bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 22
Ezekiel 22
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 23 →
1
Os bàrr thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A‑nis, a mhic an duine, an tagair thu, an tagair thu as leth na cathrach fhuileachdaich? Seadh, feuchaidh tu dhi a h‑uile ghràinealachdan.
3
An sin abair thusa, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tha a’ chathair a’ dòrtadh fala na meadhon, a‑chum gun tigeadh a h‑àm, agus a’ dèanamh iodhalan na h‑aghaidh fhèin, gu i fhèin a thruailleadh.
4
Tha thu air fàs ciontach ann ad fhuil a dhòirt thu, agus thruaill thu thu fhèin ann ad iodhalan a rinn thu; agus thug thu air do làithean teachd dlùth, agus thàinig thu a‑chum do bhliadhnachan; uime sin rinn mise dhìot masladh do na cinnich, agus ball‐magaidh do na h‑uile dhùthchannan.
5
Iadsan a tha dlùth, agus iadsan a tha fada uat, nì iad fanaid ortsa, a tha mì‑chliùteach, a tha ri mòran sàrachaidh.
6
Feuch, tha uachdarain Israeil annad, gach aon a rèir a chumhachd a dhòrtadh fala.
7
Annadsa rinn iad dìmeas air athair agus màthair; ann ad mheadhon bhuin iad le ainneart ris a’ choigreach: annadsa shàraich iad an dìlleachdan agus a’ bhantrach.
8
Rinn thu tàir air mo nithean naomha‑sa, agus thruaill thu mo shàbaidean.
9
Annadsa tha luchd‐aithris sgeòil a dhòrtadh fala: agus annadsa tha iad ag ithe air na slèibhtean: ann ad mheadhon tha iad a’ cur an gnìomh neòghlaine.
10
Annadsa leig iad ris lomnochdaidh an athar; dh’ìslich iad annad ise a chuireadh a thaobh airson neòghlaine.
11
Agus rinn aon gràinealachd le mnaoi a choimhearsnaich; agus thruaill aon eile gu gràineil nighean a mhnà; agus dh’ìslich neach eile annad a phiuthar, nighean a athar.
12
Annadsa ghabh iad duais gu fuil a dhòrtadh: ghabh thu ocar agus riadh, agus bhuannaich thu gu sanntach od choimhearsnaich le ana‑cothrom, agus dhìochuimhnich thu mise, deir an Tighearna Dia.
13
Feuch, uime sin bhuail mise mo làmh air do bhuannachd neo‐ionraic a rinn thu, agus air d’fhuil, a bha ann ad mheadhon.
14
An urrainn do chridhe fulang, no an urrainn do làmhan a bhith làidir anns na làithean anns am buin mise riut? Mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e.
15
Agus sgapaidh mi thu am measg nan cinneach, agus sgànraidh mi thu am measg nan dùthchannan, agus caithidh mi do neòghlaine asad.
16
Agus bidh tu air do thruailleadh ann an sealladh nan cinneach, agus aithnichidh tu gur mise an Tighearna.
17
Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh.
18
A mhic an duine, tha taigh Israeil air fàs dhòmhsa mar shal; tha iad uile nan umha, agus nan stàn, agus nan iarann, agus nan luaidh, ann am meadhon na h‑àmhainn; chan eil annta ach sal airgid.
19
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna ag ràdh, A chionn gun d’fhàs sibh uile nur sal, feuch, uime sin, cruinnichidh mise sibh gu meadhon Ierusaleim.
20
Mar a chruinnicheas iad airgead, agus umha, agus iarann, agus luaidhe agus stàn gu meadhon na h‑àmhainn, a‑chum an teine a shèideadh air, gus a leaghadh; is amhail a chruinnicheas mise sibhse ann am chorraich, agus ann am fheirg, agus fàgaidh mi sibh an sin, agus leaghaidh mi sibh.
21
Seadh, cruinnichidh mi sibh, agus sèididh mi oirbh ann an teine mo chorraich, agus bidh sibh air ur leaghadh na mheadhon.
22
Mar a leaghar airgead ann am meadhon na h‑àmhainn, is amhlaidh a leaghar sibhse na meadhon‐se; agus aithnichidh sibh gun do dhòirt mise Iehòbhah a‑mach mo chorraich oirbh.
23
Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
24
A mhic an duine, abair ris an fhearann, Is tusa am fearann nach eil air d’uisgeachadh, air nach do thuit frasachd ann an là na dian‐fheirge.
25
Tha co‑bhoinn fhàidhean na mheadhon; mar leòmhann beucach an tòir air a’ chreich: shluig iad anaman: ghlac iad an t‑ionmhas agus na nithean luachmhor: rinn iad a bhantraichean lìonmhor na mheadhon.
26
Bhris a shagartan mo reachd, agus mhì‐naomhaich iad mo nithean naomha: cha do chuir iad dealachadh sam bith eadar an naomh agus am mì‑naomh, cha mhò a dh’fheuch iad ciod tha neòghlan, agus ciod glan: agus dh’fhalaich iad an sùilean om shàbaidean, agus tha mi air mo mhì‐naomhachadh nam measg.
27
Tha a uachdarain na mheadhon mar mhadaidhean‐allaidh, cìocrach a‑chum creiche, a dhòrtadh fala, a sgrios anaman, a dh’fhaotainn buannachd neo‐ionraic.
28
Agus chòmhdaich a fhàidhean iad le criadh gun obrachadh, a’ faicinn dìomhanais, agus a’ fàistneachd bhreug dhaibh, ag ràdh, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, nuair nach do labhair an Tighearna.
29
Ghnàthaich sluagh an fhearainn ainneart, agus chuir iad an gnìomh reubainn, agus shàraich iad am bochd agus am feumach: seadh, rinn iad fòirneart air a’ choigreach gu h‑eucorach.
30
Agus dh’iarr mise airson duine nam measg a dhèanadh suas a’ challaid, agus a sheasadh anns a’ bhriseadh fam chomhair airson an fhearainn, a‑chum nach sgriosainn e; ach cha d’fhuair mi aon neach.
31
Uime sin dhòirt mi a‑mach orra mo dhian‐chorraich; chaith mi iad le teine m’fheirge: an slighe fhèin dhìol mi air an cinn, deir an Tighearna Dia.
← Chapter 21
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 23 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48