bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 19
Ezekiel 19
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 20 →
1
Os bàrr, tog thusa suas tuireadh airson uachdarain Israeil.
2
Agus abair, Ciod i do mhàthair? – leòmhann boireann: laigh i sìos am measg leòmhann, dh’altraim i a cuileanan am measg leòmhann òga.
3
Agus thog i suas aon de a cuileanan: dh’fhàs e na leòmhann òg, agus dh’fhòghlaim e breith air a’ chreich; shluig e daoine.
4
Chuala na cinnich fòs iomradh air, ghlacadh e nan sloc, agus thug iad e le slabhraidhean gu tìr na h‑Eiphit.
5
A‑nis, nuair a chunnaic i gun d’fhàs i lag, agus gun do chaill i a dòchas, an sin ghabh i aon eile de a cuileanan, agus rinn i leòmhann òg dheth.
6
Agus dh’imich e sìos agus suas am measg nan leòmhann, dh’fhàs e na leòmhann òg, agus dh’fhòghlaim e breith air a’ chreich; shluig e daoine.
7
Agus thug e fa‑near an àrois, agus chuir e fàs am bailtean; agus bha an dùthaich fo uamhas, agus an làn a bha innte, le fuaim a bheucaich.
8
An sin chruinnich na cinnich na aghaidh air gach taobh, o na mòr‐roinnean, agus sgaoil iad an lìon thairis air: ghlacadh e nan sloc.
9
Agus chuir iad e an sàs ann an slabhraidhean, agus thug iad e gu rìgh Bhàbiloin; thug iad e gu daingnichean, a‑chum nach cluinnte tuilleadh a ghuth air slèibhtean Israeil.
10
Tha do mhàthair cosmhail ri fìonain, suidhichte ri taobh nan uisgeachan; bha i torrach, agus làn de gheugan, a thaobh mòran uisgeachan.
11
Agus bha slatan làidir aice, airson slatan‐riaghlaidh nan uachdaran; agus bha a h‑àirde togte suas am measg nan tiugh‐gheugan, agus chunnacas i na h‑àirde fhèin am measg lìonmhorachd a meanglan.
12
Ach spìonadh a‑nìos i ann an corraich, thilgeadh i sìos gu làr, agus thiormaich a’ ghaoth an ear suas a meas: bhriseadh agus sheargadh a slatan làidir, loisg an teine iad.
13
Agus a‑nis tha i air a suidheachadh anns an fhàsach, ann am fearann tioram, tartmhor.
14
Agus tha teine air dol a‑mach o shlait de a geugan a loisg a meas, air chor is nach eil slat làidir air bith aice gu bhith na slait gu riaghladh. Is tuireadh seo, agus bidh e na thuireadh.
← Chapter 18
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 20 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48