bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 21
Ezekiel 21
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 22 →
1
Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, cuir d’aghaidh ri Ierusalem, agus leig sileadh dod fhacal ris na h‑ionadan naomha, agus dèan fàistneachd an aghaidh fearann Israeil,
3
Agus abair ri fearann Israeil, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Feuch, tha mise ann ad aghaidh, agus tàirngidh mi a‑mach mo chlaidheamh as a thruaill, agus buinidh mi a‑mach asad am fìrean agus an t‑aingidh.
4
A chionn gun geàrr mi as uat am fìrean agus an t‑aingidh, uime sin thèid mo chlaidheamh a‑mach as a thruaill an aghaidh gach uile fheòla, o dheas gu tuath:
5
A‑chum gun aithnich gach uile fheòil gun do tharraing mise Iehòbhah mo chlaidheamh a‑mach as a thruaill; cha till e air ais nas mò.
6
Dèan acain uime sin, a mhic an duine, a dhochainneas do leasraidh; agus le searbhas dèan osnaich fa chomhair an sùl.
7
Agus tàrlaidh, nuair a their iad riut, Carson a tha thu ag osnaich? gum freagair thusa, Airson an sgeòil, a chionn gu bheil e a’ teachd: agus leaghaidh gach aon chridhe, agus bidh na h‑uile làmhan lag, agus gach aon spiorad fann, agus na h‑uile ghlùinean anfhann mar uisge: feuch tha e a’ teachd, agus bheirear e gu crìch, deir an Tighearna Dia.
8
A‑rìs thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
9
A mhic an duine, dèan fàistneachd, agus abair, Mar seo tha an Tighearna ag ràdh, Abair, Tha claidheamh, tha claidheamh air a gheurachadh, agus fòs air a lìomhadh.
10
Tha e air a gheurachadh a dhèanamh àir ghoirt; tha e air a lìomhadh a‑chum gun dealradh e; a‑chum gun tilgeadh e sìos slat rìoghail mo mhic, gun chrann air bith a chaomhnadh.
11
Agus thug e gu bhith air a lìomhadh e, a‑chum gum biodh e air a ghlacadh: tha an claidheamh air a gheurachadh, agus tha e air a lìomhadh, gu a thoirt do làimh a’ mharbhaiche.
12
Eigh agus nuallaich, a mhic an duine, oir bidh e air mo shluagh‐sa, air uile mhòr‐uaislean Israeil: bidh uamhasan, a‑thaobh a’ chlaidheimh, air mo shluagh: buail, uime sin, air do leis.
13
Oir tha e dearbhte; agus an t‑slat rìoghail nuair nach coigil e i, cha bhi ann nas mò, deir an Tighearna Dia.
14
Dèan thusa, uime sin, a mhic an duine, fàistneachd, agus buail do làmhan air a chèile, agus biodh an claidheamh an treas uair air a dhùblachadh, claidheamh nan daoine marbhte, claidheamh a’ ghaisgich a mharbhadh, a thèid a‑steach dan seòmraichean uaigneach.
15
Chuir mi roinn a’ chlaidheimh an aghaidh an geatachan uile, a‑chum gum meathadh an cridhe, agus gum meudaichear am milleadh: ah! rinneadh loinnreach e, gheuraicheadh airson an àir e.
16
Imich thusa taobh, no taobh‐eigin, air do làimh dheis, no air do làimh chlì, ciod air bith taobh a tha ad aghaidh.
17
Buailidh mise fòs mo làmhan air a chèile, agus bheir mi air mo chorraich gun gabh i fois: mise Iehòbhah thubhairt e.
18
Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh,
19
Mar an ceudna, a mhic an duine, sònraich dà shlighe dhut fhèin, a‑chum gun tigeadh claidheamh rìgh Bhàbiloin: thig araon an dithis a‑mach as an aon tìr; agus tagh thusa àite, tagh e aig ceann na slighe a‑chum a’ bhaile.
20
Sònraich slighe, a‑chum gun tigeadh an claidheamh gu Rabat nan Amonach, agus gu Iùdah ann an Ierusalem, a’ chathair dhaingnichte.
21
Oir sheas rìgh Bhàbiloin aig dealachadh na slighe, aig ceann an dà shlighe, a dhèanamh fiosachd: lìomh e a shaighdean; chuir e a chomhairle ri dealbhan, sheall e anns an sgamhan.
22
Aig a làimh dheis bha an fhàistneachd airson Ierusaleim, a dh’òrdachadh cheann‐feadhna, a dh’fhosgladh a bheòil anns an àr, a thogail suas a’ ghutha le iolaich, a dh’òrdachadh reitheachan‐cogaidh an aghaidh nan geatachan, a thilgeadh suas torra, a thogail daingnich.
23
Agus bidh e dhaibhsan mar neach ri fàistneachd bhrèige nan sealladh, dhaibhsan a thug mionnan: ach gairmidh e gu cuimhne an aingidheachd, a‑chum gum bi iad air an glacadh.
24
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, a chionn gun tug sibh air ur n‑aingidheachd a bhith air a cuimhneachadh, le ur n‑easaontas a bhith air a leigeadh ris, air chor agus gu bheil ur lochdan follaiseach nur n‑uile dhèanadas: a chionn gu bheil sibh air ur toirt gu cuimhne glacar an làimh sibh;
25
Agus thusa, a phrionnsa mhì‐dhiadhaidh, aingidh Israeil, aig a bheil do là air teachd, anns am bi crìoch air aingidheachd;
26
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Atharraich an coron rìoghail, agus thoir dhìot an crùn: chan e an t‑aon ceudna a bhios ann; àrdaich an t‑ìosal, agus ìslich an t‑àrd.
27
Tilgidh mi e bun‐os‑cionn, bun‐os‑cionn, bun‐os‑cionn, agus cha bhi e ann, gus an tig esan aig a bheil còir air, agus dhàsan bheir mi e.
28
Agus thusa, a mhic an duine, dèan fàistneachd, agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh a‑thaobh nan Amonach, agus a‑thaobh am maslaidh: eadhon abair thusa, Tha an claidheamh tàirngte: airson an àir tha e lìomhte; airson sgrios tha e mar dhealanach.
29
Am feadh a tha thu a’ faicinn dhut fhèin dìomhanais, am feadh a tha thu a’ fàistneachd dhut fhèin brèige, a‑chum do thoirt air mhuinealan na muinntir a leònadh, nan aingidh aig a bheil an là air teachd, anns am bi crìoch air an euceart.
30
An toir mi air tilleadh air ais ga thruaill? Anns an àite anns an do chruthaicheadh thu, ann am fearann do dhùthchais, bheir mise breith ort.
31
Agus dòirtidh mi a‑mach ort mo dhian chorraich; sèididh mi thairis thu do làimh dhaoine brùideil, cleachdte ri milleadh.
32
Bidh tu mar chonnadh don teine: bidh d’fhuil ann am meadhon an fhearainn; cha bhi thu nas mò air chuimhne; oir mise Iehòbhah labhair e.
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 22 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48