bible
ra
🌐 Language
English
Español
Français
Deutsch
Português
Italiano
Nederlands
Русский
中文
日本語
한국어
العربية
Türkçe
Tiếng Việt
ไทย
Indonesia
All Languages
Home
/
Gaelic
/
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
/
Isaiah 65
Isaiah 65
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
← Chapter 64
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 66 →
1
Dh’fhoillsicheadh mi dhaibhsan nach robh gam fharraid; fhuaireadh mi leòsan nach robh gam iarraidh; thubhairt mi, Feuch mi, feuch mi, ri cinneach nach robh air ainmeachadh orm.
2
Shìn mi a‑mach mo làmhan fad an là ri sluagh ceannairceach, a tha a’ gluasad ann an droch shlighe, a rèir an innleachdan fhèin;
3
Sluagh a tha an còmhnaidh gam bhrosnachadh gu feirg rim aghaidh; ag ìobradh anns na liosan, agus a’ losgadh tùise air na clachan‐creadha;
4
A tha a’ fantainn am measg nan àiteachan‐adhlaic, agus a’ gabhail còmhnaidh anns na h‑uaimhean; a tha ag ithe feòil mhuc, agus aig a bheil sùgh nithean gràineil nan soithichean.
5
A tha ag ràdh, Fan agad fhèin, na tig am fagas dhòmhsa; oir is mise as naoimhe na thusa. Tha iad seo nan deataich ann am shròin, nan teine a tha a’ losgadh rè an là uile.
6
Feuch, tha e sgrìobhte ann am làthair; chan fhan mi am thosd, ach ath‐dhìolaidh mi; seadh, ath‐dhìolaidh mi rin uchd,
7
Ur n‑euceartan, agus euceartan ur n‑athraichean le chèile, deir an Tighearna, a loisg tùis air na slèibhtean, agus a thug toibheum dhomh air na cnuic; seadh, tomhaisidh mi air ais dhaibh nan uchd an obair a rinn iad roimhe seo.
8
Mar seo deir an Tighearna, Amhail a gheibhear am fìon nuadh anns a’ bhagaide, agus a their neach, Na mill e, oir tha beannachadh ann; mar sin nì mise air sgàth mo sheirbhiseach; cha sgrios mi an t‑iomlan.
9
Agus bheir mi a‑mach sliochd o Iàcob, agus o Iùdah, sealbhadair mo shlèibhtean; agus sealbhaichidh mo mhuinntir thaghte am fearann agus gabhaidh m’òglaich tàmh ann.
10
Agus bidh Sàron na chrò chaorach, agus gleann Achoir na bhuaile bhò, airson mo shluaigh‐sa, a bha gam iarraidh.
11
Agus sibhse a thrèig an Tighearna, a dhìochuimhnich mo shliabh naomh; a tha a’ deasachadh bùird do Ghad, agus a’ lìonadh ìobairt‐dibhe do Mheni;
12
Airmhidh mi sibhse a‑chum a’ chlaidheimh agus cromaidh sibh uile sìos a‑chum a’ chasgraidh; a chionn, nuair a ghlaodh mi, nach do fhreagair sibhse; nuair a labhair mi, nach d’èisd sibh; ach rinn sibh olc ann am shealladh, agus an nì anns nach robh tlachd agam roghnaich sibh.
13
Air an adhbhar sin, mar seo deir an Tighearna Iehòbhah, Feuch, ithidh m’òglaich‐sa, ach bidh acras oirbhse; feuch, òlaidh m’òglaich‐sa, ach bidh tart oirbhse; feuch, nì m’òglaich‐sa gàirdeachas, ach bidh nàire oirbhse:
14
Feuch, seinnidh m’òglaich‐sa tre aoibhneas cridhe, ach glaodhaidh sibhse tre dhoilgheas cridhe; agus tre chràdh spioraid nì sibh caoineadh.
15
Agus fàgaidh sibh ur n‑ainm mar mhallachadh dom mhuinntir thaghte‐sa; oir marbhaidh an Tighearna Iehòbhah thu, agus bheir e ainm eile air a òglaich.
16
An neach a bheannaicheas e fhèin air talamh, beannaichidh e e fhèin ann an Dia na fìrinn; agus an neach a bheir mionnan air talamh, mionnaichidh e air Dia na fìrinn; a chionn gu bheil na h‑àmhgharan roimhe air an dìochuimhneachadh, agus a chionn gu bheil iad falaichte om shùilean.
17
Oir feuch, cruthaichidh mi nèamhan nuadha agus talamh nuadh; agus cha chuimhnichear iad sin a bha ann roimhe, agus cha tig iad ann an aire don duine.
18
Ach dèanaibh‐se gàirdeachas, agus bithibh aoibhneach gu cian nan cian, airson an nì a chruthaicheas mi; oir feuch, cruthaichidh mi Ierusalem na cùis‐aoibhneis, agus a sluagh nan cùis‐ghàirdeachais.
19
Agus bidh mi aoibhneach ann an Ierusalem, agus nì mi gàirdeachas ann am shluagh; agus cha chluinnear guth caoidh no guth caoinidh innte nas mò.
20
Oir cha bhi as a sin suas naoidhean geàrr‐shaoghalach, no seann duine nach do choilean a làithean; oir bàsaichidh an naoidhean nuair a ruigeas e ceud bliadhna a dh’aois; ach bidh am peacach a ruigeas ceud bliadhna a dh’aois mallaichte.
21
Agus togaidh iad taighean, agus gabhaidh iad còmhnaidh annta; agus suidhichidh iad fìonliosan, agus ithidh iad den toradh.
22
Cha dèan iadsan togail, agus neach eile àiteachadh; cha dèan iadsan suidheachadh, agus neach eile ithe; oir mar làithean craoibhe bidh làithean mo shluaigh‐sa; agus mealaidh mo mhuinntir thaghte rè ùine fhada obair an làmh fhèin.
23
Cha saothraich iad gu dìomhain, cha mhò a ghineas iad sliochd a‑chum dragha; oir is iad sìol dhaoine beannaichte an Tighearna, agus an sliochd maille riu.
24
Agus tàrlaidh, mun gairm iad, freagraidh mi; agus am feadh a bhios iad fòs a’ labhairt, èisdidh mi.
25
Nì am madadh‐allaidh agus an t‑uan ionaltradh le chèile; agus ithidh an leòmhann connlach mar an damh; ach is e an duslach as biadh don nathair. Cha dochainn agus cha mhill iad nam shliabh naomh‐sa uile, deir an Tighearna.
← Chapter 64
Jump to:
Chapter 1
Chapter 2
Chapter 3
Chapter 4
Chapter 5
Chapter 6
Chapter 7
Chapter 8
Chapter 9
Chapter 10
Chapter 11
Chapter 12
Chapter 13
Chapter 14
Chapter 15
Chapter 16
Chapter 17
Chapter 18
Chapter 19
Chapter 20
Chapter 21
Chapter 22
Chapter 23
Chapter 24
Chapter 25
Chapter 26
Chapter 27
Chapter 28
Chapter 29
Chapter 30
Chapter 31
Chapter 32
Chapter 33
Chapter 34
Chapter 35
Chapter 36
Chapter 37
Chapter 38
Chapter 39
Chapter 40
Chapter 41
Chapter 42
Chapter 43
Chapter 44
Chapter 45
Chapter 46
Chapter 47
Chapter 48
Chapter 49
Chapter 50
Chapter 51
Chapter 52
Chapter 53
Chapter 54
Chapter 55
Chapter 56
Chapter 57
Chapter 58
Chapter 59
Chapter 60
Chapter 61
Chapter 62
Chapter 63
Chapter 64
Chapter 65
Chapter 66
Chapter 66 →
All chapters:
1
2
3
4
5
6
7
8
9
10
11
12
13
14
15
16
17
18
19
20
21
22
23
24
25
26
27
28
29
30
31
32
33
34
35
36
37
38
39
40
41
42
43
44
45
46
47
48
49
50
51
52
53
54
55
56
57
58
59
60
61
62
63
64
65
66