bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 35
Ezekiel 35
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 34
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 36 →
1
Os bàrr, thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, cuir d’aghaidh ri sliabh Sheir, agus dèan fàistneachd na aghaidh.
3
Agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, O shlèibh Sheir, tha mise ad aghaidh, agus sìnidh mi mo làmh a‑mach ad aghaidh, agus nì mi sgrios agus lèirsgrios ort.
4
Nì mi do bhailtean nam fàsach, agus bidh tu ad nochd‐làraich, agus bidh fhios agad gur mise an Tighearna.
5
A chionn gu robh fuath bithbhuan agad, agus gun do dhòirt thu fuil chloinn Israeil le neart a’ chlaidheimh, ann an àm an airce, anns an àm anns an robh crìoch air an aingidheachd:
6
Air an adhbhar sin, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, ullaichidh mi thusa airson fala, agus nì fuil do dhian‐ruagadh: a chionn nach d’fhuathaich thu fuil, nì fuil do dhian‐ruagadh.
7
Mar seo nì mi lèirsgrios air sliabh Sheir, agus gearraidh mi uaithe an tì a thèid a‑mach agus an tì a thilleas air ais.
8
Agus lìonaidh mi a shlèibhtean le a dhaoine marbhte: air do chnuic, agus ann ad ghleanntan, agus ann ad uile aibhnichean, tuitidh iadsan a mharbhar leis a’ chlaidheamh.
9
Nì mise fàsaichean sìorraidh dhìot, agus cha togar a‑rìs do bhailtean; agus aithnichidh sibh gur mise an Tighearna.
10
A chionn gun dubhairt thu, Bidh an dà chinneach seo agus an dà dhùthaich seo agamsa, agus sealbhaichidh sinn iad: ged bha an Tighearna an sin:
11
Uime sin, mar as beò mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, nì mi eadhon a rèir d’fheirge, agus a rèir d’fharmaid a nochd thu, led fhuath nan aghaidh; agus nì mi mi fhèin aithnichte nam measg, nuair a bheir mi breith ortsa.
12
Agus aithnichidh tusa gur mi an Tighearna, agus gun cuala mi d’uile thoibheum an aghaidh slèibhtean Israeil, ag ràdh, Dh’fhàgadh fàs iad, agus thugadh iad dhuinne gan slugadh.
13
Mar seo le ur beul rinn sibh uaill ann am aghaidh‐sa, agus mheudaich sibh ur briathran ann am aghaidh; chuala mise.
14
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nuair a nì an talamh uile gàirdeachas, nì mise fàs thusa.
15
Mar a rinn thusa gàirdeachas os cionn oighreachd taigh Israeil, a chionn gu robh i fàs, O shlèibh Sheir, agus Idumèa uile, an t‑iomlan dheth: agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.
← Chapter 34
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 36 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48