bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 47
Ezekiel 47
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 46
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 48 →
1
Na dhèidh sin thug e mi a‑rìs gu doras an teampaill, agus, feuch, bhrùchd uisgeachan a‑mach o ìochdar stairsneach an taighe ris an àird an ear: oir bha aghaidh an taighe ris an àird an ear, agus thàinig na h‑uisgeachan a‑nuas fodha o thaobh a deas an taighe, air taobh mu dheas na h‑altarach.
2
An sin thug e a‑mach mi air slighe a’ gheata mu thuath, agus thug e orm siubhal mun cuairt air an t‑slighe a‑muigh gus an geata a‑muigh, air an t‑slighe tha ag amharc ris an àird an ear, agus, feuch, ruith uisgeachan a‑mach air an taobh a deas.
3
Agus nuair a chaidh an duine aig an robh an t‑sreang na làimh a‑mach air slighe na h‑àird an ear, thomhais e mìle làmh‐choille, agus thug e mi tro na h‑uisgeachan: bha na h‑uisgeachan gu ruig na h‑aobrainn.
4
A‑rìs thomhais e mìle, agus thug e mi tro na h‑uisgeachan; bha na h‑uisgeachan gu ruig na glùinean: a‑rìs thomhais e mìle, agus thug e mi tro na h‑uisgeachan; bha na h‑uisgeachan gu ruig na leasraidh.
5
Na dhèidh sin thomhais e mìle; agus bha e na shruth nach b’urrainn mi dol thairis air: oir bha na h‑uisgeachan air èirigh, uisgeachan airson snàmh annta, abhainn nach faodte dol troimhpe.
6
Agus thubhairt e rium, Nach faca tu, a mhic an duine? An sin thug e leis mi, agus thug e orm tilleadh gu bruaich na h‑aibhne.
7
A‑nis nuair a thill mi, feuch, air bruaich na h‑aibhne bha ro‑mhòran chraobh, air an taobh seo, agus air an taobh eile.
8
An sin thubhairt e rium, Tha na h‑uisgeachan seo ag imeachd a‑mach rathad tìr na h‑àird an ear, agus a’ dol sìos don fhàsach, agus a’ dol a‑steach don fhairge; nuair a bheirear iad a‑mach a‑chum na fairge, lèighsear na h‑uisgeachan.
9
Agus tàrlaidh, gach aon bheathach beò a tha a’ gluasad taobh air bith gus an tig na h‑aibhnichean, mairidh e beò: agus bidh ro‑mhòran èisg ann, a chionn gun tig na h‑uisgeachan seo thuige: oir lèighsear iad, agus mairidh gach nì beò far an tig an abhainn.
10
Agus tàrlaidh gun seas na h‑iasgairean oirre, o Engedi gu ruig Eneglaim; bidh iad nan ionad a sgaoileadh a‑mach lìon, bidh an iasg a rèir an seòrsa, mar iasg na fairge mòire, ro‑lìonmhor.
11
Ach a làthach, agus a àiteachan fliucha cha bhi air an leigheas, bheirear iad thairis gu salann.
12
Agus air taobh na h‑aibhne, air a bruaich, air an taobh seo, agus air an taobh eile, fàsaidh na h‑uile chraobhan airson bìdh, aig nach bi an duilleach air seargadh, no an toradh air a chaitheamh: bheir e a‑mach toradh nuadh a rèir a mhìosan, do bhrìgh gun do shruth uisgeachan a‑mach on ionad naomh; agus bidh a thoradh airson bìdh, agus a dhuilleach airson leighis.
13
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Seo a’ chrìoch leis an sealbhaich sibh am fearann, a rèir dà‑threubh‐dheug Israeil: bidh dà roinn aig Iòseph.
14
Agus sealbhaichidh sibh e, aon cho math ri chèile: oir am fearann seo mun do thog mise suas mo làmh gun tugainn e dur n‑athraichean, tuitidh oirbhse mar oighreachd.
15
Agus seo crìoch an fhearainn air an taobh mu thuath, on fhairge mhòir, slighe Hetloin, mar a thèid daoine gu Sedad:
16
Hamat, Berotah, Sibraim, a tha eadar crìoch Dhamascais agus crìoch Hamait; Hasar‐haticon, a tha làimh ri iomall Haurain.
17
Agus on fhairge bidh a’ chrìoch aig Haser‐enan, crìoch Dhamascais, agus an àird a tuath air an taobh mu thuath, agus crìoch Hamait: agus seo an taobh mu thuath.
18
Agus an taobh an ear tòimhsidh sibh o Hauran, agus o Dhamascas, agus o Ghilead, agus o fhearann Israeil làimh ri Iòrdan, on chrìch gu ruig an fhairge an ear: agus seo an taobh an ear.
19
Agus an taobh deas mu dheas o Thamar, gu uisgeachan na strì ann an Cades, an sruth gus an fhairge mhòr: agus seo an taobh deas mu dheas.
20
An taobh an iar mar an ceudna bidh aig an fhairge mhòir on iomall, gus an tig duine a‑nall fa chomhair Hamait; seo an taobh an iar.
21
Mar seo roinnidh sibh am fearann seo dhuibh, a rèir fineachan Israeil.
22
Agus tàrlaidh gun roinn sibh e le crannchur airson oighreachd dhuibh fhèin, agus do na coigrich a bhios air chuairt nur measg, a ghineas clann nur measg: agus bidh iad dhuibh mar gum biodh iad air am breith anns an dùthaich am measg chloinn Israeil; bidh oighreachd aca maille ribh, am measg fineachan Israeil.
23
Agus tàrlaidh, anns an treubh anns am bi an coigreach air chuairt, an sin gun toir sibh dha oighreachd, deir an Tighearna Dia.
← Chapter 46
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 48 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48