bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 31
Ezekiel 31
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 30
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 32 →
1
Agus thàrladh, anns an aon‐bhliadhna‑deug, anns an treas mìos, air a’ chiad là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, labhair ri Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus ra mhòr‐chuideachd. Cò ris as cosmhail thu ann ad mhòrachd?
3
Feuch, bu chrann seudair ann an Lebanon an t‑Asirianach, le geugan maiseach, agus le sgàil dhorcha, agus le àirde mhòir; agus bha a bhàrr am measg nam meanganan tiugha.
4
Thug na h‑uisgeachan air fàs, dh’àraich an doimhne suas e, ruith a sruthan mu thimcheall a mheanglan, agus chuir i a‑mach a sruthanan beaga a‑chum uile chraobhan na machrach.
5
Uime sin dh’èirich a àirde suas os cionn uile chraobhan na machrach, agus bha a mheanganan lìonmhor, agus dh’fhàs a gheugan fada, le lìonmhorachd nan uisgeachan, nuair a sgaoil e a‑mach.
6
Rinn uile eunlaith nan speur an nid na gheugan, agus fo a gheugan rug uile bheathaichean na machrach an àlach, agus fo a sgàil ghabh cruinneachadh mòran chinneach còmhnaidh.
7
Mar seo bha e maiseach na mhòrachd, ann am fad a gheugan: oir bha a fhreumh ri taobh nan uisgeachan mòra.
8
Cha b’urrainn na seudair ann an gàrradh Dhè a fhalach: cha robh na craobhan giuthais cosmhail ra mheanganan, no na craobhan geanm‐chnò cosmhail ra gheugan: cha robh crann air bith ann an gàrradh Dhè cosmhail ris na mhaise.
9
Rinn mi maiseach e le lìonmhorachd a gheugan; ionnas gun do ghabh uile chraobhan Edein, a bha ann an gàrradh Dhè, farmad ris.
10
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do rinn e uaill as a àirde, agus gun do chuir e suas a bhàrr ann am meadhon nan neul, agus gu bheil a chridhe air a thogail suas na àirde;
11
Uime sin thug mi thairis e do làimh aon cumhachdach nan cinneach: buinidh esan gu làidir ris; dh’fhuadaich mise a‑mach e airson a chionta.
12
Agus gheàrr coimhich, a’ chuid as uamhasaiche de na cinnich, a‑mach e, agus dh’fhàg iad e: air na slèibhtean, agus anns na gleanntan uile, thuit a gheugan, agus tha a mheangain air am briseadh anns gach uile cheàrnaidh den talamh; agus dh’imich uile shluagh an domhain sìos o a sgàil, agus thrèig iad e.
13
Air a bhallachan briste gabhaidh uile eunlaith an adhair còmhnaidh, agus bidh uile bheathaichean na machrach air a gheugan:
14
A‑chum nach àrdaicheadh crann air bith de chroinn nan uisgeachan iad fhèin airson an àirde, agus nach cuireadh iad suas am bàrr am measg nan tiugh‐gheugan, cha mhò a sheasadh an croinn suas nan àirde, gach aon ag òl suas nan uisgeachan: oir tha iad uile air an toirt thairis gu bàs, do ionadan ìochdarach na talmhainn, ann am meadhon clann nan daoine, maille riùsan a thèid sìos don t‑sloc.
15
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns an là air an deachaidh e sìos don uaigh, thug mise fa‑near caoidh a bhith air a dèanamh; chòmhdaich mi air a shon an doimhne, agus choisg mi a tuiltean, agus bhacadh na h‑uisgeachan mòra; thug mi fòs air Lebanon caoidh air a shon, agus dh’fhannaich air a shon uile chraobhan na machrach.
16
Thug mi air na cinnich criothnachadh ri fuaim a leagaidh, nuair a thilg mi e sìos don ionad ìochdarach, leòsan a thèid sìos don t‑sloc: agus bidh an comhfhurtachd ann an ionadan ìochdarach na talmhainn aig uile chraobhan Edein, rogha agus tagha Lebanoin, na h‑uile a tha ag òl suas an uisge.
17
Chaidh iadsan mar an ceudna sìos don ionad ìochdarach maille ris, a‑chum na dream a mharbhadh leis a’ chlaidheamh; agus iadsan a bu ghàirdean dha, a ghabh còmhnaidh fo a sgàil ann am meadhon nan cinneach.
18
Cò, matà, ris an cosmhail thusa mar seo ann an glòir, agus ann am mòrachd am measg chraobhan Edein? Gidheadh, bheirear sìos thu maille ri craobhan Edein gu àiteachan ìochdarach na talmhainn: laighidh tu ann am meadhon na muinntir neo‐thimcheall‐gheàrrte, maille riùsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh. Seo Phàraoh agus a mhòr‐chuideachd uile, deir an Tighearna Dia.
← Chapter 30
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 32 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48