bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 43
Ezekiel 43
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 42
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 44 →
1
Na dhèidh sin thug e mi a‑chum a’ gheata, an geata a tha ag amharc ris an àird an ear:
2
Agus, feuch, thàinig glòir Dia Israeil o shlighe na h‑àird an ear: agus bha a ghuth mar thoirm mòran uisgeachan, agus dhealraich an talamh le a ghlòir.
3
Agus bha an sealladh seo a chunnaic mi cosmhail ris an t‑sealladh sin a chunnaic mi nuair a thàinig e a‑chum am baile a sgrios: agus bha a choslas mar an coslas a chunnaic mi aig sruth Chebair: agus thuit mi air m’aghaidh.
4
Agus thàinig glòir an Tighearna a‑chum an teampaill, air slighe a’ gheata a tha ag amharc ris an àird an ear.
5
An sin thog an spiorad suas mi, agus thug e mi gus a’ chùirt a‑staigh, agus feuch, lìon glòir an Tighearna an teampall.
6
Agus chuala mi e a’ labhairt rium a‑mach as an teampall; agus sheas an duine làimh rium.
7
Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, tha thu a’ faicinn àite mo rìgh‐chathrach, agus ionad buinn mo chas, far an gabh mi còmhnaidh ann am meadhon cloinn Israeil gu sìorraidh, agus m’ainm naomh‐sa cha truaill taigh Israeil nas mò, iad fhèin no an rìghrean, len strìopachas, no le cairbhean an rìghrean nan ionadan àrda.
8
Le suidheachadh an stairsnich aig mo stairsnich‐sa, agus am puist aig mo phuist‐sa, agus am balla eadar mise agus iadsan, rinn iad eadhon m’ainm naomh a thruailleadh len gràinealachdan a chuir iad an gnìomh: uime sin chaith mise iad ann am chorraich.
9
A‑nis cuireadh iad air falbh an strìopachas, agus cairbhean an rìghrean fada uam, agus gabhaidh mi còmhnaidh nam meadhon gu sìorraidh.
10
A mhic an duine, feuch an teampall seo do thaigh Israeil, a‑chum gun gabh iad nàire den euceartan; agus tomhaiseadh iad an samhladh.
11
Agus ma bhios nàire orra de gach nì a rinn iad, feuch dhaibh dreach an taighe, agus a chumachd, agus a dhol a‑mach, agus a theachd a‑steach, agus a uile choslas, agus a uile òrdaighean, agus a uile dheilbh, agus a uile reachdan; agus sgrìobh e nan sealladh, a‑chum gun coimhead iad a uile dhreach, agus a uile òrdaighean, agus gun dèan iad iad.
12
Is e seo reachd an taighe: Air mullach an t‑slèibh bidh a chrìoch uile mun cuairt ro‑naomh: feuch, is e seo reachd an taighe.
13
Agus is iad seo tomhaisean na h‑altarach ann an làmhan‐coille, le leud boise ris gach aon làmh‐choille; bidh eadhon làmh‐choille na bonn, agus làmh‐choille na leud, agus rèis na h‑iomall air an oir mun cuairt; agus bidh seo na chuartachadh don altair.
14
Agus on bhonn air an làr gu ruig an suidheachadh ìochdarach bidh dà làmh‐choille, agus aon làmh‐choille an leud; agus on t‑suidheachadh as lugha gus an suidheachadh as mò, bidh ceithir làmhan‐coille, agus an leud aon làmh‐choille.
15
Mar sin bidh an altair ceithir làmhan‐coille: agus on altair an àird bidh ceithir adhaircean.
16
Agus bidh an altair dà làmh‐choille dheug air fad, a dhà‐dheug air leud, ceithir‐cheàrnach na ceithir cheàrnan.
17
Agus bidh am bonn ceithir làmhan‐coille deug air fad, agus ceithir‐deug air leud na cheithir cheàrnan; agus bidh an oir mun cuairt oirre leth làmh‐choille; agus bidh a bonn làmh‐choille mun cuairt, agus amhaircidh a ceuman ris an àird an ear.
18
Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is iad seo òrdaighean na h‑altarach anns an là anns an dèan iad i, a‑chum tabhartasan‐loisgte ìobradh oirre, agus a‑chum fuil a chrathadh oirre.
19
Agus bheir thu do na sagartan, na Lèbhithich, a tha de shliochd Shadoic, a thig dlùth dhòmhsa a‑chum frithealadh dhomh, tha an Tighearna Dia ag ràdh, tarbh òg mar thabhartas‐peacaidh.
20
Agus gabhaidh tu de a fhuil, agus cuiridh tu i air a ceithir adhaircean, agus air ceithir ceàrnan a buinn, agus air an oir mun cuairt: mar seo glanaidh agus nighidh tu i.
21
Gabhaidh tu fòs tarbh na h‑ìobairt‐pheacaidh, agus loisgidh esan e ann an ionad òrdaichte an taighe, an taobh a‑muigh den naomh‐ionad.
22
Agus air an dara là ìobraidh tu meann de na gobhair gun ghaoid, airson tabhartais‐pheacaidh; agus glanaidh iad an altair, mar a ghlan iad i leis an tarbh.
23
Nuair a sguireas tu de a glanadh, ìobraidh tu tarbh òg gun ghaoid, agus reithe as an treud gun ghaoid.
24
Agus ìobraidh tu iad an làthair an Tighearna, agus tilgidh na sagartan salann orra, agus ìobraidh iad suas iad mar ìobairt‐loisgte don Tighearna.
25
Seachd làithean deasaichidh tu, gach aon là, gobhar airson ìobairt‐pheacaidh: deasaichidh iad fòs tarbh òg agus reithe as an treud gun ghaoid.
26
Seachd làithean glanaidh iad an altair, agus nighidh iad i, agus naomhaichidh iad iad fhèin.
27
Agus nuair a bhios na làithean seo air an crìochnachadh, tàrlaidh air an ochdamh là, agus mar sin sìos, gun ìobair na sagartan ur n‑ìobairtean‐loisgte air an altair, agus ur n‑ìobairtean‐sìth, agus gabhaidh mise ribh, deir an Tighearna Iehòbhah.
← Chapter 42
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 44 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48