bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 37
Ezekiel 37
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 36
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 38 →
1
Bha làmh an Tighearna orm, agus thug e a‑mach mi ann an Spiorad an Tighearna, agus chuir e sìos mi ann am meadhon a’ ghlinne a bha làn de chnàmhan,
2
Agus thug e orm gabhail seachad orra mun cuairt, air gach taobh: agus, feuch, bha iad ro‑lìonmhor anns a’ mhachair sgaoilte; agus, feuch, bha iad ro‑thioram.
3
Agus thubhairt e rium, A mhic an duine, am faod na cnàmhan seo teachd beò? Agus fhreagair mise, O Thighearna Dhia, agadsa tha fhios.
4
An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, dèan fàistneachd do na cnàmhan seo, agus abair riu, O chnàmhan tioram, èisdibh‐se facal an Tighearna.
5
Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh ris na cnàmhan seo, Feuch, cuiridh mise anail annaibh, agus bidh sibh beò.
6
Agus cuiridh mi fèithean oirbh, agus bheir mi air feòil fàs oirbh, agus còmhdaichidh mi sibh le craiceann, agus cuiridh mi anail annaibh; agus bidh sibh beò, agus aithnichidh sibh gur mi an Tighearna.
7
Mar sin rinn mise fàistneachd mar a dh’àithneadh dhomh: agus am feadh a bha mi ri fàistneachd, bha toirm ann, agus, feuch, crith‐ghluasad, agus thàinig na cnàmhan a‑chum a chèile, cnàimh a‑chum a chnàmha.
8
Agus nuair a dh’amhairc mi, feuch, dh’fhàs fèithean agus feòil orra, agus chòmhdaich an craiceann iad; ach cha robh anail annta.
9
An sin thubhairt e rium, Dèan fàistneachd don anail, dèan fàistneachd, a mhic an duine, agus abair ris an anail, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Thig o na ceithir gaothan, O anail, agus sèid air na mairbh seo, a‑chum gum bi iad beò.
10
Is amhail a rinn mise fàistneachd mar a dh’àithneadh dhomh, agus thàinig an anail dan ionnsaigh, agus dh’fhàs iad beò, agus sheas iad air an casan, armailt anabarrach mòr.
11
An sin thubhairt e rium, A mhic an duine, is iad na cnàmhan seo an t‑iomlan de thaigh Israeil; feuch tha iad ag ràdh, tha ar cnàmhan air tiormachadh, agus ar dòchas air a chall, is ann a tha sinn air ar gearradh as.
12
Air an adhbhar sin dèan fàistneachd, agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, O mo shluagh, fosglaidh mise ur n‑uaighean, agus bheir mi oirbh teachd a‑nìos as ur n‑uaighean, agus bheir mi sibh gu fearann Israeil.
13
Agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna nuair a dh’fhosglas mi ur n‑uaighean, O mo shluagh, agus a bheir mi sibh a‑nìos as ur n‑uaighean,
14
Agus a chuireas mi mo Spiorad annaibh, agus a bhios sibh beò, agus a shuidhicheas mi sibh nur fearann fhèin; an sin aithnichidh sibh gur mise Iehòbhah a labhair, agus gun do rinn mi e, deir an Tighearna.
15
Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh a‑rìs, ag ràdh,
16
A bhàrr air seo, a mhic an duine, gabh thusa dhut fhèin aon mhaide, agus sgrìobh air, Airson Iùdah, agus airson chloinn Israeil, a chompanach: an sin gabh maide eile, agus sgrìobh air, Airson Iòseiph, maide Ephraim, agus uile thaigh Israeil, a chompanach:
17
Agus ceangail iad aon ri chèile nan aon mhaide; agus fàsaidh iad nan aon ann ad làimh.
18
Agus nuair a labhras clann do shluaigh riut, ag ràdh, Nach feuch thu dhuinn ciod as ciall dhut leis na nithean seo?
19
Abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, gabhaidh mise maide Iòseiph a tha an làimh Ephraim, agus fineachan Israeil, a chompanach, agus cuiridh mi iad maille ris, maille ri maide Iùdah, agus nì mi aon mhaide dhiubh, agus bidh iad nan aon ann am làimh.
20
Agus bidh na maidean air an sgrìobh thu ann ad làimh fa chomhair an sùl.
21
Agus abair riu, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Feuch, bheir mise clann Israeil o mheasg nan cinneach gus a bheil iad air imeachd, agus cruinnichidh mi iad air gach taobh, agus bheir mi iad gu an dùthaich fhèin.
22
Agus nì mi aon chinneach dhiubh anns an fhearann, air slèibhtean Israeil, agus bidh aon rìgh na rìgh dhaibh uile: agus cha bhi iad nas mò nan dà chinneach, cha mhò a bhios iad air an roinn nan dà rìoghachd tuilleadh air aon chor.
23
Cha mhò a thruailleas iad iad fhèin tuilleadh len iodhalan, no len nithean fuathach, no le aon air bith den euceartan: ach saoraidh mise iad on uile cheannaircean anns an robh iad ciontach, agus glanaidh mi iad: mar sin bidh iadsan nan sluagh dhòmhsa, agus bidh mise ann am Dhia dhaibhsan.
24
Agus bidh m’òglach Daibhidh na rìgh os an cionn: agus bidh aon bhuachaille aca uile: gluaisidh iad fòs ann am reachdan, agus bheir iad fa‑near m’òrdaighean, agus nì iad iad.
25
Agus gabhaidh iad còmhnaidh anns an fhearann a thug mise dom òglach Iàcob, anns an do ghabh ur n‑athraichean còmhnaidh: agus gabhaidh iadsan còmhnaidh ann, iad fhèin, agus an clann, agus clann an cloinne gu bràth; agus bidh m’òglach Daibhidh na rìgh dhaibh gu sìorraidh.
26
A thuilleadh air seo nì mise coicheangal sìthe riu; bidh e na choicheangal sìorraidh riu, agus suidhichidh mi iad, agus nì mi lìonmhor iad, agus cuiridh mi mo naomh‐ionad nam meadhon gu bràth.
27
Bidh mo phàillean mar an ceudna maille riu: seadh, bidh mise dhaibhsan ann am Dhia, agus bidh iadsan dhòmhsa nan sluagh.
28
Agus aithnichidh na cinnich gur mise Iehòbhah a naomhaicheas Israel, nuair a bhios mo naomh‐ionad nam meadhon gu sìorraidh.
← Chapter 36
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 38 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48