bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 62
Isaiah 62
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 61
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 63 →
1
Air sgàth Shioin cha bhi mi am thosd, agus air sgàth Ierusaleim cha ghabh mi fois; gus am bris a fìreantachd a‑mach mar sholas dealrach, agus a slàinte mar leus lasrach.
2
Agus chì na cinnich d’fhìreantachd, agus na h‑uile rìghrean do ghlòir; agus bheirear ainm nuadh ort, a ghairmeas beul an Tighearna.
3
Agus bidh tu ad chrùn glòire ann an làimh an Tighearna, agus ad choron rìoghail ann an glaic do Dhè.
4
Chan abrar riut tuilleadh, Tè ris an do chuireadh cùl; cha mhò a theirear rid fhearann tuilleadh, am Fàsach; ach is e a theirear riut, Bean mo rùin; agus rid fhearann, Bean‐phòsda; oir bidh rùn an Tighearna ort, agus bidh d’fhearann air a cheangal ann am pòsadh.
5
Oir mar a phòsas duine òg òigh, mar sin pòsaidh d’fhear‐togail thusa; agus mar a nì am fear nuadh‐pòsda gàirdeachas na mhnaoi, mar sin nì do Dhia gàirdeachas annadsa.
6
Chuir mi luchd‐faire air do bhallachan, O Ierusaleim; rè an là, agus rè na h‑oidhche, cha bhi iad nan tosd; sibhse a tha a’ dèanamh luaidh air ainm an Tighearna, na bithibh‐se nur tosd;
7
Agus na tugaibh fois dha, gus an daingnich e agus gus an dèan e Ierusalem na cliù air an talamh.
8
Mhionnaich an Tighearna air a làimh dheis, agus air a ghàirdean cumhachdach, Cha tabhair mi nas mò d’arbhar mar lòn dod naimhdean; cha mhò a dh’òlas clann a’ choigrich d’fhìon nuadh, airson an do shaothraich thu:
9
Ach ithidh iadsan e a thionaileas e, agus molaidh iad an Tighearna; agus iadsan a chruinnicheas e òlaidh iad e ann am chùirtean naomha‑sa.
10
Siùbhlaibh, siùbhlaibh tro na geatachan; ullaichibh slighe an t‑sluaigh; tilgibh suas, tilgibh suas an rathad mòr; glanaibh as na clachan; togaibh suas bratach airson nan slògh.
11
Feuch, ghlaodh an Tighearna gu iomall an domhain; abraibh ri nighinn Shioin, Feuch, tha do Shlànaighear a’ teachd; feuch, tha a luigheachd maille ris, agus duais a obrach na làthair.
12
Agus theirear riu, An sluagh naomh, muinntir shaorte an Tighearna; agus riutsa theirear, Miannaichte, cathair nach trèigear.
← Chapter 61
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 63 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66