bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 21
Isaiah 21
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 22 →
1
Trom‐eallach fàsach na fairge. Mar dhoineannan anns an àird a deas, a’ dol seachad: on fhàsach tha e a’ teachd, o thìr uamhasaich.
2
Dh’fhoillsicheadh sealladh eagalach dhomh; tha an cealgair a’ caitheamh foill, agus tha am fear‐creachaidh a’ creachadh. Rach suas, O Elaim; teannaich, O Mhedia; chuir mise crìoch air a h‑uile osnaich.
3
Uime sin lìonadh mo leasraidh le cràdh; ghlac piantan mi, mar phiantan mnà ri saothair‐chloinne. Bha mi air mo chromadh sìos, nuair a chuala mi; dh’fhàs mi air chrith, nuair a chunnaic mi.
4
Chlisg mo chridhe; chuir uamhas fiamh orm; feasgar mo shòlais thionndaidh e gu uamhann dhomh.
5
Deasaich am bòrd; suidhich an fhaire; ith; òl; èiribh, a cheanna‑feadhna, ungaibh an sgiath.
6
Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Imich, suidhich fear‐faire; an nì a chì e, innseadh e.
7
Agus chunnaic e carbad le dà mharcach, carbad le asail, agus carbad le càmhail; agus thug e fa‑near gu dìcheallach le geur aire;
8
Agus ghlaodh e, Leòmhainn: mo thighearna, tha mi am sheasamh an còmhnaidh ann am ionad‐faire, air feadh an là; agus tha mi a’ fantainn air mo fhreiceadan rè gach oidhche;
9
Agus, feuch, an seo tha carbad de dhaoine a’ teachd, le dà mharcach. Agus fhreagair e agus thubhairt e, Tha Bàbilon air tuiteam, air tuiteam; agus tha uile dhealbhan snaidhte a diathan air am briseadh gu làr.
10
Och mo bhualadh, agus arbhar m’ùrlair! An nì a chuala mi o Thighearna nan sluagh, Dia Israeil, chuir mi an cèill dhuibhse.
11
Trom‐eallach Dhumah. Dh’èigh e rium o Sheir, Fhir na faire, ciod on oidhche? Fhir na faire, ciod on oidhche?
12
Thubhairt am fear‐faire, Tha a’ mhadainn a’ teachd, agus fòs an oidhche: ma dh’fhiosraicheas sibhse, fiosraichibh: tillibh, thigibh.
13
An fhàistneachd mu thimcheall Aràbia. Anns an fhrìth ann an Aràbia gabhaidh sibh tàmh, a chuideachdan‐siubhail Dhedanim.
14
Thug luchd‐àiteachaidh tìr Thema uisge a dh’ionnsaigh an tartmhoir; len aran thàinig iad an còmhdhail an fhògarraich.
15
Oir o na claidheamhan theich iad, on chlaidheamh rùisgte, agus on bhogha lùbte, agus o bhoile a’ chogaidh.
16
Oir mar seo thubhairt an Tighearna rium, Fhathast bliadhna, mar bhliadhnachan fir‐thuarasdail, agus bidh uile ghlòir Chedair air caitheamh as.
17
Agus lùghdaichear fuidheall àireamh nam fear‐bogha, fir threuna de mhic Chedair; oir labhair an Tighearna Dia Israeil e.
← Chapter 20
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 22 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66