bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 7
Isaiah 7
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 8 →
1
Ann an làithean Ahais mhic Iotaim, mhic Usiah, rìgh Iùdah, chaidh Resin rìgh Shiria, agus Pecah mac Remaliah rìgh Israeil, suas do Ierusalem, a chogadh na h‑aghaidh, ach cha b’urrainn iad buadhachadh oirre.
2
Agus dh’innseadh do thaigh Dhaibhidh, ag ràdh, Tha Siria ann an co‑bhainn ri Ephraim; agus bha a chridhe air a ghluasad, agus cridhe a shluaigh, mar a ghluaisear craobhan na coille ron ghaoith.
3
Agus thubhairt an Tighearna ri Isaiah, Rach a‑mach a‑nis an còmhdhail Ahais, thu fhèin, agus Seariasub do mhac, aig ceann sruth‐chlais na linne uachdaraich, air slighe achadh an luadhadair.
4
Agus abair ris, Thoir an aire, agus bi ad thosd; na gabh eagal, agus na bi lag‐chridheach, airson dà eàrr nan aithinnean smùidreach seo, airson corraich Resin agus Shiria, agus mac Remaliah.
5
Airson gun do dhealbh Siria, Ephraim, agus mac Remaliah, olc ad aghaidh, ag ràdh,
6
Rachamaid suas an aghaidh Iùdah, agus teannaicheamaid e, agus briseamaid a‑steach, agus cuireamaid rìgh suas gu rìoghachadh na mheadhon, eadhon mac Thabeail:
7
Mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Cha seas e, cha mhò a thig e gu crìch.
8
Ged as e ceann Shiria Damascas, agus ceann Dhamascais Resin; gidheadh an taobh a‑staigh de chòig agus trì‐fichead bliadhna, bidh Ephraim air a bhriseadh, ionnas nach bi e na chinneach:
9
Ged as e ceann Ephraim Samaria, agus ceann Shamaria mac Remaliah. Mura creid sibh, gu cinnteach cha bhi sibh seasmhach.
10
Agus labhair an Tighearna fhathast ri Ahas, ag ràdh,
11
Iarr dhut fhèin comharradh on Tighearna do Dhia; iarr anns an doimhne, no anns an àirde shuas.
12
Ach thubhairt Ahas, Chan iarr mi, cha mhò a bhuaireas mi an Tighearna.
13
Agus thubhairt esan, Eisdibh a‑nis, a thaigh Dhaibhidh; am beag leibh daoine a sgìtheachadh, ach an sgìthich sibh fòs mo Dhia?
14
Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel mar ainm air.
15
Im agus mil ithidh e, gus an tuig e an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh.
16
Oir mun aithne don leanabh an t‑olc a dhiùltadh, agus am math a roghnachadh, fàsaichear fearann an dà rìgh leis a bheil thu air do chlaoidh.
17
Bheir an Tighearna ortsa, agus air do shluagh, agus air taigh d’athar, làithean nach robh an leithidean ann on là anns an do dhealaich Ephraim ri Iùdah; eadhon rìgh Asiria.
18
Agus tàrlaidh anns an là sin, gun gairm an Tighearna a’ chuileag a tha ann an iomall aibhnichean na h‑Eiphit, agus an seillean a tha ann an talamh Asiria:
19
Agus thig iad, agus laighidh an t‑iomlan dhiubh anns na glinn fhàsail, agus ann an còsan nan creag, agus air gach uile dhroighnich agus air gach uile phreas.
20
Anns an là sin lomaidh an Tighearna le ealtainn thuarasdail, leis an t‑sluagh air taobh thall na h‑aibhne, le rìgh Asiria, an ceann agus fionnadh nan casan; agus bearraidh i eadhon an fheusag.
21
Agus tàrlaidh anns an là sin gun àraich duine bò òg agus dà chaora:
22
Agus o phailteas a’ bhainne a bheir iad uapa, ithidh e ìm; oir ìm agus mil ithidh gach neach a dh’fhàgar anns an tìr.
23
Agus tàrlaidh anns an là sin, gach àit anns an robh mìle fìonain, air am meas air mhìle bonn airgid, gum bi e na sgitheach agus na dhroighnich.
24
Le saighdean agus leis a’ bhogha thig iad an sin; oir bidh an talamh uile na sgitheach agus na dhroighnich.
25
Agus air na h‑uile chnocan a bhios air an ruamhradh leis a’ chaibe, cha tig eagal sgithich no droighnich; ach bidh e na àirigh dhamh, agus na ionaltradh meanbh‐chruidh.
← Chapter 6
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 8 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66