bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 32
Ezekiel 32
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 31
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 33 →
1
Agus thàrladh, anns an dara‑bliadhna‑deug, anns an dara‑mìos‐deug, air a’ chiad là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, tog suas tuireadh airson Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus abair ris, Is cosmhail thu ri leòmhann òg de na cinnich, agus tha thu mar uabheist anns na cuantan; agus thàinig thu a‑mach led shruthan, agus chuir thu troimhe chèile na h‑uisgeachan led chasan, agus shalaich thu an aibhnichean.
3
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sgaoilidh mise uime sin mo lìon os do chionn, le cuideachd mòran chinneach, agus bheir iad a‑nìos thu ann am lìon.
4
An sin fàgaidh mi air an talamh thu, tilgidh mi a‑mach air an fhaiche luim thu, agus bheir mi air uile eunlaith an adhair laighe ort, agus bheir mi do uile bheathaichean na talmhainn an sàth dhìot.
5
Agus cuiridh mi d’fheòil air na slèibhtean, agus lìonaidh mi na glinn led thulaichean.
6
Uisgichidh mi fòs led fhuil am fearann anns a bheil thu a’ snàmh, gu ruig na slèibhtean; agus bidh na h‑aibhnichean làn dhìot.
7
Agus nuair a chuireas mi as thu, falaichidh mi na nèamhan, agus nì mi an reultan dorcha: còmhdaichidh mi a’ ghrian le neul, agus cha toir a’ ghealach seachad a solas.
8
Uile sholais dhealrach nèimh nì mi dorcha os do chionn, agus cuiridh mi dorchadas air d’fhearann, deir an Tighearna Dia.
9
Cuiridh mi fòs doilgheas air cridheachan mòran dhaoine, nuair a bheir mi do lèirsgrios am measg nan cinneach, gus na dùthchannan nach b’aithne dhut.
10
Seadh, cuiridh mi air mòran dhaoine uamhas dod thaobh, agus bidh eagal ro‑mhòr air an rìghrean air do shon, nuair a thogas mise mo chlaidheamh nan làthair; agus criothnaichidh iad ann an tiota; gach aon airson a bheatha fhèin, ann an là do leagaidh‐sa.
11
Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Thig claidheamh rìgh Bhàbiloin ort.
12
Le claidheamhan nan cumhachdach bheir mise air do mhòr‐chuideachd tuiteam, leòsan uile as uamhasaiche de na cinnich; agus millidh iad mòrchuis na h‑Èiphit, agus bidh a mòr‐shluagh gu lèir air an sgrios.
13
Sgriosaidh mi fòs a h‑ainmhidhean uile o thaobh nan uisgeachan mòra, agus cha chuir cas duine dragh orra tuilleadh, cha mhò a ghluaisear iad le iongannan ainmhidh.
14
An sin nì mise an uisgeachan domhain, agus bheir mi air an aibhnichean ruith mar ola, deir an Tighearna Dia.
15
Nuair a nì mi tìr na h‑Èiphit na fàsach, agus a bhios an dùthaich falamh den nì sin den robh i làn, nuair a bhuaileas mi na h‑uile a tha a chòmhnaidh innte, an sin aithnichidh iad gur mise an Tighearna.
16
Seo an tuireadh leis an tuir iad os a cionn: Nì nigheanan nan cinneach caoidh air a son: nì iad caoidh air a son, airson na h‑Èiphit, agus airson a mòr‐shluaigh uile, deir an Tighearna Dia.
17
Thàrladh mar an ceudna, anns an dara‑bliadhna‑deug, air a’ chòigeamh‐là‑deug den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
18
A mhic an duine, dèan cumha airson mòr‐shluagh na h‑Èiphit, agus tilg sìos iad, i fhèin agus nigheanan nan cinneach iomraiteach, gu ionadan ìochdarach na talmhainn, maille riùsan a thèid sìos don t‑sloc.
19
Cò air a bheil thu a’ toirt barrachd ann am maise? Imich sìos, agus laigh leis na neo‐thimcheall‐gheàrrte.
20
Tuitidh iad nam meadhon‐san a mharbhadh leis a’ chlaidheamh: thugadh thairis don chlaidheamh i: tàirngibh a‑mach i fhèin agus a sluagh gu h‑iomlan.
21
Labhraidh cinn‐fheadhna nan cumhachdach ris o mheadhon an ionaid ìochdaraich, maille riùsan a chuidich leis: chaidh iad sìos, tha iad nan laighe leis na neo‐thimcheall‐gheàrrte a mharbhadh leis a’ chlaidheamh.
22
Tha Asur an sin agus a chuideachd uile: tha a uaighean‐san ma thimcheall: tha iad uile marbh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh.
23
Tha an uaighean air an suidheachadh air gach taobh den t‑sloc, agus tha a chuideachd mu thimcheall uaighe: iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh, a dhùisg uamhas ann an tìr nam beò.
24
An sin tha Elam agus a shluagh uile mu thimcheall a uaighe, iad uile air am marbhadh, air tuiteam leis a’ chlaidheamh; chaidh iadsan sìos neo‐thimcheall‐gheàrrte gu ionadan ìochdarach na talmhainn, a dhùisg uamhas ann an tìr nam beò; gidheadh ghiùlain iad an nàire leòsan a chaidh sìos don t‑sloc.
25
Ann am meadhon nam marbh shuidhich iad leabaidh dha maille ra uile shluagh: tha an uaighean ma thimcheall, iad uile neo‐thimcheall‐gheàrrte air am marbhadh leis a’ chlaidheamh: ged a dhùisgeadh an uamhas ann an tìr nam beò, gidheadh ghiùlain iad an nàire leòsan a chaidh sìos don t‑sloc: chuireadh e ann am meadhon na muinntir a mharbhadh.
26
An sin tha Mesech, Tubal, agus a shluagh uile; tha an uaighean ma thimcheall: iad uile neo‐thimcheall‐gheàrrte, air am marbhadh leis a’ chlaidheamh, ged a sgaoil iad an uamhas ann an tìr nam beò.
27
Agus cha laigh iad leis na cumhachdaich, a thuit de na neo‐thimcheall‐gheàrrte, a chaidh sìos do ifrinn len airm‐chogaidh; agus chuir iad an claidheamhan fon cinn, ach bidh an aingidheachd air an cnàmhan, ged a b’iad uamhas nan cumhachdach ann an tìr nam beò.
28
Seadh, brisear thu ann am meadhon nan neo‐thimcheall‐gheàrrte, agus laighidh tu leòsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh.
29
An sin tha Edom, a rìghrean, agus a phrionnsachan uile, a tha len neart nan laighe ann am fochar na muinntir a mharbhadh leis a’ chlaidheamh: laighidh iad leis na neo‐thimcheall‐gheàrrte, agus leòsan a thèid sìos don t‑sloc.
30
An sin tha prionnsachan na h‑àird a tuath, an t‑iomlan dhiubh, agus na Sìdonaich uile, a chaidh sìos leis na mairbh, len uamhas tha nàire orra den cumhachd; agus tha iad nan laighe neo‐thimcheall‐gheàrrte leòsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh, agus a’ giùlan an nàire leòsan a thèid sìos don t‑sloc.
31
Chì Phàraoh iad, agus bidh comhfhurtachd aige os cionn a mhòr‐chuideachd uile, eadhon Phàraoh agus a fheachd gu lèir air am marbhadh leis a’ chlaidheamh, deir an Tighearna Dia.
32
Oir dhùisg mise m’uamhas ann an tìr nam beò: agus suidhichear esan ann am meadhon nan neo‐thimcheall‐gheàrrte, leòsan a mharbhadh leis a’ chlaidheamh, Phàraoh agus a shluagh gu lèir, deir an Tighearna Dia.
← Chapter 31
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 33 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48