bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 9
Isaiah 9
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 10 →
1
Gidheadh cha bhi an doilleireachd mar a bha ri linn a h‑àmhghair, nuair a bhuail e gu h‑aotrom an toiseach talamh Shebuloin agus talamh Naphtali, agus na dhèidh sin bhuail e na bu truime e, air slighe na fairge, taobh thall Iòrdain, Galile nan cinneach.
2
An sluagh a bha a’ siubhal ann an dorchadas, chunnaic iad solas mòr; iadsan a bha nan còmhnaidh ann an tìr sgàil a’ bhàis, dh’èirich solas orra.
3
Rinn thu an cinneach lìonmhor; nach do mheudaich thu an aoibhneas? Rinn iad gàirdeachas ad làthair, mar ghàirdeachas anns an fhogharadh; mar a nì daoine gàirdeachas nuair a roinneas iad a’ chreach.
4
Oir bhris thu cuing a eallaich, agus bata a ghuailne, slat an fhir a shàraich e, mar ann an là Mhidiain.
5
Oir tha gach uile chath an fhir‐chogaidh le cruaidh iomairt, agus aodach air a thumadh ann am fuil; ach bidh seo le losgadh, agus connadh airson an teine.
6
Oir rugadh dhuinne duine‐cloinne, thugadh dhuinne mac; agus bidh an uachdaranachd air a ghualainn; agus goirear mar ainm dheth, Iongantach, Comhairliche, an Dia cumhachdach, an t‑Athair sìorraidh, Prionnsa na sìthe.
7
Air fàs a uachdaranachd, agus air a shìth, cha tig crìoch, air cathair rìoghail Dhaibhidh, agus air a rìoghachd; a‑chum a daingneachadh agus a socrachadh le breitheanas agus le ceartas, o seo a‑mach agus gu sìorraidh: bheir eud Tighearna nan sluagh seo gu crìch.
8
Chuir an Tighearna facal a dh’ionnsaigh Iàcoib, agus thuit e air Israel.
9
Agus bidh fios aig an t‑sluagh uile, aig Ephraim agus fear‐àiteachaidh Shamaria, a tha ag ràdh, ann an uaill agus àrdan cridhe,
10
Tha na clachan creadha air tuiteam, ach togaidh sinn le clachan snaidhte; tha na craobhan sicamoir air an gearradh sìos, ach cuiridh sinn craobhan seudair nan àite.
11
Uime sin àrdaichidh an Tighearna luchd‐mìoruin Resin na aghaidh, agus togaidh e suas a naimhdean le chèile;
12
Na Sirianaich on taobh bheòil, agus na Philistich on taobh chùil; agus ithidh iad suas Israel le beul farsaing. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh; ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
13
Ach chan eil an sluagh seo air tilleadh ris an tì a bhuail iad; cha mhò a dh’iarr iad Tighearna nan sluagh:
14
Uime sin gearraidh an Tighearna as o Israel an ceann agus an t‑earball, a’ gheug agus an luachair, ann an aon là.
15
An duine aosmhor agus urramach, is esan an ceann; agus am fàidh a tha a’ teagasg brèige, is esan an t‑earball.
16
Oir tha luchd‐stiùraidh an t‑sluaigh seo gan cur air seachran; agus bidh iadsan a stiùrar leo air an slugadh suas.
17
Air an adhbhar sin cha dèan an Tighearna gàirdeachas os cionn an òganach, cha mhò a nì e iochd rin dìlleachdain agus am bantraichean; oir tha gach aon dhiubh na chealgair agus na fhear dòbheairt, agus tha gach beul a’ labhairt amaideachd. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
18
Oir loisgidh aingidheachd mar theine; ithidh i suas an dris agus an droigheann; agus cuiridh i ri theine badan na frìthe; agus èiridh iad an àird nan smùid a’ dol suas.
19
Trìd corraich Tighearna nan sluagh dhorchaicheadh an tìr; agus bidh an sluagh mar chonnadh airson an teine: cha dèan duine iochd air a bhràthair fhèin.
20
Agus bheir e teum air an làimh dheis, agus gidheadh bidh e acrach; agus ithidh e suas air an làimh chlì, agus cha bhi iad sàsaichte; ithidh gach duine feòil a ghàirdein fhèin.
21
Ithidh Manaseh Ephraim, agus Ephraim Manaseh; agus bidh iad le chèile an aghaidh Iùdah. Airson seo uile chan eil a chorraich air a tilleadh air falbh, ach tha a làmh fhathast sìnte a‑mach.
← Chapter 8
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 10 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66