bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 48
Ezekiel 48
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 47
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
1
A‑nis is iad seo ainmean nan treubh. On cheann mu thuath gu iomall slighe Hetloin, mar a thèid neach gu Hamat, Hasarenan, crìoch Dhamascais mu thuath, gu iomall Hamait (oir is iad seo a thaobhan an ear agus an iar), bidh aon roinn aig Dan.
2
Agus làimh ri crìch Dhain, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Aser.
3
Agus làimh ri crìch Aseir, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Naphtali.
4
Agus làimh ri crìch Naphtali, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Manaseh.
5
Agus làimh ri crìch Mhanaseh, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Ephraim.
6
Agus làimh ri crìch Ephraim, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Reuben.
7
Agus làimh ri crìch Reubein, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Iùdah.
8
Agus làimh ri crìch Iùdah, on taobh an ear gus an taobh an iar, bidh an tabhartas a bheir sibh seachad, còig‐mìle‐fichead làmh‐choille air leud, agus air fad mar aon de na h‑earrannan eile, on taobh an ear gus an taobh an iar, agus bidh an t‑ionad naomh na mheadhon.
9
An tabhartas a bheir sibh seachad don Tighearna, bidh e còig‐mìle‐fichead làmh‐choille air fad, agus deich mìle làmh‐choille air leud.
10
Agus air an son‐san, airson nan sagart, bidh an tabhartas naomh seo, ris an àird a tuath, còig‐mìle‐fichead làmh‐choille air fad, agus ris an àird an iar, deich mìle làmh‐choille air leud, agus ris an àird an ear, deich mìle làmh‐choille air leud, agus ris an àird a deas, còig‐mìle‐fichead làmh‐choille air fad; agus bidh ionad naomh an Tighearna na mheadhon.
11
Bidh e airson nan sagart a tha naomhaichte, de mhic Shadoic, a choimhead an nì a dh’earb mise riu, nach deachaidh air seachran nuair a chaidh clann Israeil air seachran, mar a chaidh na Lèbhithich air seachran.
12
Agus is ro‑naomh dhaibhsan tabhartas seo an fhearainn, làimh ri crìch nan Lèbhitheach.
13
Agus thall fa chomhair crìoch nan sagart, bidh aig na Lèbhithich còig‐mìle‐fichead làmh‐choille air fad, agus deich mìle làmh‐choille air leud; is e am fad uile còig‐mìle‐fichead làmh‐choille, agus an leud deich mìle.
14
Agus cha reic iad dheth, cha mhò a nì iad a mhalairt, no a bheir iad uapa ciad‐thoradh an fhearainn: oir tha e naomh don Tighearna.
15
Agus bidh na còig mìle làmh‐choille a tha air am fàgail anns an leud, thall fa chomhair nan còig‐mìle‐fichead na ionad nach bi naomh, airson a’ bhaile, airson còmhnaidh, agus airson dlùth‐bhailtean; agus bidh am baile na mheadhon.
16
Agus seo a thomhaisean; an taobh mu thuath ceithir mìle agus còig ceud, agus an taobh mu dheas ceithir mìle agus còig ceud, agus air an taobh an ear ceithir mìle agus còig ceud, agus an taobh an iar ceithir mìle agus còig ceud.
17
Agus bidh dlùth‐bhailtean na cathrach ris an àird a tuath dà cheud agus leth‐cheud, agus ris an àird a deas dà cheud agus leth‐cheud, agus ris an àird an ear dà cheud agus leth‐cheud, agus ris an àird an iar dà cheud agus leth‐cheud.
18
Agus bidh a’ chuid eile air leud, thall fa chomhair tabhartas a’ chuibhrinn naoimh, deich mìle ris an taobh an ear, agus deich mìle ris an taobh an iar: agus bidh e thall fa chomhair tabhartas a’ chuibhrinn naoimh; agus bidh a chinneas mar lòn do luchd‐frithealaidh na cathrach.
19
Agus nì a’ mhuinntir a fhrithealas don bhaile frithealadh dha à uile threubhan Israeil.
20
Is e an tabhartas uile còig‐mìle‐fichead, le còig‐mìle‐fichead: bheir sibh seachad an tabhartas naomh ceithir‐cheàrnach, maille ri seilbh na cathrach.
21
Agus bidh a’ chuid eile airson an uachdarain, air an taobh seo, agus air an taobh eile den tabhartas naomh, agus de sheilbh na cathrach, thall fa chomhair nan còig‐mìle‐fichead leth ris a’ chrìch an iar, thall fa chomhair nan cuibhreann airson an uachdarain; agus bidh e seo na thabhartas naomh, agus bidh naomh‐ionad an teampaill na mheadhon.
22
An dèidh sealbh nan Lèbhitheach, agus sealbh na cathrach, bidh sin anns a’ mheadhon aig an uachdaran, eadar crìoch Iùdah agus crìoch Bheniàmin, bidh seo aig an uachdaran.
23
A‑thaobh na cuid eile de na treubhan, on taobh an ear gus an taobh an iar, bidh aon roinn aig Beniàmin.
24
Agus làimh ri crìch Bheniàmin, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Simeon.
25
Agus làimh ri crìch Shimeoin, on taobh an ear gus an taobh iar, aon aig Isachar.
26
Agus làimh ri crìch Isachair, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Sebulun.
27
Agus làimh ri crìch Shebuluin, on taobh an ear gus an taobh an iar, aon aig Gad.
28
Agus làimh ri crìch Ghaid, aig an taobh deas mu dheas, bidh a’ chrìoch o Thamar, eadhon gu uisgeachan na strì ann an Cades, gus an abhainn leth ris an fhairge mhòir.
29
Seo am fearann a roinneas sibh le crannchur do threubhan Israeil airson oighreachd, agus seo na cuibhreannan aca, deir an Tighearna Dia.
30
Agus seo dol a‑mach na cathrach air an taobh mu thuath, ceithir mìle agus còig ceud tomhas.
31
Agus bidh geatachan na cathrach a rèir ainmean treubhan Israeil, trì geatachan ris an àird a tuath; aon gheata do Reuben, aon gheata do Iùdah, aon gheata do Lèbhi.
32
Agus air an taobh an ear ceithir mìle agus còig ceud: agus trì geatachan; aon gheata do Iòseph, aon gheata do Bheniàmin, aon gheata do Dhan.
33
Agus air an taobh mu dheas ceithir mìle agus còig ceud tomhas: agus trì geatachan; aon gheata do Shimeon, aon gheata do Isachar, aon gheata do Shebulun.
34
Air an taobh an iar ceithir mìle agus còig ceud, len trì geatachan; aon gheata do Ghad, aon gheata do Aser, aon gheata do Naphtali.
35
Bha e mun cuairt ochd‐mìle‐deug tomhas: agus bidh mar ainm air a’ chathair on là sin, Tha an Tighearna an sin.
← Chapter 47
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48