air do shon, agus nì iad bròn os do chionn, ag ràdh, Cò a bu chosmhail ri Tìrus, a bu chosmhail rithese a tha millte ann am meadhon na fairge?
33
Nuair a chaidh d’obraichean a‑mach anns na fairgeachan, shàsaich thu iomadh sluagh; rinn thu beartach rìghrean na talmhainn le mòr‐phailteas do shaoibhreis agus do mhalairt.
34
Anns an àm anns am brisear thu leis an fhairge ann an doimhneachd nan uisgeachan, tuitidh do cheannachd agus do chuideachd gu h‑iomlan ann ad mheadhon.
35
Bidh uamhas dod thaobh air uile luchd‐àiteachaidh nan eilean, bidh eagal ro‑mhòr air an rìghrean, bidh an gnùis fo ghruaimean.
36
Nì na ceannaichean am measg nan cinneach sgeig ort; bidh tu ann ad uamhas, agus cha bhi thu ann nas mò gu bràth.
← Chapter 26
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 28 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48