bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 7
Ezekiel 7
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 8 →
1
Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
Fòs, a mhic an duine, abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ri fearann Israeil: Thàinig crìoch, thàinig a’ chrìoch air ceithir ceàrnan na tìre.
3
A‑nis thàinig crìoch ort, agus cuiridh mise mo chorraich ort, agus bheir mi breith ort a rèir do shlighe, agus dìolaidh mi riut d’uile ghràinealachdan.
4
Agus cha chaomhain mo shùil thu, cha mhò a bhios truas agam, ach dìolaidh mi riut do shlighe, agus bidh do ghràinealachdan ann ad mheadhon; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna.
5
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha olc, aon olc eile a’ teachd.
6
Tha crìoch air teachd, thàinig a’ chrìoch; tha i ri faire air do shon, feuch thàinig i.
7
Dh’èirich a’ mhadainn ort, O thusa a tha ag àiteachadh na tìre; thàinig an t‑àm, tha là an àmhghair dlùth, agus chan e ath‐fhreagradh nan sliabh.
8
A‑nis gu h‑aithghearr dòirtidh mi a‑mach m’fhearg, agus coileanaidh mi mo chorraich ort: agus bheir mi breith ort a rèir do shlighe, agus dìolaidh mi riut d’uile ghràinealachdan.
9
Agus cha choigil mo shùil, cha mhò a bhios truas agam: dìolaidh mi riut a rèir do shlighe, agus do ghràinealachdan ann ad mheadhon; agus bidh fhios agaibh gur mise an Tighearna a tha a’ bualadh.
10
Feuch an là, feuch, thàinig e; chaidh a’ mhadainn a‑mach, thàinig blàth air an t‑slait, ùr‑fhàs air an uabhar.
11
Dh’fhàs ainneart suas gu slait aingidheachd: cha mhair aon dhiubh, no den sluagh, no aon a bhuineas dhaibh, cha mhò a bhios cumha sam bith air an son.
12
Thàinig an t‑àm, tha an là a’ teachd am fagas; na dèanadh am fear‐reice gàirdeachas, no am fear‐ceannaich bròn: oir thuit fearg air a mòr‐chuideachd uile.
13
Oir cha till am fear‐reice ris an nì sin a reiceadh, ged robh iad am measg nam beò; oir tha an taisbeanadh mu thimcheall a mòr‐chuideachd uile; cha till iad, cha mhò a neartaicheas aon duine e fhèin ann an aingidheachd a bheatha.
14
Shèid iad an trompaid, eadhon a‑chum na h‑uile a dhèanamh deas; ach chan eil neach air bith a’ dol a‑chum a’ chatha: oir tha m’fhearg‐sa air a mòr‐chuideachd uile.
15
Tha an claidheamh a‑muigh, agus a’ phlàigh, agus a’ ghort a‑staigh: esan a tha anns a’ mhachair bàsaichidh e leis a’ chlaidheamh; agus esan a tha anns a’ bhaile nì gort agus plàigh a ithe suas.
16
Ach iadsan a thèid as dhiubh, thèid as, agus bidh iad air na slèibhtean mar chalamain nan gleann, iad uile a’ caoidh, gach aon dhiubh airson a aingidheachd fhèin.
17
Bidh na h‑uile làmhan lag, agus bidh na h‑uile ghlùinean anfhann mar uisge.
18
Crioslaichidh iad fòs iad fhèin le aodach‐saic, agus nì uamhas an còmhdachadh, agus bidh nàire air a h‑uile aghaidh, agus air an cinn uile bidh maoile.
19
Tilgidh iad an airgead anns na sràidean, agus atharraichear an òr: cha bhi an airgead agus an òr comasach air an saoradh ann an là fearg an Tighearna: cha sàsaich iad an anama, cha mhò a lìonas iad an com: a chionn gun toir an aingidheachd tuisleadh orra.
20
A chionn gun do rinn iad dheth èideadh àillidh agus sgiamhach, leis an do sgeadaich iad dealbhan gràineil an nithean fuathach, uime sin bheir mise fa‑near gum buinear e uapa.
21
Agus bheir mi e do làmhan nan coimheach mar chobhartaich, agus do dhroch dhaoine na talmhainn mar chreich, agus nì iadsan a thruailleadh.
22
Tillidh mi fòs m’aghaidh uapa, agus bidh m’ionad diamhair air a thruailleadh; oir thèid an luchd‐spùinnidh a‑steach ann, agus truaillidh iad e.
23
Dèan slabhraidh; oir tha am fearann làn euceartan fuilteach, agus tha a’ chathair làn ainneirt.
24
Uime sin, bheir mise a’ chuid as miosa de na cinnich, agus sealbhaichidh iad an taighean: cuiridh mi fòs cosgadh air uabhar nan neartmhor, agus truaillear an ionadan naomha.
25
Tha lèirsgrios a’ teachd, agus iarraidh iad sìth, ach cha bhi i ann.
26
Thig urchuid air urchuid, agus tuairisgeul air thuairisgeul; an sin iarraidh iad sealladh on fhàidh: ach eugaidh an lagh on t‑sagart, agus comhairle o na seanairean.
27
Nì an rìgh caoidh, agus bidh am prionnsa air èideadh le lèirsgrios, agus bidh làmhan sluagh na tìre fo gheilt: nì mise riu a rèir an slighe, agus a rèir an toillteanais bheir mi breith orra, agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48