bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 48
Isaiah 48
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 47
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 49 →
1
Cluinnibh seo, o thaigh Iàcoib, sibhse tha air ur n‑ainmeachadh air Israel; agus a thàinig a‑mach o uisgeachan Iùdah; a tha a’ mionnachadh air ainm an Tighearna, agus a’ dèanamh luaidh air Dia Israeil; ach chan ann am fìrinn no ann an ionracas.
2
Oir tha iad gan ainmeachadh fhèin air a’ chathair naoimh, agus a’ leigeil an taice ri Dia Israeil; is e Tighearna nan sluagh as ainm dha.
3
Dh’fhoillsich mi na ciad nithean o thùs; agus om bheul chaidh iad a‑mach, agus chuir mi an cèill iad; gu h‑obann dh’obraich mi, agus thàinig iad gu crìch.
4
A chionn gu robh fhios agam gu robh thu reasgach, agus gu robh do mhuineal mar fhèith iarainn, agus d’aodann na umha;
5
Uime sin dh’fhoillsich mi dhut iad on tùs; mun tàinig iad gu crìch, dh’innis mi dhut iad; a‑chum nach abradh tu, Is e m’iodhal a thug mun cuairt iad; is iad mo dhealbh snaidhte, agus mo dhealbh leaghte, a dh’òrdaich iad.
6
Chuala tu seo, faic e air a choileanadh; agus nach cuir sibhse an cèill e? Innsidh mi dhut nithean nuadha on àm seo, a ghleidheadh diamhair, agus air nach robh fhios agad.
7
Tha iad air an tabhairt gu crìch a‑nis, agus cha b’ann o shean; agus ron là seo cha chuala tu iad; a‑chum nach abradh tu, Feuch, bha fhios agam orra.
8
Seadh, cha chuala tu; seadh, cha b’aithne dhut; seadh, on toiseach cha d’fhosgladh do chluas; oir bha fhios agam gum buineadh tu gu ro‑chealgach, agus gum b’e Fear‐easaontais a b’ainm dhut on bhroinn.
9
Air sgàth m’ainme cuiridh mi dàil ann am chorraich, agus airson mo chliù cumaidh mi air a h‑ais i uatsa, air chor is nach geàrr mi as thu.
10
Feuch, ghlan mi thu, ach cha b’ann le airgead; thagh mi thu ann an àmhainn an àmhghair.
11
Air mo sgàth, air mo sgàth fhèin, nì mi e; oir cionnas a bhiodh m’ainm air a mhaslachadh? Agus mo ghlòir cha tabhair mi do neach eile.
12
Eisd rium, O Iàcoib, agus Israeil, a ghairm mi, Is mi Esan, is mi an ciad neach; is mi fòs an neach deireannach.
13
Is i mo làmh a leag stèidh na talmhainn, agus rèis mo dheaslàimhe a thomhais na nèamhan; bheir mi gairm dhaibh, seasaidh iad suas le chèile.
14
Cruinnichibh sibh fhèin uile ri chèile, agus èisdibh; cò nam measg a dh’fhoillsich na nithean seo? Cuiridh esan as ionmhainn leis an Tighearna an gnìomh a thoil air Bàbilon, agus bidh a ghàirdean air na Caldèanaich.
15
Mise, mise fhèin labhair; seadh, ghairm mi e, threòraich mi e, agus soirbhichidh a shlighe.
16
Dlùthaichibh rium, agus cluinnibh seo; on toiseach cha do labhair mi ann an uaigneas; on àm anns an do thachair e, bha mise an sin; agus a‑nis chuir an Tighearna Iehòbhah, agus a Spiorad, a‑mach mise.
17
Mar seo deir an Tighearna, d’fhear‐saoraidh, Tì naomh Israeil; is mise an Tighearna do Dhia, a tha a’ teagasg dhut ciod a thig gud bhuannachd; a tha gad stiùradh anns an t‑slighe air an imich thu.
18
O gun tugadh tu fa‑near m’àitheantan‐sa! An sin bhiodh do shìth mar abhainn, agus d’fhìreantachd mar thonnan na fairge:
19
Agus bhiodh do shìol mar a’ ghaineamh, agus sliochd do chuim mar a meanbh‐chlachan; cha bhiodh d’ainm air a ghearradh as, no air a sgrios as mo làthair.
20
Rachaibh a‑mach o Bhàbilon; teichibh o thìr nan Caldèanach; le guth gàirdeachais innsibh, cuiribh seo an cèill; sgaoilibh an sgeul gu iomall na talmhainn; abraibh, Shaor an Tighearna a òglach fhèin, Iàcob.
21
Agus cha robh tart orra anns na fàsaichean tron tug thu orra siubhal; thug e air uisge sruthadh dhaibh as a’ charraig; seadh, sgoilt e a’ chreag, agus bhrùchd an t‑uisge a mach.
22
Chan eil sìth, deir an Tighearna, don aingidh.
← Chapter 47
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 49 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66