bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 20
Ezekiel 20
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 21 →
1
Agus thàrladh anns an t‑seachdamh bliadhna, anns a’ chòigeamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, gun tàinig cuid àraidh de sheanairean Israeil a dh’fhiosrachadh on Tighearna, agus shuidh iad ann am làthair‐sa.
2
An sin thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
3
A mhic an duine, labhair ri seanairean Israeil, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh. An tàinig sibh a dh’fhiosrachadh dhìomsa? Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, cha bhi mi air m’fhiosrachadh leibh.
4
An tagair thusa as an leth, a mhic an duine, an tagair thu? Thoir orra gun aithnich iad gràinealachdan an athraichean;
5
Agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Anns an là anns an do roghnaich mise Israel, agus anns an do thog mi suas mo làmh airson sliochd taigh Iàcoib, agus anns an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh ann an tìr na h‑Eiphit, nuair a thog mi suas mo làmh air an son, ag ràdh, Is mi Iehòbhah ur Dia;
6
Anns an là anns an do thog mi suas mo làmh air an son gu an toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit, a‑chum fearainn a rannsaich mi a‑mach dhaibh, a’ sruthadh le bainne agus le mil, as e glòir nan uile fhearann;
7
An sin thubhairt mi riu, Tilgibh uaibh, gach aon neach, gràinealachdan a shùl, agus na truaillibh sibh fhèin le iodhalan na h‑Eiphit; is mise Iehòbhah ur Dia.
8
Ach chathaich iad am aghaidh, agus chan èisdeadh iad rium: cha do thilg iad uapa, gach aon, gràinealachdan an sùl, cha mhò a thrèig iad iodhalan na h‑Eiphit: an sin thubhairt mi, Dòirtidh mi mo chorraich orra, a‑chum gun coilean mi m’fhearg nan aghaidh ann am meadhon tìr na h‑Eiphit.
9
Ach dh’obraich mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach truaillte e an làthair nan cinneach am measg an robh iad, agus an do rinn mi mi fhèin aithnichte dhaibh nan sealladh, len toirt a‑mach à tìr na h‑Eiphit.
10
Air an adhbhar sin thug mi orra dol a‑mach à tìr na h‑Eiphit, agus thug mi iad a‑chum an fhàsaich:
11
Agus thug mi dhaibh mo reachdan, agus dh’fhoillsich mi dhaibh mo bhreitheanais, nithean ma choileanas duine sam bith, mairidh e beò annta.
12
A thuilleadh air seo fòs, thug mi dhaibh mo shàbaidean, gu bhith nan comharradh eadar mise agus iadsan, a‑chum gun aithnicheadh iad gur mi an Tighearna a tha gan naomhachadh.
13
Ach rinn taigh Israeil ceannairc am aghaidh anns an fhàsach: cha do ghluais iad ann am reachdan, agus rinn iad tàir air mo bhreitheanais, nithean ma nì duine, mairidh e beò annta; agus mo shàbaidean thruaill iad gu mòr: an sin thubhairt mi gun dòirtinn mo chorraich a‑mach orra anns an fhàsach, a‑chum an caitheamh.
14
Ach dh’obraich mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach biodh e air a thruailleadh am measg nan cinneach, ann an sealladh an tug mi a‑mach iad.
15
Ach fòs thog mi suas mo làmh dhaibh anns an fhàsach, nach tugainn iad don fhearann a thug mi dhaibh, a’ sruthadh le bainne agus le mil, as e glòir nan uile fhearann:
16
A chionn gun do rinn iad tàir air mo bhreitheanais, agus nach do ghluais iad ann am reachdan, ach gun do thruaill iad mo shàbaidean: oir chaidh an cridhe an dèidh an iodhalan.
17
Gidheadh choigil mo shùil iad on sgrios, cha mhò a rinn mi crìoch a thoirt orra anns an fhàsach.
18
Agus thubhairt mi rin cloinn anns an fhàsach, Na gluaisibh‐se ann an reachdan ur n‑athraichean, cha mhò a ghleidheas sibh am breitheanais, no a thruailleas sibh sibh fhèin len iodhalan.
19
Is mise an Tighearna ur Dia; gluaisibh ann am reachdan, agus coimheadaibh mo bhreitheanais, agus dèanaibh iad:
20
Agus naomhaichibh mo shàbaidean; agus bidh iad nan comharradh eadar mise agus sibhse, a‑chum gum bi fhios agaibh gur mise an Tighearna ur Dia.
21
Gidheadh, rinn an clann ar‑a‑mach ann am aghaidh: cha do ghluais iad ann am reachdan, cha mhò a choimhead iad mo bhreitheanais gu an dèanamh, nithean ma nì duine, mairidh e beò annta; thruaill iad mo shàbaidean; an sin thubhairt mi gun dòirtinn a‑mach mo chorraich orra, a‑chum gun coileanainn m’fhearg nan aghaidh anns an fhàsach.
22
Gidheadh, thill mi air a h‑ais mo làmh, agus rinn mi air sgàth m’ainme fhèin, a‑chum nach biodh e air a thruailleadh ann am fianais nan cinneach, ann an sealladh an tug mi a‑mach iad.
23
Thog mi suas mo làmh dhaibh fòs anns an fhàsach, gun sgapainn iad am measg nan cinneach, agus gun sgaoilinn iad air feadh nan dùthchannan;
24
A chionn nach do chuir iad an gnìomh mo bhreitheanais, ach gun do rinn iad tàir air mo reachdan, agus gun do thruaill iad mo shàbaidean, agus gu robh an sùilean an dèidh iodhalan an athraichean.
25
Uime sin thug mi dhaibh fòs reachdan nach robh math, agus breitheanais leis nach biodh iad beò.
26
Agus thruaill mi iad nan tìodhlacan fhèin, le iad a bhith a’ toirt air gach nì a dh’fhosglas a’ bhrù dol tron teine, ionnas gun dèanainn‐sa fàs iad, a‑chum gun aithnicheadh iad gur mi an Tighearna.
27
Uime sin, a mhic an duine, labhair ri taigh Israeil, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Ann an seo fòs mhaslaich ur n‑athraichean mise, le ciontachadh gu trom am aghaidh.
28
Nuair a thug mi iad don fhearann, mun do thog mi suas mo làmh gun tugainn dhaibh e, an sin chunnaic iad gach cnoc àrd, agus na h‑uile chruinn thiugha, agus dh’ìobair iad an sin an ìobairtean, agus an sin thug iad seachad an tabhartasan fuathach: an sin fòs rinn iad am fàile cùbhraidh, agus dhòirt iad a‑mach an ìobairtean dibhe.
29
An sin thubhairt mi riu, Ciod an t‑ionad àrd gus a bheil sibh a’ dol? Agus goirear Bamah mar a ainm gus an là‑an‑diugh.
30
Uime sin, abair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A bheil sibh air ur truailleadh a rèir nòs ur n‑athraichean? Agus a bheil sibh a’ cur strìopachais an gnìomh a rèir an gràinealachdan‐san?
31
Oir nuair a tha sibh a’ toirt seachad ur tìodhlacan, nuair a tha sibh a’ toirt air ur mic dol tron teine, tha sibh gur truailleadh fhèin le ur n‑uile iodhalan, eadhon gus an là‑an‑diugh: agus an toir mise freagradh dhuibh, O thaigh Israeil? Mar as beò mi, tha an Tighearna Dia ag ràdh, cha toir mi dhuibh freagradh.
32
Agus an nì sin a tha a’ teachd nur n‑aire cha tachair air chor air bith, anns a bheil sibh ag ràdh, Bidh sinn mar na cinnich, mar mhuinntir nan dùthchannan, ann an seirbhis a thoirt do chrann agus do chloich.
33
Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu cinnteach le làimh chumhachdaich, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le corraich air a dòrtadh a‑mach, riaghlaidh mise os ur cionn:
34
Agus bheir mi a‑mach sibh as na slòigh, agus tionailidh mi sibh as na dùthchannan anns a bheil sibh air ur sgapadh, le làimh thrèin, agus le gàirdean sìnte a‑mach, agus le corraich air a dòrtadh a‑mach.
35
Agus bheir mi sibh gu fàsach nam fineachan, agus an sin tagraidh mi ribh aghaidh ri aghaidh.
36
Amhail a thagair mi ri ur n‑athraichean ann am fàsach tìr na h‑Eiphit, is amhail a thagras mi ribhse, deir an Tighearna Dia.
37
Agus bheir mi oirbh imeachd fon t‑slait, agus bheir mi sibh fo cheangal a’ chùmhnaint.
38
Agus glanaidh mi a‑mach as ur measg na ceannaircich, agus an dream a tha a’ ciontachadh am aghaidh: bheir mi iad a‑mach as an dùthaich anns a bheil iad air chuairt, agus cha tèid iad a‑steach do fhearann Israeil: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.
39
Air ur son‐se, O thaigh Israeil, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Imichibh, dèanaibh seirbhis, gach aon duine da iodhalan a‑nis na dhèidh seo, mura èisd sibh riumsa; ach na truaillibh m’ainm naomh‐sa nas mò le ur tabhartasan agus le ur n‑iodhalan.
40
Oir ann am shliabh naomh‐sa, ann an sliabh àirde Israeil, tha an Tighearna Dia ag ràdh, ann an sin nì uile thaigh Israeil, na bhios air thalamh uile dhiubh, seirbhis dhòmhsa: an sin gabhaidh mi riu, agus an sin iarraidh mi ur tabhartasan, agus ciad‐thoradh ur n‑ìobairtean, le ur n‑uile nithean naomha.
41
Gabhaidh mi ribh le ur boltrach cùbhraidh nuair a bheir mi a‑mach sibh o na fineachan, agus a thionaileas mi sibh o na dùthchannan anns an robh sibh air ur sgapadh; agus bidh mi air mo naomhachadh annaibh ann am fianais nan cinneach.
42
Agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna, nuair a bheir mi sibh gu fearann Israeil, gus an dùthaich mun do thog mi suas mo làmh gun tugainn i dur n‑athraichean.
43
Agus ann an sin cuimhnichidh sibh ur slighe, agus ur n‑uile dhèanadais, anns an robh sibh air ur truailleadh; agus bidh sibh gràineil nur sealladh fhèin airson ur n‑uile lochdan a rinn sibh.
44
Agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna, nuair a dh’obraicheas mi leibh airson m’ainme fhèin, chan ann a rèir ur droch shlighe, no a rèir ur dèanadais aingidh, O thaigh Israeil, deir an Tighearna Dia.
45
Os bàrr thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
46
A mhic an duine, cuir d’aghaidh ris an àird a deas, agus leig sileadh dod fhacal ri deas, agus dèan fàistneachd an aghaidh frìth na machrach mu dheas;
47
Agus abair ri frìth na h‑àird a deas, Eisd facal an Tighearna: Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, fadaidh mise teine annad, agus loisgidh e gach uile chrann uaine annad, agus gach uile chrann seargte; cha mhùchar an teine lasrach, agus loisgear ann gach uile aghaidh, o dheas gu ruige tuath.
48
Agus chì gach uile fheòil gur mise, an Tighearna, a las e: cha bhi e air a mhùchadh.
49
An sin thubhairt mise, Ah! a Thighearna Dhè, tha iad ag ràdh dom thaobh‐sa, Nach eil e a’ labhairt chosamhlachdan dorcha?
← Chapter 19
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 21 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48