bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 26
Ezekiel 26
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 27 →
1
Agus thàrladh anns an aon‐bhliadhna‑deug, air a’ chiad là den mhìos, gun tàinig facal an Tighearna am ionnsaigh, ag ràdh,
2
A mhic an duine, a chionn gun dubhairt Tìrus an aghaidh Ierusaleim, Aha! tha ise a bha na dorsan don t‑sluagh briste: thill i thugamsa; leasaichear mise a‑nis, o chuireadh ise fàs:
3
Air an adhbhar sin, mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ad aghaidh, O Thìruis, agus bheir mi air mòran chinneach teachd a‑nìos ad aghaidh, mar a bheir an fhairge air a tonnan teachd a‑nìos.
4
Agus sgriosaidh iad ballachan Thìruis, agus brisidh iad sìos a bàbhainn: tàirngidh mise fòs a duslach uaipe, agus nì mi i mar mhullach creige.
5
Bidh i na h‑ionad‐sgaoilidh lìon ann am meadhon na fairge: oir labhair mise, tha an Tighearna Dia ag ràdh, agus bidh i na creich do na cinnich.
6
Agus marbhar a nigheanan a tha anns a’ mhachair leis a’ chlaidheamh, agus aithnichidh iad gur mise an Tighearna.
7
Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch bheir mise air Tìrus Nebuchadnesar rìgh Bhàbiloin, rìgh rìghrean on àird a tuath, le eich agus le carbadan, agus le marcaich, agus le cuideachdan, agus le mòran sluaigh.
8
Marbhaidh e leis a’ chlaidheamh do nigheanan anns a’ mhachair; agus nì e daingneach ann ad aghaidh, agus tilgidh e suas tòrr ad aghaidh, agus togaidh e suas ad aghaidh an sgiath.
9
Agus cuiridh e innealan‐cogaidh an aghaidh do bhallachan, agus le a thuaghan brisidh e sìos do thùir.
10
Le lìonmhorachd a chuid each, falaichidh an duslach thu; criothnaichidh do bhalla le toirm a’ mharc‐shluaigh, agus nan rothan, agus nan carbadan, nuair thèid e a‑steach air do gheatachan, mar a thèid daoine a‑steach air baile anns an do rinneadh briseadh.
11
Le iongannan a chuid each saltraidh e sìos do shràidean uile: marbhaidh e do shluagh leis a’ chlaidheamh, agus thèid do dhaingnichean làidir sìos gu làr.
12
Agus nì iad creach ded shaoibhreas agus nì iad cobhartach ded cheannachd; agus brisidh iad sìos do bhallachan, agus millidh iad do thaighean taitneach; agus leagaidh iad do chlachan, agus d’fhiodh, agus do dhuslach ann am meadhon an uisge.
13
Agus bheir mise air fuaim d’òran sgur, agus cha chluinnear fonn do chlàrsach nas mò.
14
Agus nì mi thu mar mhullach creige: bidh tu ann ad ionad gu sgaoileadh lìon air: cha bhi thu air do thogail nas mò: oir mise Iehòbhah labhair, deir an Tighearna Dia.
15
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh ri Tìrus, Nach criothnaich na h‑eileanan ri fuaim do leagaidh nuair a dh’èigheas a’ mhuinntir leònte, nuair a nìthear an t‑àr ann ad mheadhon?
16
An sin thig uile phrionnsachan na fairge a‑nuas on rìgh‐chathraichean, agus cuiridh iad am fallaingean a thaobh, agus cuiridh iad dhiubh an culaidhean grèise: èididh iad iad fhèin le ball‐chrith, suidhidh iad air an làr, agus criothnaichidh iad gach tiota, agus bidh uamhas orra dod thaobh‐sa.
17
Agus togaidh iad tuireadh air do shon, agus their iad riut, Cionnas a sgriosadh thusa a bha air d’àiteachadh le luchd‐fairge, a’ chathair iomraiteach a bha làidir anns an fhairge, i fhèin agus a luchd‐àiteachaidh, a tha a’ cur an eagail air na h‑uile a tha ga tathaich?
18
A‑nis criothnaichidh na h‑eileanan ann an là do leagaidh. Seadh, bidh na h‑eileanan a tha anns an fhairge fo bhuaireadh airson do shiubhail.
19
Oir mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Nuair a nì mise dhìot cathair fhàs, mar na cathraichean nach eil air an àiteachadh, nuair a bheir mi a‑nìos ort an doimhne, agus a thig na tuiltean mòra os do chionn;
20
Nuair a bheir mi ort dol sìos leòsan a thèid sìos don t‑sloc le muinntir na h‑aimsir o shean, agus a chuireas mi thu ann an ionadan ìochdarach na talmhainn, ann an ionadan fàs o shean, leòsan a thèid sìos don t‑sloc, air chor is nach bi thu air d’àiteachadh, agus nach seas thu nas mò ann an tìr nam beò:
21
Nì mi uamhas dhìot, agus cha bhi thu ann: ged iarrar thu, gidheadh chan fhaighear thu nas mò gu bràth, deir an Tighearna Dia.
← Chapter 25
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 27 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48