bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 17
Ezekiel 17
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 18 →
1
Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, cuir a‑mach tòimhseachan, agus labhair cosamhlachd ri taigh Israeil;
3
Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Thàinig fìor‐eun mòr le sgiathan mòra, agus le altan làidir, làn de chlùmhach, air an robh dathan eug‐samhail, gu Lebanon, agus ghabh e am meangan a b’àirde den t‑seudar.
4
Gheàrr e dheth bàrr a mheangan òga, agus thug e leis e gu tìr malairt: shuidhich e ann am baile cheannaichean e.
5
Ghabh e fòs de shìol an fhearainn, agus chuir e ann am machair thorraich e; shuidhich e ri taobh uisgeachan mòra e, ga chur mar chrann seilich:
6
Agus dh’fhàs e, agus thàinig e gu bhith na fhìonain leathainn, air bheag àirde, aig an robh a geugan air an tionndadh ris an fhìor‐eun, agus aig an robh a freumhan foidhpe: mar sin dh’fhàs e na fhìonain, agus thug e a‑mach geugan, agus chuir e uaithe meangain.
7
Bha fòs ann fìor‐eun mòr eile, le sgiathan mòra, agus mòran itich; agus, feuch, chlaon an fhìonain seo a freumhan da ionnsaigh, agus thilg i a‑mach a geugan thuige, a‑chum a bhith air a h‑uisgeachadh le claisean a gàrraidh.
8
Bha i air a suidheachadh ann am fearann math, ri taobh uisgeachan mòra, a‑chum gun tugadh i a‑mach geugan, agus gun giùlaineadh i toradh, agus gum biodh i na deagh fhìonain.
9
Abair thusa, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Am bi piseach oirre? Nach spìon e a‑nìos a freumhan, agus nach geàrr e dhith a toradh, air chor is gun searg e? Crìonaidh i ann an uile dhuilleagan a ciad‐fhàis, eadhon gun chumhachd mòr no mòran sluaigh ga spìonadh a‑nìos as a freumhan.
10
Seadh, feuch, an dèidh a suidheachadh, am bi piseach oirre? Nach searg i gu tur nuair a bheanas a’ ghaoth an ear rithe? Crìonaidh i anns na claisean anns an d’fhàs i.
11
Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
12
Abair a‑nis ris an taigh cheannairceach, Nach eil fhios agaibh ciod as ciall do na nithean seo? Innis dhaibh, Feuch, tha rìgh Bhàbiloin air teachd gu Ierusalem, agus ghlac e a rìgh, agus a prionnsachan, agus thug e leis iad gu Bàbilon:
13
Agus ghabh e de shliochd an rìgh, agus rinn e coicheangal ris, agus ghabh e mionnan dheth: ghlac e fòs daoine cumhachdach na tìre:
14
A‑chum gum biodh an dùthaich suarach, ionnas nach togadh i suas i fhèin; ach le a choicheangal a choimhead gum faodadh i seasamh.
15
Ach rinn e ar‑a‑mach na aghaidh‐san le a theachdairean a chur don Eiphit, a‑chum gun tugadh iad dha eich agus mòran sluaigh: an èirich gu math dha? An tèid esan a nì na nithean seo as? No am bris e an coicheangal, agus an saorar e?
16
Mar as beò mise, deir an Tighearna Dia, gu deimhinn anns an àite anns a bheil còmhnaidh an rìgh a rinn rìgh dhethsan, neach a rinn e tàir air a mhionnan, agus a bhris e a chùmhnantan, eadhon leis‐san, ann am meadhon Bhàbiloin, gheibh e bàs.
17
Cha mhò a nì Phàraoh feum dha, le a fheachd cumhachdach, agus le a bhuidhinn mhòir, anns a’ chogadh, le tòrr a thilgeadh suas, agus le daingnichean a thogail, a ghearradh as mòran anaman.
18
A chionn gun do rinn e tàir air na mionnan, leis a’ choicheangal a bhriseadh (nuair a thug e, feuch, a làmh), agus a rinn e na nithean seo uile, cha tèid e as.
19
Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mar as beò mise, mo mhionnan air an do rinn e tàir, agus mo choicheangal a bhris e, eadhon sin dìolaidh mise air a cheann fhèin.
20
Agus sgaoilidh mi mo lìon air, agus glacar ann am rib e; agus bheir mi e gu Bàbilon, agus tagraidh mi ris an sin airson a chionta, leis an do chiontaich e am aghaidh.
21
Agus tuitidh na theich thuige le a uile fheachd, leis a’ chlaidheamh; agus bidh iadsan a dh’fhàgar air an sgapadh ris na h‑uile ghaothan: agus aithnichidh sibh gur mise Iehòbhah a labhair e.
22
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Gabhaidh mise mi fhèin den ghèig as àirde den t‑seudar àrd, agus suidhichidh mi e; gearraidh mi o bhàrr a mheangan òga geug mhaoth, agus suidhichidh mi air sliabh uachdarach agus àrd i.
23
Air sliabh àrd Israeil suidhichidh mi i: agus togaidh i suas a geug, agus bheir i a‑mach toradh, agus fàsaidh i na seudar rìoghail: agus foidhpe gabhaidh an uile eunlaith de gach aon iteig còmhnaidh: fo dhubhar a geug nì iad còmhnaidh.
24
Agus aithnichidh uile chraobhan na machrach gun tug mise, Iehòbhah, a‑nuas an crann àrd, gun d’àrdaich mi an crann ìosal, gun do rinn mi an crann uaine tioram, agus gun tug mi air a’ chrann thioram a bhith fo bhlàth: mise Iehòbhah labhair, agus nì mi e.
← Chapter 16
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 18 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48