bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 45
Ezekiel 45
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 44
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 46 →
1
Mar an ceudna nuair a roinneas sibh le crannchur am fearann mar oighreachd, bheir sibh tabhartas don Tighearna, earrann naomh den fhearann: is e a fhad còig‐mìle‐fichead làmh‐choille, agus a leud deich mìle; bidh seo naomh na uile chrìochan mun cuairt.
2
Dheth seo bidh airson an ionaid naoimh còig ceud air fad, le còig ceud air leud, ceithir‐cheàrnach mun cuairt; agus leth‐cheud làmh‐choille mun cuairt, airson a dhlùth‐bhailtean.
3
An dèidh an tomhais seo, tòimhsidh tu ann am fad còig‐mìle‐fichead, agus ann an leud deich mìle; agus an sin bidh an t‑ionad naomh, an t‑àite ro‑naomh.
4
Bidh a’ chuid seo den fhearann naomh do na sagartan, luchd‐frithealaidh an ionaid naoimh, a thig dlùth a‑chum frithealadh don Tighearna; agus bidh e na ionad airson an taighean, agus na àite naomh airson an naomh‐ionaid.
5
Agus fòs còig‐mìle‐fichead air fad, agus deich mìle air leud bidh aig na Lèbhithich, luchd‐frithealaidh an taighe, air an son fhèin, mar sheilbh airson fichead seòmar.
6
Agus òrdaichidh sibh mar sheilbh na cathrach còig mìle làmh‐choille air leud, agus còig‐mìle‐fichead air fad, thall fa chomhair àite an ionaid naoimh: bidh e aig uile thaigh Israeil.
7
Agus bidh aig an uachdaran air an aon taobh, agus air an taobh eile de chuibhreann an ionaid naoimh, agus de sheilbh na cathrach, fa chomhair cuibhreann an ionaid naoimh, agus fa chomhair seilbh na cathrach, on taobh an iar, ris an iar: agus on taobh an ear, ris an ear; agus bidh am fad thall fa chomhair aoin de na h‑earrannan, on iomall an iar gus an iomall an ear.
8
Anns an fhearann bidh a shealbh ann an Israel; agus cha sàraich m’uachdarain‐sa nas mò mo shluagh: agus am fearann bheir iad do thaigh Israeil a rèir am fineachan.
9
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gum bu leòr leibh, O uachdarana Israeil: cuiribh uaibh ainneart agus creach, agus dèanaibh breitheanas agus ceartas, togaibh leibh ur n‑aintighearnas om shluagh‐sa, deir an Tighearna Iehòbhah.
10
Bidh agaibh meidhean cothromach, agus ephah chothromach, agus bat cothromach.
11
Bidh an ephah agus am bat de aon tomhas, air chor is gun cùm am bat an deicheamh cuid de homer, agus an ephah an deicheamh cuid de homer: bidh a thomhas a rèir an homeir:
12
Agus bidh ann an secel fichead gerah: fichead secel, còig seceil ar fhichead, còig‐seceil‐deug, bidh sin na mhaneh agaibh.
13
Seo an tabhartas a bheir sibh uaibh; an siathamh cuid de ephah à homer cruithneachd, agus bheir sibh an siathamh cuid de ephah à homer eòrna.
14
A‑thaobh reachd na h‑ola, am bat ola, bheir sibh uaibh an deicheamh cuid de bhat as a’ chòrr, is e sin homer deich bhat; oir is deich bait a tha ann an homer:
15
Agus aon uan as an treud, à dà cheud, à ionaltradh reamhar Israeil, airson tabhartais‐bhìdh, agus airson ìobairt‐loisgte agus airson thabhartas‐sìthe, a‑chum rèite a dhèanamh air an son, deir an Tighearna Dia.
16
Bheir uile shluagh an fhearainn an tabhartas seo airson an uachdarain ann an Israel.
17
Agus buinidh e don phrionnsa tabhartasan‐loisgte, agus tabhartasan‐bìdh, agus tabhartasan‐dibhe a thoirt uaithe air na làithean fèille, agus air na gealaichean nuadha, agus air na sàbaidean, agus air uile àrd‐fhèillean taigh Israeil: deasaichidh e an tabhartas‐peacaidh, agus an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartas‐loisgte, agus na tabhartasan‐sìthe, a dhèanamh rèite airson taigh Israeil.
18
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns a’ chiad mhìos air a’ chiad là den mhìos, gabhaidh tu tarbh òg gun ghaoid, agus glanaidh tu an naomh‐ionad.
19
Agus gabhaidh an sagart de fhuil na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus cuiridh e i air puist an taighe, agus air ceithir ceàrnan bonn na h‑altarach, agus air puist geata na cùirte a‑staigh.
20
Agus mar sin nì thu air an t‑seachdamh là den mhìos, airson gach aoin a thèid air seachran, agus a nì gu h‑amaideach: mar sin nì sibh rèite airson an teampaill.
21
Anns a’ chiad mhìos, air a’ cheathramh‐là‑deug den mhìos, bidh a’ chàisg agaibh, fèill seachd làithean; ithear aran gun ghortachadh.
22
Agus air an là sin deasaichidh am prionnsa air a shon fhèin, agus airson uile shluagh an fhearainn, tarbh airson ìobairt‐pheacaidh.
23
Agus air seachd làithean na fèille deasaichidh e ìobairt‐loisgte don Tighearna, seachd tairbh, agus seachd reitheachan gun ghaoid, gach là, fad nan seachd làithean, agus meann de na gobhair gach là airson ìobairt‐pheacaidh.
24
Agus deasaichidh e tabhartas‐bìdh, eadhon ephah airson tairbh, agus ephah airson reithe, agus hin ola airson ephah.
25
Anns an t‑seachdamh mìos, air a’ chòigeamh‐là‑deug den mhìos, nì e a rèir sin air fèill nan seachd làithean, a rèir an tabhartais‐pheacaidh, a rèir na h‑ofrail‐loisgte, agus a rèir an tabhartais‐bhìdh, agus a rèir na h‑ola.
← Chapter 44
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 46 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48