bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 34
Ezekiel 34
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 33
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 35 →
1
Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, dèan fàistneachd an aghaidh aodhairean Israeil, dèan fàistneachd, agus abair riu, O aodhairean, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Mo thruaighe aodhairean Israeil, a tha gam beathachadh fhèin! Nach bu chòir do na h‑aodhairean an treud a bheathachadh?
3
Tha sibh ag ithe na saill, agus gur n‑èideadh fhèin leis an olainn, tha sibh a’ marbhadh nan ainmhidhean biadhte: chan eil sibh a’ beathachadh an treud.
4
Cha do neartaich sibh an lag, cha mhò a leighis sibh an tinn, cha mhò a cheangail sibh suas esan a bha briste, cha mhò a thug sibh air ais a’ chuid a sgapadh, cha mhò a dh’iarr sibh a’ chuid a chailleadh; ach le ainneart riaghail sibh iad, agus le an‑iochd.
5
Agus sgapadh iad le dìth aodhairean: agus bha iad nam biadh do uile bheathaichean na machrach, nuair a bha iad air an sgapadh.
6
Chaidh mo chaoraich‐sa air seachran air feadh nan uile bheann, agus air gach sliabh àrd: seadh, bha mo threud air a sgapadh air aghaidh na talmhainn uile, agus cha robh aon neach gan sireadh no gan iarraidh.
7
Uime sin, O aodhairean, èisdibh‐se facal an Tighearna;
8
Mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gu deimhinn a chionn gu robh mo threud nan creich, agus gun do rinneadh mo threud nam biadh do uile bheathaichean na machrach, a chionn nach robh aodhair sam bith ann, cha mhò a dh’iarr m’aodhairean mo threud, ach bheathaich na h‑aodhairean iad fhèin, agus cha do bhiadh iad mo threud‐sa;
9
Uime sin, O aodhairean, èisdibh facal an Tighearna;
10
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh nan aodhairean, agus iarraidh mi mo threud air an làimh, agus bheir mi orra sgur de bhiadhadh an treud; cha mhò a bheathaicheas na h‑aodhairean iad fhèin tuilleadh; oir saoraidh mise mo threud as am beul, a‑chum nach bi iad dhaibh nam biadh.
11
Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, lorgaidh mise, mise fhèin, mo chaoraich, agus iarraidh mi a‑mach iad.
12
Amhail a lorgas aodhair a‑mach a threud, anns an là anns am bi e am measg a chaorach a chaidh a sgapadh; mar sin iarraidh mise mo chaoraich fhèin, agus saoraidh mi iad as a h‑uile àite gus an robh iad air an sgànradh, anns an là neulach agus dhorcha.
13
Agus bheir mi a‑mach iad o mheasg nan cinneach, agus cruinnichidh mi iad o na dùthchannan, agus bheir mi iad gum fearann fhèin, agus ionaltraidh mi iad air slèibhtean Israeil, an cois nan aibhnichean, agus ann an uile ionadan àitichte na tìre.
14
Ionaltraidh mi iad ann an innis mhaith, agus bidh am buaile air slèibhtean àrda Israeil: an sin laighidh iad ann an cluain mhaith, agus ionaltraidh iad ann an innis reamhair air slèibhtean Israeil.
15
Beathaichidh mise mo threud, agus bheir mi orra laighe sìos, deir an Tighearna Dia.
16
Iarraidh mi a’ chuid a chailleadh, agus bheir mi air ais a’ chuid a dh’fhuadaicheadh air falbh, agus ceanglaidh mi suas a’ chuid a bhriseadh, agus neartaichidh mi a’ chuid a bha tinn: ach sgriosaidh mi an reamhar agus an làidir; beathaichidh mi iad sin le breitheanas.
17
Agus air ur son‐se, O mo threud; mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, bheir mise breith eadar sprèidh agus sprèidh, eadhon na reitheachan agus na gobhair fhireann.
18
An nì suarach leibhse an innis mhath ithe suas, ach gun saltair sibh fòs a’ chuid eile den ionaltradh sìos fo ur casan? Agus òl de na h‑uisgeachan domhain, ach gur èiginn dhuibh a’ chuid eile a shalachadh le ur casan?
19
Agus airson mo threud‐sa, tha iad ag ithe an nì sin a shaltair sibh fo ur casan, agus ag òl an nì sin a rinn ur casan a thruailleadh.
20
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh riu, Feuch, bheir mise, mise fhèin, breith eadar an sprèidh reamhar agus an sprèidh chaol.
21
A chionn gun do thulg sibh le taobh agus le slinnein, agus gun do rinn sibh an t‑easlan uile a phurradh le ur n‑adhaircean, gus an do sgainnir sibh iad o chèile:
22
Uime sin tèarnaidh mise mo threud, agus cha bhi iad nas mò nan creich; agus bheir mi breith eadar sprèidh agus sprèidh.
23
Agus cuiridh mi suas aon aodhair os an cionn, agus beathaichidh esan iad, eadhon mo sheirbhiseach Daibhidh; beathaichidh esan iad, agus bidh e dhaibh na aodhair.
24
Agus bidh mise Iehòbhah ann am Dhia dhaibh, agus mo sheirbhiseach Daibhidh na phrionnsa nam measg; labhair mise Iehòbhah e.
25
Agus nì mise coicheangal sìthe riu, agus cuiridh mi cosg air na droch bheathaichean anns an fhearann; agus gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte anns an fhàsach agus caidlidh iad anns na coilltean.
26
Agus nì mi iadsan agus na h‑ionadan timcheall mo shlèibh nam beannachadh; agus bheir mi air an fhrois teachd a‑nuas na h‑àm: bidh frasan de bheannachdan ann.
27
Agus bheir craobh na machrach seachad a toradh, agus bheir an talamh seachad a chinneas, agus bidh iad tèarainte nan dùthaich, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna, nuair a bhriseas mi cuibhrichean an cuinge, agus a shaoras mi iad à làimh na muinntir a ghabh seirbhis dhiubh.
28
Agus cha bhi iad nas mò nan cobhartaich do na cinnich, cha mhò a nì beathaichean an fhearainn an slugadh suas: ach gabhaidh iad còmhnaidh gu tèarainte, agus cha chuir aon neach eagal orra.
29
Agus togaidh mi suas dhaibh meangan cliùiteach, agus cha bhi iad air an claoidh nas mò le gort anns an fhearann, cha mhò a ghiùlaineas iad masladh nan cinneach nas fhaide.
30
Mar seo aithnichidh iad gu bheil mise an Tighearna Dia maille riu, agus gur iadsan, taigh Israeil, mo shluagh, deir an Tighearna Dia.
31
Agus sibhse, mo threud, treud m’ionaltraidh, is daoine sibh, agus is mise ur Dia, deir an Tighearna Dia.
← Chapter 33
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 35 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48