bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 13
Ezekiel 13
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 14 →
1
Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, dèan fàistneachd an aghaidh fàidhean Israeil, a tha ri fàistneachd, agus abair thusa riùsan a tha ri fàistneachd as an cridhe fhèin, Eisdibh‐se facal an Tighearna;
3
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn do na fàidhean amaideach, a tha a’ leantainn an spioraid fhèin, agus nach faca nì sam bith!
4
O Israeil, is cosmhail d’fhàidhean ris na sionnaich anns na fàsaichean.
5
Cha deachaidh sibh suas a‑chum nam beàrnan, cha mhò a rinn sibh suas a’ challaid do thaigh Israeil, gu seasamh anns a’ chath ann an là an Tighearna.
6
Chunnaic iad dìomhanas, agus rinn iad fiosachd bhrèige, ag ràdh, Deir an Tighearna, nuair nach do chuir an Tighearna a‑mach iad: agus thug iad air daoine earbsa gun daingnicheadh iad am facal.
7
Nach faca sibh sealladh faoin, agus nach do labhair sibh fiosachd bhrèige, le bhith ag ràdh, Thubhairt an Tighearna, ged nach do labhair mise?
8
Air an adhbhar sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, A chionn gun do labhair sibh dìomhanas, agus gum faca sibh breugan, uime sin feuch, tha mise nur n‑aghaidh, deir an Tighearna Dia.
9
Agus bidh mo làmh air na fàidhean a chì dìomhanas, agus a tha a’ fàistneachd bhreug: cha bhi iad ann an coitheanal mo shluaigh, cha mhò a bhios iad air an sgrìobhadh ann an sgrìobhadh taigh Israeil, cha mhò a thèid iad a‑steach do fhearann Israeil; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia.
10
A chionn, eadhon a chionn gun tug iad air mo shluagh dol air seachran, ag ràdh, Sìth, agus gun sìth a bhith ann: agus thog aon suas balla, agus, feuch, thilg càch thairis e le criadh gun obrachadh;
11
Abair riùsan a tha ga thilgeadh thairis le criadh gun obrachadh gun tuit e: bidh fras thuilteach ann, agus tùirlingidh sibhse, O chlachan‐meallain mòra; agus nì gaoth dhoineannach a bhriseadh.
12
Feuch, nuair a thuiteas am balla, nach abrar ribh, Càit a bheil a’ chriadh leis an do thilg sibh thairis e?
13
Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nì mise fòs a bhriseadh le gaoith dhoineannaich ann am fheirg: agus bidh fras thuilteach ann am chorraich‐sa ann, agus clachan‐meallain mòra ann am dhian‐fheirg ga mhilleadh.
14
Mar sin brisidh mi sìos am balla a thilg sibh thairis le criadh gun obrachadh, agus bheir mi a‑nuas gu làr e, air chor is gun leigear ris a bhunaitean; agus tuitidh e, agus bidh sibhse air ur milleadh na mheadhon: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.
15
Mar seo coileanaidh mi mo chorraich air a’ bhalla, agus orrasan a thilg thairis e le criadh gun obrachadh, agus their mi ribh, Chan eil am balla ann, cha mhò a tha iadsan a thilg thairis e;
16
Eadhon fàidhean Israeil a tha ri fàistneachd mu thimcheall Ierusaleim, agus a tha a’ faicinn sealladh sìth‐thàimh dhi, agus gun sìth idir ann, deir an Tighearna Dia.
17
Mar an ceudna, thusa a mhic an duine, cuir d’aodann an aghaidh nigheanan do shluaigh, a tha ri fàistneachd as an cridhe fhèin, agus dèan‐sa fàistneachd nan aghaidh.
18
Agus abair, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is truagh do na mnathan a tha a’ fuaigheal chluasag ris na h‑uile asgaltan, agus a’ cur bhrèidean air ceann gach aoise, a dhèanamh seilg air anaman. An dèan sibh sealg air anaman mo shluaigh‐sa, agus an coimhead sibh beò anaman na muinntir a tha a’ teachd thugaibh?
19
Agus an truaill sibh mise am measg mo shluaigh airson glacaidean eòrna, agus airson mìrean arain, a mharbhadh nan anaman nach bu chòir bàsachadh, agus a choimhead beò nan anaman nach bu chòir a bhith beò, le ur breugan dom shluagh‐sa a tha ag èisdeachd ur breug?
20
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise an aghaidh ur cluasag, leis a bheil sibh an sin a’ sealg air na h‑anaman, a‑chum an glacadh; agus spìonaidh mise iad o ur gàirdeanan, agus leigidh mi air falbh na h‑anaman, na h‑anaman sin air a bheil sibh a’ sealg a‑chum an glacadh.
21
Reubaidh mi fòs ur brèidean, agus saoraidh mi mo shluagh a‑mach as ur làimh, agus cha bhi iad nas mò nur làimh gu bhith air an sealg: agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.
22
A chionn le breugan gun do rinn sibh cridhe an ionracain dubhach, agus nach do rinn mise dubhach e; agus gun do neartaich sibh làmhan an aingidh, a‑chum nach tilleadh e o a dhroch shlighe, le bhith a’ gealltainn beatha dha.
23
Uime sin chan fhaic sibh dìomhanas nas mò, agus cha dèan sibh fàistneachd tuilleadh; oir saoraidh mise mo shluagh as ur làimh, agus bidh fhios agaibh gur mi an Tighearna.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48