bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 23
Ezekiel 23
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 24 →
1
Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh,
2
A mhic an duine, bha dithis bhan ann, nigheanan na h‑aon mhàthar;
3
Agus rinn iad strìopachas anns an Eiphit, rinn iad strìopachas nan òige; an sin bha an uchd air a bhruthadh, agus an sin bhruthadh cìochan am maighdeannais.
4
Agus b’iad an ainmean, Aholah, ise bu shine, agus Aholibah a piuthar; agus bu leamsa iad, agus rug iad mic agus nigheanan: mar seo an ainmean; is i Aholah Samaria, agus is i Aholibah Ierusalem.
5
Agus rinn Aholah strìopachas nuair bu leamsa i; agus bha i an cion air a leannain, air na h‑Asirianaich, a coimhearsnaich.
6
Sgeadaichte le gorm, nan cinn‐fheadhna, agus nan luchd‐riaghlaidh, iad uile nan òganaich àillidh, marc‐shluagh, a’ marcachd air eich.
7
Mar seo rinn i strìopachas leo, leis a mheud is a bha de fhir thaghte ann an Asiria, agus leis na h‑uile air an robh a cion; len iodhalan uile shalaich i i fhèin.
8
Cha mhò a sguir i de a strìopachas leis an Eiphit: oir na h‑òige laigh iad leatha, agus bhrùth iad cìochan a maighdeannais, agus dhòirt iad oirre an strìopachas.
9
Air an adhbhar sin thug mise thairis i do làimh a leannan, do làimh nan Asirianach air an robh a cion.
10
Leig iad seo ris a lomnochdaidh: ghabh iad a mic agus a nigheanan, agus mharbh iad i leis a’ chlaidheamh: agus dh’fhàs i iomraiteach am measg bhan, oir thug iad breitheanas oirre.
11
Agus nuair a chunnaic a piuthar Aholibah seo, bha i na bu truaillidh na gràdh neo‐mheasarra na ise; agus na strìopachas na bu mhò na a piuthar na strìopachas.
12
Bha a cion air na h‑Asirianaich a coimhearsnaich, cinn‐fheadhna, agus luchd‐riaghlaidh, sgeadaichte gu ro‑sgiamhach, marc‐shluagh, a’ marcachd air eich, iad uile nan òganaich àillidh.
13
An sin chunnaic mi gu robh i air a truailleadh, gum b’ionnan slighe dhaibh araon;
14
Ach gun deachaidh ise na b’fhaide na strìopachas: oir nuair a chunnaic i daoine air an dealbh air a’ bhalla, ìomhaighean nan Caldèanach, air an tarraing le corcar,
15
Crioslaichte le criosan air an leasraibh, sgeadaichte le ceann‐èideadh dathte air an cinn, iad uile mar chinn‐fheadhna ri am faicinn, cosmhail ri mic Bhàbiloin, a dh’àraich tìr Chaldèa;
16
Agus cho luath is a chunnaic i iad le a sùilean, ghabh i cion orra, agus chuir i teachdairean dan ionnsaigh, gu Caldèa.
17
Agus thàinig na Bàbilonaich da h‑ionnsaigh gus an leabaidh‐ghaoil, agus thruaill iad i len strìopachas; ach an dèidh a bhith air a truailleadh leo, bha a h‑inntinn air a claonadh air falbh uapa.
18
Mar sin leig i ris a strìopachas, agus leig i ris a lomnochdaidh; an sin thill m’inntinn‐sa uaipe, amhail a thill m’inntinn o a piuthair.
19
Gidheadh mheudaich i a strìopachais, le làithean a h‑òige a ghairm gu cuimhne, anns an do rinn i strìopachas ann an tìr na h‑Eiphit.
20
Oir mhiannaich i a co‑chèilidhean, aig a bheil am feòil mar fheòil asal, agus an sìol mar shìol each.
21
Mar seo ghairm thu gu cuimhne neòghlaine d’òige, ann am bruthadh do bhroillich leis na h‑Eiphitich, ann am bruthadh cìochan d’òige.
22
Air an adhbhar sin, O Aholibah, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, dùisgidh mise suas do leannain ann ad aghaidh, o a bheil d’inntinn air claonadh, agus bheir mi iad ann ad aghaidh air gach taobh;
23
Na Bàbilonaich, agus na Caldèanaich uile, Pecod, agus Soa, agus Coa, na h‑Asirianaich uile maille riu: iad uile nan daoine àillidh, cinn‐fheadhna, agus luchd‐riaghlaidh, tighearnan mòra agus iomraiteach, iad uile a’ marcachd air eich.
24
Agus thig iad ann ad aghaidh le carbadan, le cobhanan, agus le rothan, agus le coitheanal sluaigh, a chuireas ann ad aghaidh targaid, agus sgiath, agus clogad, air gach aon taobh: agus cuiridh mise breitheanas fan comhair, agus bheir iad breith ort a rèir am breitheanais.
25
Agus cuiridh mise m’eud ad aghaidh, agus buinidh iad gu ro‑gharg riut: bheir iad air falbh do shròn, agus do chluasan, agus tuitidh d’fhuidheall leis a’ chlaidheamh: bheir iad leo do mhic, agus do nigheanan, agus loisgear na dh’fhàgar dhìot anns an teine.
26
Bheir iad dhìot mar an ceudna d’aodach, agus bheir iad air falbh do sheudan maiseach.
27
Mar seo bheir mise air do neò‐ghlaine sgur annad, agus air do strìopachas le tìr na h‑Eiphit: air chor is nach tog thu suas do shùilean riu, agus nach cuimhnich thu an Eiphit nas mò.
28
Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise thairis thu do làimh na muinntir leis am fuathach thu, do làimh na muinntir om bheil do chridhe air claonadh;
29
Agus buinidh iad riut gu fuathach, agus bheir iad air falbh d’uile shaothair, agus fàgaidh iad thu lom agus rùisgte; agus bidh lomnochdaidh do strìopachais air a leigeadh ris, araon do ghràinealachd agus do strìopachas.
30
Nì mise na nithean seo riut, a chionn gun deachaidh tu le strìopachas an dèidh nan cinneach, a chionn gu bheil thu air do thruailleadh len iodhalan.
31
Ghluais thu ann an slighe do pheathar; uime sin bheir mise a cupan‐se ann ad làimh.
32
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Òlaidh tu de chupan do pheathar, domhain agus farsaing; nìthear gàire fanaid riut, agus bidh tu ad bhall‐magaidh; is mòr na bheil ann.
33
Lìonar thu le misg agus le doilgheas, le cupan uamhais agus lèirsgrios, le cupan do pheathar Samaria.
34
Nì thu fòs a òl agus a shùghadh a‑mach, agus brisidh tu a bhloighdean, agus spìonaidh tu do chìochan fhèin asad: oir mise labhair e, deir an Tighearna Dia.
35
Uime sin mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do dhìochuimhnich thu mise, agus gun do thilg thu mi air do chùlaibh, air an adhbhar sin, giùlain thusa fòs do ghràinealachd agus do strìopachais.
36
Thubhairt an Tighearna rium os bàrr, A mhic an duine, an toir thu breith air Aholah, agus air Aholibah? Seadh, foillsich dhaibh an gràinealachdan;
37
Gun do chuir iad an gnìomh adhaltranas, agus gu bheil fuil nan làmhan, agus len iodhalan gun do rinn iad adhaltranas, agus gun tug iad fòs air am mic, a rug iad dhòmhsa, siubhal air an son‐san tron teine gan losgadh.
38
Os bàrr rinn iad seo riumsa; thruaill iad m’ionad naomh air an là sin fhèin, agus mhì‐naomhaich iad mo shàbaidean.
39
Oir nuair a mharbh iad an clann dan iodhalan, an sin thàinig iad air an là sin fhèin dom ionad naomh‐sa, ga thruailleadh; agus, feuch, mar seo rinn iad ann am meadhon mo thaighe.
40
Agus a thuilleadh air seo, gun do chuir iad fios air daoine gu teachd o chèin, gus an do chuireadh teachdaire; agus, feuch, thàinig iad, airson an do rinn thu thu fhèin a nighe, do shùilean a dhath, agus thu fhèin a sgeadachadh le usgraichean.
41
Agus shuidh thu air leabaidh urramaich, agus bòrd ullaichte fa comhair, air an do chuir thu mo bholtrach‐sa, agus m’ola.
42
Agus bha guth na muinntir a bha aig suaimhneas maille riu, agus mòr‐chuideachd nam fear o Shaba, on fhàsach, a chuir làmh‐fhailean air an làmhan, agus coronan maiseach air an cinn.
43
An sin thubhairt mise rithese a bha sean ann an adhaltranas, An dèan iad a‑nis strìopachas leatha, agus ise leòsan?
44
Gidheadh chaidh iad a‑steach da h‑ionnsaigh, mar a thèid iad a‑steach gu strìopaich: mar sin chaidh iad a‑steach gu Aholah agus gu Aholibah, na mnathan neòghlan.
45
Agus bheir na daoine cothromach breith orra, a rèir breith bhan‐adhaltranach, agus a rèir breith bhan a dhòirteas fuil; a chionn gur ban‐adhaltranaich iad, agus gu bheil fuil nan làmhan.
46
Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Bheir mise a‑nìos cuideachd orra, agus bheir mi iad gu bhith air an atharrachadh, agus air an creachadh.
47
Agus clachaidh a’ chuideachd iad le clachan, agus gearraidh iad sìos iad len claidheamhan; marbhaidh iad am mic agus an nigheanan, agus loisgidh iad an taighean le teine.
48
Mar seo cuiridh mise casg air gràinealachd anns an fhearann, a‑chum gum fòghlaim na h‑uile mhnathan gun dèanamh a rèir ur gràinealachd‐se.
49
Agus dìolaidh mi ribh ur gràinealachd, agus giùlainidh sibh lochdan ur n‑iodhalan, agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia.
← Chapter 22
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 24 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48