bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 6
Ezekiel 6
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 7 →
1
Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, cuir d’aghaidh ri slèibhtean Israeil, agus dèan fàistneachd nan aghaidh.
3
Agus abair, A shlèibhtean Israeil, cluinnibh facal an Tighearna Dia; mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ris na slèibhtean, agus ris na cnuic, ris na sruthan, agus ris na gleanntan, Feuch, bheir mise, mise fhèin, claidheamh oirbh, agus sgriosaidh mi ur n‑ionadan àrda.
4
Agus bidh ur n‑altairean fàs, agus ur dealbhan air am briseadh: agus tilgidh mise sìos ur daoine marbhte fa chomhair ur n‑iodhalan.
5
Agus leagaidh mi cuirp mharbha chloinn Israeil fa chomhair an iodhalan; agus sgapaidh mi ur cnàmhan mu thimcheall ur n‑altairean.
6
Ann ur n‑uile àiteachan‐còmhnaidh, nìthear na bailtean fàs, agus bidh ur n‑ionadan àrda faondrach, air chor is gum bi ur n‑altairean fàs agus uaigneach, agus gun tig briseadh agus cosgadh air ur n‑iodhalan, agus gun dubhar as ur n‑obraichean.
7
Agus tuitidh iadsan a bhios leònte nur meadhon; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna.
8
Gidheadh fàgaidh mi fuidheall, air chor is gum bi agaibh cuid a thèid as on chlaidheamh am measg nan cinneach, an tràth a bhios sibh air ur sgapadh am measg nan dùthchannan.
9
Agus cuimhnichidh a mheud dhibh is a thèid as mise, am measg nan cinneach gus an toirear iad nam braighdean, an tràth a chìosnaicheas mise an cridhe strìopachail a dhealaich rium, agus an sùilean a tha a’ dol air strìopachas an dèidh an iodhalan; agus bidh gràin aca dhiubh fhèin airson nan olc a chuir iad an gnìomh nan uile ghràinealachdan.
10
Agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, agus nach ann gu dìomhain a thubhairt mi gun dèanainn an t‑olc seo orra.
11
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Buail led làimh, agus breab led chois, agus abair, Mo thruaighe! airson uile dhroch ghràinealachdan taigh Israeil; oir tuitidh iad leis a’ chlaidheamh, leis a’ ghort, agus leis a’ phlàigh.
12
Esan a tha fad as bàsaichidh leis a’ phlàigh; agus esan a tha dlùth tuitidh leis a’ chlaidheamh; agus esan a mhaireas, agus a tha air a shèisdeadh, bàsaichidh leis a’ ghort: mar seo coileanaidh mise mo chorraich orra.
13
An sin bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna, an tràth a bhios an daoine marbhte, am measg an iodhalan, mun cuairt air an altairean, air gach aon chnoc àrd, air uile mhullaichean nan sliabh, agus fo gach uile chrann uaine, agus fo gach daraig gheugaich; an t‑àite anns an tug iad boltrach cùbhraidh don uile iodhalan.
14
Mar sin sìnidh mise a‑mach mo làmh orra, agus nì mi am fearann fàs, seadh, nas uaigniche na fàsach Dhiblait, nan uile ionadan‐còmhnaidh; agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna.
← Chapter 5
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 7 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48