bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 30
Ezekiel 30
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 31 →
1
Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh,
2
A mhic an duine, dèan fàistneachd agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Dèanaibh ulartaich; Och, an là!
3
Oir tha an là dlùth, eadhon là an Tighearna dlùth, là neulach, àm nan cinneach a bhios ann.
4
Agus thig an claidheamh air an Eiphit, agus bidh cràdh mòr ann an Etiopia, nuair a thuiteas iadsan a mharbhar anns an Eiphit, agus bheir iad a sluagh air falbh, agus brisear sìos a bunaitean.
5
Etiopia, agus Libia, agus Lidia, agus an sluagh co‑measgte gu lèir, agus Chub, agus muinntir na tìre a tha an co‑bhoinn, tuitidh leòsan leis a’ chlaidheamh.
6
Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Tuitidh iadsan fòs a tha a’ cumail suas na h‑Eiphit, agus thig uabhar a cumhachd a‑nuas: o thùr Shiene tuitidh iad innte leis a’ chlaidheamh, deir an Tighearna Dia.
7
Agus bidh iad fàs ann am meadhon nan dùthchannan fàsail, agus bidh a cathraichean ann am meadhon nan cathraichean a tha air am fàsachadh.
8
Agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a chuireas mi teine anns an Eiphit, agus a sgriosar a h‑uile luchd‐cuideachaidh.
9
Anns an là sin thèid teachdairean a‑mach uamsa ann an longan, a chur eagail air na h‑Etiopaich air nach eil cùram, agus thig cràdh mòr orra, mar ann an là na h‑Eiphit: oir feuch, tha e a’ teachd.
10
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cuiridh mise fòs casg air mòr‐shluagh na h‑Eiphit, le làimh Nebuchadnesair rìgh Bhàbiloin.
11
Bheirear e fhèin agus a shluagh maille ris, a’ chuid as uamhasaiche de na cinnich, a sgrios na tìre: agus tàirngidh iad an claidheamh an aghaidh na h‑Eiphit, agus lìonaidh iad an talamh le mairbh.
12
Agus nì mise na h‑aibhnichean tioram, agus reicidh mi am fearann ri làimh nan aingidh; agus nì mi an tìr fàs, agus na h‑uile a tha innte, le làimh nan coimheach: mise Iehòbhah labhair e.
13
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Sgriosaidh mi fòs na h‑iodhalan, agus dìthichidh mi ìomhaighean a‑mach à Noph: agus cha bhi nas mò prionnsa air tìr na h‑Eiphit: agus cuiridh mi eagal ann am fearann na h‑Eiphit.
14
Agus nì mi Patros na fhàsach, agus cuiridh mi teine ann an Sòan, agus nì mi breitheanais ann an Nò.
15
Agus dòirtidh mi mo chorraich air Sin, neart na h‑Eiphit, agus gearraidh mi as muinntir Nò.
16
Agus cuiridh mi teine anns an Eiphit, bidh cràdh mòr air Sin, agus reubar Nò as a chèile, agus bidh Noph gach là ann an airc.
17
Tuitidh òganaich Abhein agus Phibeseit leis a’ chlaidheamh, agus imichidh na bailtean seo gu daorsa.
18
Ann an Tahapanes fòs bidh an là dorcha, nuair bhriseas mise an sin cuing na h‑Eiphit: agus sguiridh mòrchuis a neirt innte: seadh, falaichidh neul i, agus thèid a nigheanan air falbh ann am braighdeanas.
19
Mar seo nì mise breitheanais anns an Eiphit: agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.
20
Agus thàrladh, anns an aon‐bhliadhna‑deug, anns a’ chiad mhìos, air an t‑seachdamh là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
21
A mhic an duine, bhris mise gàirdean Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus, feuch, cha cheanglar e suas gu bhith air a leigheas, a chur crios air ga cheangal, ga dhèanamh làidir, a chumail a’ chlaidheimh.
22
Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh Phàraoh rìgh na h‑Eiphit, agus brisidh mi a ghàirdeanan, esan a tha làidir, agus esan a bhriseadh: agus bheir mi air a’ chlaidheamh tuiteam as a làimh.
23
Agus sgapaidh mi na h‑Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad air feadh nan dùthchannan.
24
Agus neartaichidh mi gàirdeanan rìgh Bhàbiloin, agus cuiridh mi mo chlaidheamh na làimh: ach brisidh mi gàirdeanan Phàraoh, agus nì e caoirean na fhianais, mar dhuine a tha leònte gu bàs.
25
Ach neartaichidh mi gàirdeanan rìgh Bhàbiloin, agus tuitidh gàirdean Phàraoh sìos; agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a chuireas mi mo chlaidheamh ann an làimh rìgh Bhàbiloin, agus a shìneas e a‑mach e air tìr na h‑Eiphit.
26
Agus sgapaidh mi na h‑Eiphitich am measg nan cinneach, agus sgaoilidh mi iad air feadh nan dùthchannan; agus aithnichidh iad gur mi an Tighearna.
← Chapter 29
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 31 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48