bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 13
Isaiah 13
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 14 →
1
Trom‐eallach Bhàbiloin, a chunnaic Isaiah mac Amois.
2
Air sliabh àrd togaibh suas bratach; èighibh riu gu h‑àrd; sìnibh ur làmh, a‑chum gun tèid iad a‑steach air geatachan nan uaislean.
3
Thug mi àithne dom dhaoine coisrigte: seadh, ghairm mi mo dhaoine treuna a‑chum mo chorraich a chur an gnìomh; muinntir a tha a’ dèanamh luathghaire ann am mhòrachd.
4
Fuaim mòr‐chuideachd anns na slèibhtean amhail sluagh mòr; fuaim luasgadh rìoghachdan chinneach air an cruinneachadh le chèile; tha Tighearna nan sluagh a’ deasachadh feachd a‑chum catha.
5
Tha iad a’ teachd o thìr chèin, o iomall nan nèamhan, an Tighearna agus buill‐airm a chorraich, a mhilleadh na tìre gu lèir.
6
Guilibh gu h‑àrd, oir tha là an Tighearna dlùth; mar lèirsgrios on Uile‐chumhachdach thig e.
7
Air an adhbhar sin lagaichear na h‑uile làmhan, agus leaghaidh cridhe gach duine.
8
Agus bidh iad fo uamhas; nì piantan agus guinean greim orra; mar mhnaoi ri saothair cràidhear iad; seallaidh iad gach aon air a chèile le iongantas; mar lasraichean teine bidh an aodainn.
9
Feuch, tha là an Tighearna a’ teachd, garg le feirg agus le dian‐chorraich, a chur na tìre fàs, agus a sgrios nan ciontach a‑mach aisde.
10
Oir cha tabhair reultan nèimh agus a co‑shoillse uapa an solas; bidh a’ ghrian air a dorchadadh na dol a‑mach, agus cha toir a’ ghealach air a solas dealradh.
11
Agus dìolaidh mise air an t‑saoghal an droch‐bheairt, agus air na h‑aingidh an euceart; agus cuiridh mi crìoch air àrdan nan uaibhreach, agus leagaidh mi sìos uaill nan uamhasach.
12
Nì mi duine nas luachmhoire na òr grinn; seadh duine na fìor òr na h‑Ophir.
13
Uime sin luaisgidh mi na nèamhan, agus gluaisear an talamh as a àit, ann am feirg Tighearna nan sluagh, agus ann an là a dhian‐chorraich.
14
Agus bidh iad mar earb air a ruagadh, agus mar threud chaorach nach eil neach a’ cuartachadh; tionndaidhidh iad gach aon a‑chum a shluaigh fhèin; agus teichidh iad gach aon gu a dhùthaich fhèin.
15
Gach fear a ghlacar, sàthar troimhe e; agus na h‑uile a dhlùth‐leanas ri chèile, tuitidh iad leis a’ chlaidheamh.
16
Agus pronnar an naoidheanan fa chomhair an sùl; bidh an taighean air an creachadh, agus am mnathan air an èigneachadh.
17
Feuch, dùisgidh mi suas nan aghaidh na Medich, aig nach bi meas air airgead; agus airson òir, cha bhi suim aca dheth.
18
Pronnaidh am boghachan na h‑òganaich, agus cha dèan iad iochd air toradh na bronn; cha ghabh an sùil truas de leanaban.
19
Agus bidh Bàbilon, maise nan rìoghachdan, glòir uaill nan Caldèanach, mar an lèirsgrios a thug Dia air Sòdom agus Gomorrah.
20
Chan àitichear gu bràth i, cha mhò a ghabhar còmhnaidh innte air feadh linn nan linn; cha suidhich an t‑Arabach bùth an sin; cha mhò a nì buachaillean buaile an sin.
21
Ach gabhaidh fiadh‐bheathaichean an fhàsaich còmhnaidh an sin; agus bidh an taighean làn de uamh‐bheistean; agus gabhaidh na cailleachan‐oidhche tàmh an sin, agus nì na gobhair fhiadhaich mire an sin.
22
Agus freagraidh na h‑eòin fhiadhaich a chèile na lùchairtean, agus na dràgonan anns na seòmraichean aoibhinn, agus tha a h‑àm am fagas, agus cha bhi a làithean air an sìneadh.
← Chapter 12
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 14 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66