bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 42
Ezekiel 42
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 41
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 43 →
1
An sin thug e a‑mach mi gus a’ chùirt a‑muigh, air slighe na h‑àird a tuath, agus thug e mi don t‑seòmar a bha os cionn an ionaid air leth, agus a bha fa chomhair na h‑aitreibh ris an àird a tuath.
2
Fa chomhair fad ceud làmh‐choille bha an doras tuath; agus b’e an leud leth‐cheud làmh‐choille.
3
Fa chomhair dorsan na cùirte a‑staigh, agus fa chomhair an ùrlair a bha airson na cùirte a‑muigh, bha seòmar air aghaidh seòmair air trì ùrlair.
4
Agus fa chomhair nan seòmraichean bha àite spaisdearachd deich làmhan‐coille air leud a‑staigh, agus ceud làmh‐choille air fad; agus bha na dorsan ri tuath.
5
Agus bha na seòmraichean uachdarach cumhang: oir aca seo chrìochnaich na seòmraichean beaga, a dh’èirich gus a’ chiad agus an dara ùrlar den aitreibh.
6
Oir bha iad nan trì ùrlair, ach cha robh pruip aca mar phruip nan cùirtean; uime sin bha an taigh na bu chumhainge na a’ chuid a b’ìochdaraiche agus a bu mheadhonaiche on làr.
7
Agus bha am balla a bha a‑muigh fa chomhair nan seòmraichean, leth ris a’ chùirt a b’fhaide a‑muigh air beulaibh nan seòmraichean, leth‐cheud làmh‐choille air fad.
8
Oir b’e fad nan seòmraichean a bha anns a’ chùirt a‑muigh leth‐cheud làmh‐choille: agus, feuch, fa chomhair an teampaill bha ceud làmh‐choille.
9
Agus fo na seòmraichean seo bha an dol a‑steach air an taobh an ear, mar thèid aon a‑steach annta on chùirt a‑muigh.
10
Bha na seòmraichean ann an tighead balla na cùirte ris an àird an ear, thall fa chomhair an ionaid air leth, agus thall fa chomhair an taighe.
11
Agus bha an t‑àite spaisdearachd aig an aghaidh cosmhail ris a sin a bha aig seòmraichean na h‑àird a tuath; ionnan ann am fad, agus ionnan ann an leud; agus bha an uile dhol a‑mach araon air an aon dreach, agus fòs an dorsan.
12
Agus a rèir dorsan nan seòmraichean a bha ris an àird a deas, bha doras ann an ceann na slighe, an t‑slighe dìreach fa chomhair a’ bhalla, ris an àird an ear, mar a thèid aon a‑steach orra.
13
An sin thubhairt e rium, Na seòmraichean mu thuath, agus na seòmraichean mu dheas, a tha fa chomhair an ionaid air leth, is seòmraichean naomh iad, far an ith na sagartan a thig dlùth don Tighearna an nithean as ro‑naoimhe: an sin cuiridh iad na nithean as ro‑naoimhe, agus an tabhartas‐bìdh, agus an tabhartas‐peacaidh, agus an tabhartas‐easaontais; oir tha an t‑ionad naomh.
14
Nuair a thèid na sagartan a‑steach ann, an sin cha tèid iad a‑mach as an ionad naomh gus a’ chùirt a‑muigh, ach an sin cuiridh iad an aodaichean, far a bheil iad a’ frithealadh; oir tha iad naomh: agus cuiridh iad orra aodaichean eile, agus thig iad dlùth do na nithean sin a tha airson a’ phobaill.
15
A‑nis nuair a chuir e crìoch air tomhas an taighe a‑staigh, thug e a‑mach mi a‑chum a’ gheata, a tha ag amharc ris an àird an ear, agus thomhais e mun cuairt e.
16
Thomhais e an taobh an ear leis an t‑slait‐thomhais, còig agus ceud slat leis an t‑slait‐thomhais timcheall mun cuairt.
17
Thomhais e an taobh mu thuath, còig agus ceud slat, leis an t‑slait‐thomhais timcheall mun cuairt.
18
Thomhais e an taobh a deas, còig agus ceud slat, leis an t‑slait‐thomhais.
19
Thionndaidh e mun cuairt gus an taobh an iar, agus thomhais e còig agus ceud slat, leis an t‑slait‐thomhais.
20
Thomhais e air na ceithir taobhan e: bha balla aige mun cuairt, còig agus ceud slat air fad, agus còig agus ceud air leud a dhèanamh dealachaidh eadar an t‑ionad naomh agus an t‑àite coitcheann.
← Chapter 41
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 43 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48