bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Ezekiel 38
Ezekiel 38
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 37
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 39 →
1
Agus thàinig facal an Tighearna am ionnsaigh‐sa, ag ràdh,
2
A mhic an duine, cuir do ghnùis an aghaidh Ghog, tìr Mhagog, àrd phrionnsa Mheseich agus Thubail, agus dèan fàistneachd na aghaidh,
3
Agus abair ris, Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Feuch, tha mise ad aghaidh, O Ghog, àrd phrionnsa Mheseich agus Thubail;
4
Agus tillidh mi air d’ais thu, agus cuiridh mi dubhain ann ad ghiallan, agus bheir mi a‑mach thu fhèin, agus d’fheachd uile, eich agus marcaich, iad uile air an èideadh leis gach uile ghnè armachd; cuideachd mhòr le targaidean agus le sgiathan, an t‑iomlan dhiubh ag iomairt chlaidheamhan:
5
Persia, Etiopia, agus Libia maille riu; an t‑iomlan dhiubh le sgèith agus ceannbheairt:
6
Gomer agus a chuideachdan uile; taigh Thogarmach o na h‑àirdean a tuath, agus a uile bhuidhnean; mòran sluaigh maille riut.
7
Bi thusa deas, agus ullaich air do shon fhèin, thu fhèin agus d’uile chuideachd a tha air an cruinneachadh thugad, agus bi dhaibh ad dhìdein.
8
An dèidh mòran làithean thigear gad amharc: anns na bliadhnachan deireannach thig thu don fhearann a thugadh air ais on chlaidheamh, a chruinnicheadh à mòran chinneach, an aghaidh slèibhtean Israeil, a bha fada fàs: ach thugadh a‑mach as na cinnich e, agus gabhaidh iadsan uile còmhnaidh ann an tèarainteachd.
9
Èiridh tu suas, agus thig thu mar dhoininn, bidh tu cosmhail ri neul a dh’fhalach an fhearainn, thu fhèin agus d’uile bhuidhnean, agus mòran sluaigh maille riut.
10
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, Tàrlaidh anns an là sin gun tig nithean ann ad aire, agus gun smaoinich thu droch smuaintean.
11
Agus their thu, Thèid mi suas gu tìr nam bailtean gun bhallachan, thig mi air a’ mhuinntir a tha aig fois, a tha a’ gabhail còmhnaidh ann an tèarainteachd, iad uile a’ gabhail còmhnaidh gun bhallachan, agus gun chroinn no dorsan aca,
12
A ghlacadh creiche, agus a ghlacadh cobhartaich; a thionndadh do làimhe air na h‑ionadan fàsa a tha a‑nis air an àiteachadh, agus air an t‑sluagh a chruinnicheadh a‑mach as na cinnich, a fhuair seilbh agus maoin, a tha a chòmhnaidh ann am meadhon na tìre.
13
Their Sèba, agus Dedan, agus ceannaichean Tharsis, agus a chuid bhailtean, riut, A bheil thu air teachd a ghlacadh cobhartaich? An do chruinnich thu do chuideachd a ghlacadh creiche? A thoirt leat òir agus airgid; a thoirt air falbh sprèidhe agus maoin; a ghlacadh creiche mòire?
14
Uime sin, a mhic an duine, dèan fàistneachd, agus abair ri Gog, Mar seo tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh, Anns an là anns an gabh mo shluagh‐sa Israel còmhnaidh gu tèarainte, nach bi fhios agad?
15
Agus thig thu à d’àite, a‑mach as na h‑àirdean a tuath, thu fhèin agus mòran sluaigh maille riut, iad uile a’ marcachd air eich, buidheann mhòr, agus feachd cumhachdach:
16
Agus thig thu a‑nìos an aghaidh mo shluaigh‐sa Israel, mar neul a dh’fhalach an fhearainn; tàrlaidh e anns na làithean deireannach, agus bheir mise thu an aghaidh m’fhearainn, a‑chum gun aithnich na cinnich mi, nuair a bhios mi air mo naomhachadh annadsa, O Ghog, fa chomhair an sùl.
17
Mar seo tha an Tighearna Dia ag ràdh, An tusa an tì mun do labhair mi o shean lem sheirbhisich, fàidhean Israeil, a rinn fàistneachd anns na làithean sin, rè bhliadhnachan, gun tugainn‐sa thu nan aghaidh?
18
Agus tàrlaidh anns an àm cheudna, nuair a thig Gog an aghaidh fearann Israeil, tha an Tighearna Dia ag ràdh, gun tig mo chorraich‐sa a‑nìos ann am aodann.
19
Oir ann am eud, ann an teine mo chorraich, labhair mi: Gu cinnteach anns an là sin bidh crith mhòr air fearann Israeil:
20
Air chor is gun criothnaich ann am làthair‐sa èisg na fairge, agus eunlaith an adhair, agus beathaichean na machrach, agus na h‑uile nithean snàigeach a shnàigeas air uachdar na talmhainn, agus na h‑uile dhaoine a tha air aghaidh na talmhainn; agus tilgear na slèibhtean sìos, agus tuitidh na h‑ionadan àrda, agus tuitidh a h‑uile balla gu talamh.
21
Agus gairmidh mise airson claidheimh na aghaidh air feadh m’uile shlèibhtean, tha an Tighearna Iehòbhah ag ràdh; bidh claidheamh gach aon duine an aghaidh a bhràthar.
22
Agus tagraidh mi na aghaidh le plàigh agus le fuil, agus frasaidh mi air fhèin, agus air a bhuidhnean, agus air a’ mhòr‐shluagh a tha maille ris, frasan tuilteach, agus clachan‐meallain mòra, teine agus pronnasg.
23
Mar seo nì mi mòr mi fhèin, agus naomhaichidh mi mi fhèin: agus aithnichear mi ann an sùilean mòran chinneach, agus bidh fhios aca gur mi an Tighearna.
← Chapter 37
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 39 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48