bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 24
Ezekiel 24
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 25 →
1
A‑rìs, anns an naoidheamh bliadhna, anns an deicheamh mìos, air an deicheamh là den mhìos, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, sgrìobh dhut ainm an là, a’ cheart là seo: chuir rìgh Bhàbiloin e fhèin an aghaidh Ierusaleim air a’ cheart là seo.
3
Agus labhair cosamhlachd ris an taigh cheannairceach, agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Cuir air coire: cuir air e, agus fòs dòirt ann uisge:
4
Cruinnich a mhìrean ann, gach aon mhìr math, an t‑sliasaid agus an slinnean; lìon e le taghadh nan cnàmh.
5
Gabh rogha an treud, agus loisg fòs na cnàmhan fodha, thoir goil bhras air, agus biodh a chnàmhan air am bruich ann.
6
Uime sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn don chathair fhuiltich, don choire aig a bheil a shal ann, agus o nach deachaidh a shal a‑mach uaithe; thoir a‑mach e, mìr air mhìr, na tuiteadh crannchur air bith air.
7
Oir tha a fuil na meadhon, chuir i air mullach creige i, cha do dhòirt i air an talamh i, a‑chum a falach le duslach:
8
A‑chum gun tugadh i air feirg teachd a‑nìos a dhèanamh dìoghaltais: chuir mise a fuil air mullach creige, a‑chum nach biodh i air a falach.
9
Air an adhbhar sin, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Is an‑aoibhinn don chathair fhuiltich; nì mise fòs a’ chruach‐theine mòr.
10
Càrnaibh connadh, fadaibh an teine, caithibh an fheòil, cuiribh oirre spìosraidh gu leòr, agus loisgear na cnàmhan.
11
An sin cuir falamh e air èibhlean a‑chum gun teasaich a’ phràis, agus gun loisg i, agus gum bi a salchar air a leaghadh innte, air chor is gum bi a sal air a chaitheamh.
12
Lean a sal rithe gu teann, agus cha do dhealaich e rithe; tha a salchar mòr, tha a salchar breun.
13
Ann ad shalchar tha neòghlaine, do bhrìgh gun do ghlan mi thu, agus nach robh thu glan; cha bhi thu air do ghlanadh od thruaillidheachd nas mò, gus an toir mise air mo chorraich gun gabh i tàmh ort.
14
Mise Iehòbhah labhair, thig e gu crìch, agus coileanaidh mise e, cha tèid mi air m’ais, cha mhò a choigleas mi, no a ghabhas mi aithreachas; a rèir do shlighe, agus a rèir do dhèanadais, bheir iad breith ort, deir an Tighearna Dia.
15
Mar an ceudna thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
16
A mhic an duine, feuch, bheir mise air falbh uat miann do shùl le buille: gidheadh cha dèan thu bròn no gul, cha mhò a shileas do dheòir.
17
Leig dhìot glaodhaich, na dèan caoidh airson nam marbh, ceangail culaidh do chinn ort, agus cuir do bhrògan air do chasan, agus na falaich do ghnùis, agus na ith aran luchd‐bròin.
18
Mar sin labhair mi ris na daoine anns a’ mhadainn, agus dh’eug mo bhean mun anmoch; agus rinn mi anns a’ mhadainn mar a dh’àithneadh dhomh.
19
Agus thubhairt an sluagh rium, Nach innis thu dhuinn ciod ar gnothach‐ne ris na nithean seo a tha thu a’ dèanamh?
20
An sin fhreagair mi iad, Thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
21
Labhair ri taigh Israeil, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, truaillidh mise m’ionad naomh, òirdheirceas ur treise, miann ur sùl, agus an nì as caomh le ur n‑anam: agus ur mic agus ur nigheanan a dh’fhàgadh, tuitidh leis a’ chlaidheamh.
22
Agus nì sibh mar a rinn mise: chan fhalaich sibh ur n‑aghaidh, agus chan ith sibh aran luchd‐bròin.
23
Agus bidh ur n‑èideadh air ur cinn, agus ur brògan air ur casan: cha dèan sibh bròn no gul, ach seargaidh sibh as airson ur n‑euceartan, agus nì sibh bròn, gach aon ri chèile.
24
Mar seo tha Eseciel dhuibh na chomharradh: a rèir gach nì a rinn esan, nì sibhse; agus nuair a thig seo, aithnichidh sibh gur mise an Tighearna Dia.
25
Mar an ceudna, a mhic an duine, nach tachair e anns an là anns am buin mise uapa an neart, aoibhneas an glòire, miann an sùl, agus an nì sin air an suidhich iad an inntinn, am mic, agus an nigheanan;
26
Gun tig esan a thèid as air an là sin dod ionnsaigh, a thoirt ort a chluinntinn led chluasan?
27
Anns an là sin fosglar do bheul don tì a thèid as, agus labhraidh tu, agus cha bhi thu nas mò balbh, agus bidh tu dhaibh mar chomharradh, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.
← Chapter 23
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 25 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48